20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd - Na h-Eilthirich

Dàn 4

Tha 'Na h-Eilthirich' mu dhaoine a dh'fhàg na h-Eileanan anns na seann làithean agus a chaidh a-null a Chanada air bàtaichean-siùil. Tha siùil nam bàtaichean a' cuimhneachadh dhan bhàrd nèapaigear: tha 'nèapaigear' a' samhlachadh caoineadh agus tha am muir ('deòirean') a' togail air an ìomhaigh sin. Tha an loidhne 'anns na croinn aca seòladairean a' seinn' a' cuimhneachadh dhuinn nan seann òran anns am biodh seòladairean ag innse mun chianalas a bha orra, m.e. 'Ged shreapainn bhàrr nan crann aice / Chan fhaic mi beanntan Leòdhais'. 'S e a' phrìomh chuimhne a tha againn air na h-eilthirich, tha e a' ràdh, cianalas agus bròn.


Tha ìomhaighean nas toilichte an seo cuideachd, ge-tà. Mar eisimpleir, tha siùil nam bàtaichean mar 'sgiathan geal', tha na seòladairean a' seinn anns na croinn mar eòin anns na craobhan ('croinn' de sheòrsa eile). 'S e muir samhraidh a tha ann agus tha e gorm (agus ciùin?), tha a' ghealach 'mar mheas buidhe', tha 'gealach air an oidhche agus grian air an latha' … Tha a h-uile càil dìreach mar bu chòir.


A bheil e a' ciallachadh le seo gu bheil dà thaobh air imrich gu dùthaich ùr? Tha cianalas air na daoine a tha a' falbh gun teagamh ach tha cothroman ùra a' feitheamh orra san dùthaich dha bheil iad a' dol. Tha bròn agus dòchas anns an imrich aca.


Tha Mac a' Ghobhainn a' cur tionndaidhean ùra ann an seann ìomhaigh aig an deireadh, mar a bhios e a' dèanamh glè thric. Anns na seann òrain Ghàidhlig – agus gu h-àraidh òrain nan seòladairean – bha a' ghealach na samhla air cianalas, m.e. 'Bidh a' ghealach toirt nam chuimhne/An oidhche mus do sheòl sinn.' San dàn seo tha a' ghealach an toiseach mar 'thruinnsear air balla' agus an uair sin mar 'mhagnait airgeadach'.


Bhiodh daoine uaireigin a' crochadh thruinnsearan brèagha air a' bhalla ach dè tha 'ris an tog iad an làmhan' a' ciallachadh'? Mar as trice tha togail làmhan a' ciallachadh adhradh no ùmhlachd. An e sin a tha e a' ciallachadh an seo no rudeigin eile?


Is e ìomhaigh de sheòrsa ùr, annasach a tha sa 'mhagnait airgeadach'. Tha a' ghealach a-nise air a faicinn mar inneal eileagtronaigeach a tha a' cur gathan sìos gu talamh agus a' goirteachadh cridhe nan eilthireach. Tha i fhathast na comharra air cianalas, mar a bha i sna seann òrain, ach tha Mac a' Ghobhainn air tionndadh ùr a chur san t-seann ìomhaigh a tha a' toirt oirnn smaoineachadh. Tha seo a' tachairt tric na bhàrdachd.


'S e saor-rannaigheacht a tha am bàrd a' cleachdadh anns an dàn seo.


Na h-Eilthirich

  • A liuthad soitheach a dh'fhàg ar dùthaich
  • le sgiathan geala a' toirt Chanada orra.
  • Tha iad mar neapaigearan nar cuimhne
  • 's an sàl mar dheòirean
  • 's anns na croinn aca seòladairean a' seinn
  • mar eòin air gheugan.
  • Muir na Màigh ud, gu gorm a' ruith,
  • gealach air an oidhche, grian air an latha,
  • ach a' ghealach mar mheas buidhe,
  • mar thruinnsear air balla,
  • ris an tog iad an làmhan
  • no mar mhagnait airgeadach
  • le gathan goirte
  • a' sruthadh don chridhe.

Na h-Eilthirich

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Na h-Eilthirich

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ag aithris an dàn, Na h-Eilthirich.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.