18mh linn / Dùghall Bochanan

Bàrdachd - An Gaisgeach

Dàn 3

Tha Bochanan a' meòmhrachadh san dàn seo air nàdar gaisgeachd. Chan eil e a' toirt an urram sin do sheanalairean no luchd-riaghlaidh ainmeil oir, na bheachd-san, ged a bha làmh-an-uachdair aca air càch, cha robh an còmhnaidh smachd aca orra fhèin no air na buairidhean agus uallaichean a tha a' cuartachadh mac-an-duine. 'S e am fìor ghaisgeach an neach a bheir ionnsaigh air na rudan sin agus a nì a' chùis orra, a rèir Bhochanain.


Tha am bàrd a' cleachdadh diofar dhòighean airson a theachdaireachd a thoirt beò agus a chur tarsainn ann an dòigh a ghlacas ar n-aire, leithid: seanfhacail ("'S lèir dha 'n dubhan crom tron bhiadh"), dealbhan beòthail ("Is ge do sgaoil an strìopach lìon gu ghlac' le innleachdaibh a mais', cha drùidh air dealanach a sùil 's cha leagh i rùn le miannaibh laist") agus ìomhaighean. Tha cuid de na h-ìomhaighean sin air an togail às a' Bhìoball – mar eisimpleir, "armachd Dhè" o litrichean Phòil – ach tha cuid eile a' tighinn à saoghal na saighdearachd - mar eisimpleir, gu bheil smuaintean diadhaidh mar loidhne-dìon shaighdearan mun cuairt air an duine cheart, am fìor ghaisgeach, agus gu bheil e fhèin na "Chaiptean seòlta" orra.


An Gaisgeach

  • Cha bu ghaisgeach Alasdair Mòr
  • No Ceusar thug an Ròimh gu gèill;
  • Oir ged a thug iad buaidh air càch,
  • Dh'fhan iad nan tràill' dam miannaibh fèin.
  • Ach 's gaisgeach esan a bheir buaidh
  • Air eagal beatha 's uamhann bais,
  • 'S a chòmh'laicheas le misnich crìdh'
  • A h-uile nì atà dha 'n dàn.
  • San oidhch' nuair laigheas e chum suain,
  • Bidh shubhailcean mun cuairt da fèin,
  • Mar shaighdearan mu thimcheall rìgh,
  • Ga dhìdean o gach nàmhaid treun.
  • Sa mhadainn nuair a dh'èireas suas,
  • Cruinnichidh smuaintean às gach àit',
  • 'S e fèin nan ceann mar chaiptean seòlt',
  • Gan suidheachadh an òrdugh blàir.
  • Tha inntinn daingeann mar a' chreag,
  • Cha charaich eagal e no fiamh;
  • Tha shùilean furachair is geur;
  • Is lèir dha 'n dubhan crom tron bhiadh.
  • Gu dìomhain nochdaidh 'n saogh'l a ghlòir,
  • Gach òr is inbhe atà ann;
  • Ta saidhbhreas aig' cho pailt na chrìdh'
  • 'S gur truagh leis rìgh is crùn mu cheann.
  • Is ge do sgaoil an strìopach lìon,
  • Gu ghlac' le innleachdaibh a mais',
  • Cha drùidh air dealanach a sùl,
  • 'S cha leagh i rùn le miannaibh laist'.
  • A nàmh cha choisinn air gu bràth,
  • Ged gheibh e sàrachadh ri h-uair;
  • 'S e neart 's a shlàinte cridhe brùit',
  • Is air a ghlùinibh bheir e buaidh.
  • 'S i 'n fhìrinn ghlan as clogad da,
  • Is gràs a chreideimh aig' mar sgiath;
  • 'S e 'n Sgriobtar naomh a chlaidheamh geur,
  • 'S a mhisneach ta gu lèir an Dia.
  • O m' anam, dùisg is deasaich t' airm,
  • 'S gabh farmad ris a' ghaisgeach threun,
  • Is t' ana mianna cuir fo chìs,
  • Chum rìogh'chd a cheannsach' annad fèin.
  • Biodh t' inntinn àrd os cionn nan speur –
  • Chan eil fon ghrèin ach pòrsan truagh;
  • Mar tholman ùire faic an saogh'l,
  • Is daoin' mar sheangain air mun cuairt:
  • A null 's a nall gun fhois gun tàmh,
  • A' cruinneach' às gach àit' dan cist',
  • Gu lìonmhor marcachd thar a chèil'
  • 'S a' trod gu geur mu bhioran brist'.
  • Nuair chì thu 'n sealladh seo den t sluagh,
  • Do smuainte cruinnich riut gu lèir,
  • A shealbhach' saidhbhreis, sonais 's sìth
  • Air nach tig crìoch ad anam fèin.

An Gaisgeach

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' toirt dealbh dhuinn air cò mu dheidhinn a tha An Gaisgeach

Anns a' chiad sreath.. sreath, anns a' chiad rann as a' bhàrdachd seo, saoilidh mi gu bheil e a' toirt dealbh dhuinn air cò mu dheidhinn a tha An Gaisgeach, on tha e ag ràdh:

"Cha bu ghaisgeach Alasdair Mòr, No Cèasar thug an Ròimh gu gèill; Oir ged a thug iad buaidh air càch, Dh'fhan iad nan tràill' dam miannaibh fèin."

Agus tha e mar gum biodh a' cuir nan ceist "Cò am fìor gaisgeach?" An e an duine a tha a' cosnadh cliù ann an cath? Agus feumaidh sinn cuimhneachadh mun àm sin gun robh bliadhna Theàrlaich ann, 's gun deachaidh feadhainn dha na càirdean aige fhèin a mharbhadh 's a chuir dhan phrìosan, aig an àm sin. Agus daoine, na bàird eile 's docha, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, 's Donnchadh Bàn a' bruidhinn air gaisge, air na cinn-fheadhna a bha cho treun ann an cath.

Ach, Dùghall ag ràdh gur e am fìor ghaisgeach an duine a bheir buaidh air a nàdar fhèin, air na rudan dorcha a tha na nàdar, agus a bheir àite na bheatha do na rudan a tha, tha fìor-mhath agus fìor-bhrèagha.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dùghall Bochanan

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.