20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd - An t-Amadan

Dàn 3

Tha 'amadan' an seo a' ciallachadh an seòrsa cleasaiche a bhiodh aig uaislean no rìghean anns na seann làithean airson spòrs a chumail riutha. Bhiodh aodach ioma-dhathach air na cleasaichean seo, mar as trice de dhà dhath soilleir mar buidhe is dearg. Canar 'fool's motley' ris anns a' Bheurla. Is e 'an t-amadan' san dàn seo am bàrd fhein agus 's e an dà dhath an dà chànan a tha aige, Beurla agus Gàidhlig.


Tha uisge mar as trice ann am bàrdachd Mhic a' Ghobhainn a' samhlachadh ùine a' dol seachad agus an eòlais agus nan atharrachaidhean a tha a' tighinn leatha. Tha an t-uisge, a bheatha gu seo, air toirt air an dà dhath ruith na chèile, a' dèanamh aon dath 'neònach' ùr nach eil dubh no dearg, Beurla no Gàidhlig.


Tha e eadar dà shaoghal, Beurla agus Gàidhlig, agus air sgàth sin cha dèan e a shlighe ceart agus cha thuig an dara cuid luchd na Beurla no luchd na Gàidhlig ceart e.


An t-Amadan

  • Ann an aodach an amadain,
  • an dà dhath a thachair rium –
  • Beurl' is Gàidhlig, dubh is dearg,
  • cùirt na h-eucoir, aobhar m' fheirg,
  • 's an t-uisge mìn ud o na beanntan
  • 's na mill dhòrainneach om inntinn
  • a' sruthadh an dà dhath ri chèile
  • gus am falbh mi air bheag lèirsinn
  • anns an aon dath a tha cho neònach
  • 's nach tuig an Rìgh fhèin mo chòmhradh.

An t-Amadan

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Na h-Eilthirich

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ag aithris an dàn, Na h-Eilthirich.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.