18mh linn / Dùghall Bochanan

Cuspairean

'S e a' phrìomh amas a tha aig Dùghall Bochanan na bhàrdachd daoine a thoirt gu eòlas pearsanta air Dia le bhith a' cur teagasg an t-Soisgeil fan comhair. Ged is e searmonachadh a tha fa-near dha sa chiad dol-a-mach, tha cuideachd sgilean cànain agus rannaigheachd aige agus mac-meanmna beòthail a tha ga shònrachadh mar bhàrd ann an seagh nas fharsainge. Mar eisimpleir, tha bàrdachd nàdair nach eil mòran dhe a leithid sa Ghàidhlig ri fhaighinn ann an 'Òran a' Gheamhraidh', ged nach e sin prìomh chuspair an dàin.


Bha buaidh mhòr aig laoidhean Beurla air Bochanan, gu ìre gu bheil e glè thric a' togail na brìgh asta gun mòran sam bith atharrachadh air an susbaint, ach tha e an còmhnaidh a' cur a dhreach fhèin orra.


Teacsa

Bha Bochanan math air ìomhaighean a tharraing

Chì sinn gu robh alt air leth aige ann a bhith a' tarraing ìomhaighean o obair nàdair, chì sinn sin as An Geamhradh agus ann am bàrdachd eile. Ach a' rud a tha iongantach mu dheidhinn, tha Dòmhnall Meek a' dèanamh a-mach gu bheil còrr is dà thrian dhan a' bhàrdachd aig Bochanan, gur ann air a thoirt à bàrdachd Bheurla a tha e, ach chan aithnicheadh tu sin air, chionn tha dreach cho Gàidhealach 's cho Gàidhlig air a chuir air.

Tha Mòrachd Dhè, nuair a choimheadas tu air a' chiad rann, 's e dìreach a' chiad rann a bh' as a' bhàrdachd aig Isaac Watts a bh' ann, ach tha e air cruth cho Gaidhealach a chuir air agus nach aithnicheadh tu nach e e-fhèin a sgrìobh e air tùs.

Agus chan eil e 'g innis e-fhèin am bad sam bith gu robh e an eisimeil nam bàird Shasannach a bha seo. Ach gu leòr dhan an obair aige, 's ann air tighinn o na bàird eile a tha e, ged a tha esan air a dhèanamh tur Gaidhealach. Chan aithnicheadh tu nach e e-fhèin a sgrìobh e o thùs.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.