18mh linn / Dùghall Bochanan

Bàrdachd - An Geamhradh

Ged is e dàn spioradail a tha an seo, tha deagh bhàrdachd nàdair ann cuideachd, le dealbhan beòthail air ràith a' Gheamhraidh agus feum sgileil air a dhèanamh de ìomhaighean nàdair gus teachdaireachd spioradail a' bhàird - gum bu chòir do dhaoine tionndadh gu Dia mus bi e fadalach – a chur an cèill.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


An Geamhradh

  • Do theirig an samhradh,
  • 'S tha 'n geamhradh teachd dlùth oirnn,
  • Fìor nàmhaid na chinneas,
  • Teachd a mhilleadh ar dùthcha,
  • Ga saltairt fo chasaibh
  • 'S da maise ga rùsgadh
  • Gun iochd ann ri dadam
  • Ach a' sladadh 's a' plunndrainn.
  • Sgaoil oirnne a sgiathan,
  • 'S chuir e ghrian air a chùlaibh,
  • Às an nead thug e 'n t-àlach,
  • Neo-bhàidheil gar sgiùrsadh;
  • Sneachd iteagach glè-gheal
  • O na speuraibh teachd dlùth oirnn,
  • Clacha-meallain 's gaoth thuathach,
  • Mar luaidhe 's mar fhùdar.
  • Nuair shèideas e anail,
  • Chan fhàg anam am flùran;
  • Tha bhilean mar shiosar,
  • Lomadh lios de gach ùr-ròs:
  • Cha bhi sgeadach' air coille
  • No doire nach rùisg e,
  • No sruthan nach tachd e
  • Fo leacannan dùbh-ghorm.
  • Fead reòthta a chleibhe
  • Tha seideadh na doininn,
  • A chuir beirm anns an fhairge
  • 'S a dh'at garbh i na tonnan:
  • 'S a bhinntich an clàmhainn
  • Air àìrde gach monaidh,
  • 'S ghlan sgùr e na reultan
  • Dar pèile len solas.
  • Tha gach beathach is duine
  • Nach d' ullaich na sheusan
  • Gan sgiùrsadh le gailleann,
  • Gun talla, gun eudach;
  • 'S an dream a bha gnìomhach
  • Fas iargalt', mi-dhèirceil,
  • Nach toir iasad do leisgean
  • Anns an t-sneachda ged èug e.
  • Tha 'n seillean 's an seangan,
  • A bha tional an stòrais
  • Le gliocas gun mhearachd,
  • A' toirt aire don dòrainn,
  • 'G ithe bìdh 's ag òl meala,
  • Gun ghainne air lòn ac',
  • Fo dhìon anns an talamh
  • O anail an reòthta.
  • Tha na cuileagan ciatach
  • Bha dìomhain san t-samhradh,
  • Sna gathannaibh grèine
  • Gu h-èibhinn a' dannsa,
  • Gun deasach', gun chùram
  • Ro Dhùbhlachd a' gheamhraidh,
  • A nis a' dol bàs
  • Anns gach àite le teanntachd.
  • Ach èist rium, a sheann duin',
  • 'S tuig an samhla tha 'm stòiridh:
  • Tha 'm bàs a' teachd teann ort –
  • Siud an geamhradh tha 'm òran;
  • 'S ma gheibh e thu ad leisgean,
  • Gun deasach' fa chòmhdhail,
  • Cha dèan aithreachas crìche
  • Do dhìonadh on dòrainn.
  • Ach, òganaich threubhaich,
  • Thoirr-s' èisteachd dom òran
  • 'S leig dhìot bhith mì-chèillidh
  • Ann an Cèitean na h-òige;
  • Tha aois agus euslaint
  • Air do dhèidh ann an tòir ort,
  • 'S ma nì h-aon aca grèim ort,
  • Pillidh t' èibhneas gu bròn duit.
  • An aois atà 'n tòir ort,
  • Bheir i leòn ort nach saoil thu:
  • Air do shùilibh bheir ceathach
  • Is treabhaidh i d' aodann;
  • Bheir i crith-reoth' mud ghruaig
  • Is neul uaine an aoig leis,
  • 'S cha tig aiteamh no grian ort
  • Bheir an liath-reoth' a-chaoidh dhìot.
  • Bheir nas measa na siud ort,
  • Fàilinn tuigs' agus reusain,
  • Dìth leirsinn ad inntinn,
  • Dìth cuimhn' agus gèire;
  • Dìth gliocais chum gnothaich,
  • Dìth mothaich ad cheudfath,
  • 'S gum fàs thu mar leanabh,
  • Dhìth spionnaidh is cèille.
  • Fàsaidh 'n cridhe neo-aithreach,
  • 'S neo-ealamh chum tionndadh:
  • Aon tagradh cha drùidh air,
  • 'S cha lùb e da ionnsaigh;
  • Ceart mar tha 'n talamh
  • 'N àm gaillinn is teanntachd,
  • Ged robh mìltean dol thairis,
  • Cha dèan aile sa chabhsair.
  • Faic seusan na bliadhna
  • 'S dèan ciall uaithe tharraing,
  • 'S mas àill leat gum buain thu,
  • Dèan ruathar san earrach;
  • Dèan connadh san t-samhradh
  • Nì sa gheamhradh do gharadh;
  • 'S ma dhìobras tu 'n seusan,
  • Dhuit 's èiginn bhith falamh.
  • 'S mur cuir thu sìol fallain
  • Ann an earrach na h-òige,
  • Cho cinnteach 's am bàs duit,
  • Cuiridh Sàtan droch phòr ann,
  • A dh'fhàsas na dhubhailc
  • 'S na luibheannan feòlmhor,
  • 'S bidh do bhuain mar a chuir thu,
  • Mas subhailc no dò-bheart.
  • Ma bhios t' òige gun riaghladh,
  • 'S t' ana miannan gun taod riu,
  • Gum fàs iad cho fiadhaich
  • 'S nach srian thu ri t' aois iad;
  • Am meangan nach snìomh thu,
  • Cha spion thu na chraoibh e –
  • Mar shìneas e gheugan,
  • Bidh fhreumhan a' sgaoileadh.
  • Tha do bheatha neo-chinnteach
  • On teinn a bheir bàs ort:
  • Uime sin, bi ri dìcheall
  • Do shìth dhèanamh tràthail;
  • 'S e milleadh gach cùise
  • Bhith gun chùram cur dàil innt' –
  • 'S ionann aithreachas criche
  • 'S bhith cur sìl mu Fhèill Màrtainn.
  • Tha ghrian anns na speuraibh
  • A' ruith rèise gach latha,
  • 'S i giorrach' do shaoghail
  • Gach oidhche a laigheas:
  • 'S dlùth ruitheas an spàla
  • Tro shnàthaibh do bheatha
  • Tha fìgheadh dhut lèine
  • Nì bèistean a chaitheamh.
  • 'S ma ghoideas e dlùth ort,
  • Gun do dhùil bhith ra thighinn,
  • 'N sin fosglaidh do shùilean
  • 'S chì thu chùis thar a mithich;
  • Bidh do chogais gad phianadh,
  • Mar sgian ann ad chridhe –
  • 'S co-ionann a giùlan
  • 'S laighe rùisgt' ann an sgitheach.
  • Faic a' chuileag ga dìteadh
  • Le siantaibh an nàdair,
  • 'S on a dhìobair i 'n seusan,
  • Gur h-èiginn di bàsach';
  • Faic gliocas an t seangain
  • Na thional cho tràthail,
  • 'S dèan 'eisimpleir leanail
  • Chum t' anam a shàbhal'.

