20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Bàrdachd - Aig a' Chladh

Tha am bàrd ann an cladh aig tiodhlaigeadh caraid dha agus tha e toirt dhuinn dealbh air an t-suidheachadh tro ìomhaighean: ìomhaighean dorcha, ìomhaighean soilleir, agus còmhstrì eadar ìomhaighean air seasmhachd agus air atharrachadh. Is e na h-ìomhaighean soilleir air blàths, fàs agus gluasad a tha a' faighinn làmh an uachdair, a' sealltainn nach eil bàs a charaid air am bàrd fhàgail mì-dhòchasach.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Aig a' Chladh

  • Chunna mi aig a' chladh an dè iad,
  • le adan dubh' orr' 's grian ag èirigh,
  • deàrrsadh dhìtheanan mun casan,
  • is fear a' caitheamh searbh-lèine.
  • Lasair an adhair, cuan a' seinn,
  • dòrtadh fheur, is seasmhachd bheann,
  • còmhradh bàsmhor adan dorcha,
  • bàrdachd samhraidh bun-os-cionn.
  • Latha farsaing fad' air fàire,
  • Bìoball a' losgadh ann an làmhan
  • gaoithe 's grèine, 's cuan a' tuiteam
  • mar dheise fhalamh air an tràigh ud.
  • 'S tha esan a nise far a bheil e,
  • mo nàbaidh na laighe fon t-seillean
  • B' e 'm bàs a thug bàs dha 's cha b'e 'm peileir.
  • Is grian a' dòrtadh, cuan a' dòrtadh,
  • adan dubh' gu dorch a' seòladh
  • air cuan ròsan mar a dh'fhalbhas
  • facail bhochd' air làn na ceòlraidh.

Aig a' Chladh

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Beachd a' bhàird air creideamh

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: Tha mi an aghaidh creideimh. Nuair a chì mi na cogaidhean a tha a' dol air adhart air feadh an t-saoghail, agus nuair a chì mi daoine ann an Glaschu aig Rangers is Celtic agus mar sin air adhart…. Tha mi a' smaoineachadh nuair a tha Dia ann, faodaidh dà thaobh a tha a' sabaid ri chèile, 's mathaid nach urrainn dhaibh gabhail air a chèile ann an argamaid, ach bidh an dàrna taobh ag ràdh gu bheil Dia air an taobh-san agus an taobh eile ag ràdh gu bheil Dia air an taobh-san. Agus tha mi creidsinn gu robh na Gearmailtich ag ràdh gu robh Dia air an taobh-san cuideachd nuair a bha an cogadh ann. Tha e cho furasta, tha mi a' smaoineachadh, cantainn uill, seo an rud a tha Dia ag ràdh agus tha mi dol ga do mharbhadh seach gur e Dia a thuirt rium do mharbhadh.

Martainn Dòmhnallach: 'S dòcha gur e mearachd a tha daoine a' dèanamh mu dheidhinn toil Dhè a tha sin...

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: 'S mathaid gur e mearachd a th' ann ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine ann a nì seo a dh' aon ghnothaich agus a chleachdas Dia anns an dòigh sin. Nuair a chì sinn feadhainn ann an Ameireaga gu h-àraidh, a chleachdas creideamh airson a bhith a' dèanamh airgead mòr dhaibh pèin, agus nuair a chì sinn daoine a' murt a chèile ann an Algeria is ann an iomadach ceàrnaidh, tha mi a' smaoineachadh gur e rud uabhasach cunnartach a th' ann.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.