20mh linn / Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Am Bàrd

Iain Crichton Mac a' Ghobhainn

Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, àite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.


An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhàgail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e làithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh làn-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.


Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bàrdachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cànan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.


Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dàin aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhàird gu aire mòran dhaoine.


Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bàrdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.


Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dàmhair 1998.


Latha-breith:

1 Faoilleach 1928

Àite:

Glaschu

Foghlam:

Sgoil Phabail, an Rubha

Àrd-sgoil MhicNeacail

Oilthigh Obar Dheathain

Colaiste Chnoc Iordain, Glaschu

Teacsa

A' cuimhneachadh air laithean òige

Anns a' chiad àite bha an teaghlach gu math bochd, leis an fhìrinn innse. Bhàsaich m' athair nuair a bha mise aon bhliadhna agus 's e banntrach a bha na mo mhàthair. Tha mi a' smaoinechadh gu robh widows' pension aice, ochd tastan deug no rudeigin a bhiodh i a' faighinn san t-seachdain. Bha triùir bhalach ann agus air an adhbhar sin cha bhiodh sinn a' dol a Steòrnabhagh ach glè ainneamh. Tha mi a' smaoineachadh gur e aon latha anns a' bhliadhna a bhiodh sinn a' faighinn suas a Steòrnabhagh air a' bhus. Agus bhithinn a' dol a dh'fhaighneachd dha na bodaich, bha feusagan air na bodaich an uair sin, a h-uile duine aca le feusag. An-diugh, 's ann a tha na feusagan air an fheadhainn òga, ach an uair sin bhiodh a h-uile duine is feusag orra. Bhithinn a' faighneachd dhaibh dè an seòrsa latha bha gu bhith ann a-màireach. O, bha latha math, math tha gu bhith ann a-màireach. 'S e sin an aon latha ann an Steòrnabhagh is a' faighinn ice-cream, is mathaid ùbhlan, 's mathaid a' dol a-steach dhan an taigh-dhealbh ach aig aon-bliadhna deug chaidh mi dhan an sgoil agus chan eil mi a' smaoineachadh gun do chuir e mòran dragh orm a-riamh. Bhiodh sinn a' dol suas 's a' tighinn air ais a h-uile h-oidhche air a' bhus agus chan eil mi a' smaoineachadh gun do chuir e mòran dragh orm ceart gu leòr a bhith a Steòrnabhagh.

An aon rud a chuir dragh orm, agus chuir e gamhlas orm ann an dòigh, nuair a chaidh mi a sgoil Steòrnabhaigh an toiseach, cha robh Frangais agam agus b' fheudar dhut a bhith a' sgrùdadh Frangais ann an sgoil Steòrnabhaigh aig an àm ud. B' fheudar dhòmhsa a dhol air ais clas. Thàinig mi bho secondary one à Pabail agus bha dùil agamsa gun deidhinn gu secondary two anns an Nicolson ach seach nach robh Frangais agam ann am Pabail, chuir iad air ais mi bliadhna agus an dèidh sin ghabh mi gamhlas mòr dhan a' chànan sin nuair a bha mi anns an sgoil.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.