An Geamhradh

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Beachd air susbaint na bàrdachd

Nuair a tha thu a' tòiseachadh a leughadh a' phìos bhàrdachd seo, chanadh tu gur e dìreach òran a th' ann mun a' gheamhradh - a' chiad sia no ochd rainn, tha mi smaoineachadh.

'S ann dìreach ag innse dhuinn mu na rudan a bha tachairt anns a' gheamhradh, mar a bha sneachd a' tighinn 's reothadh 's rudan searg, agus chanadh tu dìreach gur e e Donnchadh Ban no Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a bha air seo a sgrìobhadh.

Ach an uair sin tha e a' tionndadh as a' mhionaid agus tha facal aige ri seann daoine, agus tha e 'g ràdh sin, "Seo mar a tha beatha an duine, tha an geamhradh a' tighinn 's feumaidh tu ullachadh a dhèanamh." 'S an uair sin, an dèidh dha grunn earrainnean a chur seachad a' comhairleachadh dhaoine a th' air tighinn gu aois, tha e an uair sin a' tionndadh ris an òigridh 's ag ràdh, "Ged a tha thusa òg, thig an là, 's thig an geamhradh air do bheatha fhèin," 's tha e 'g innse mu na rudan, gu math dealbhach ag innse mar a dh'fhalbhas neart an duine nuair a dh'fhàsas e sean, 's gur e gliocas a th' ann a bhith dèanamh ullachaidh nuair a tha thu òg.

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na trì pìosan as a' bhàrdachd. Tha e tòiseachadh, chanadh tu dìreach gur e dealbh a th' ann dha rudan a tha tachairt anns a' gheamhradh. 'S an uair sin, tha e ag ràdh ri seann daoine gum bu chòir ullachadh a dhèanamh mus bi e ro fhada.

Tha sreathan ann a tha gu math ainmeil mu dheidhinn "'S ionann aithreachas crìche, 's bhi cur sìl mu Fhèill Mhàrtainn," agus chionn gu robh e-fhèin na thuathanach 's gu robh athair na thuathanach, bha e eòlach air obair fearainn agus na daoine a bha 'g èisteachd ris, bha fhios aca gur e rud amaideach a bh' ann a bhith, a bhith cur sìl as an t-Samhain mu Fhèill Mhàrtainn, agus an uair sin facal aige ris an òigridh mar gum biodh na tri earrainnean as a, as a' bhàrdachd a tha seo.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dùghall Bochanan

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.