18mh linn / Dùghall Bochanan

Am Bàrd

B' e Dùghall Bochanan sàr bhàrd a' ghluasaid spioradail anns an 18mh linn, agus sgaoil na h-òrain aige air feadh na Gàidhealtachd.


Rugadh Bochanan ann an 1716 ann an Àrdach ann an Siorrachd Pheairt, faisg air crìochan deas na Gàidhealtachd.


Bha leanabachd dhuilich aige: bha a phàrantan diadhaidh, agus bhiodh a mhàthair, Sìne, ga chumail air falbh bho chlann eile, 's i den bheachd gum biodh droch bhuaidh aca air Dùghall. Bhàsaich ise 's e dìreach sia bliadhna a dh'aois, agus bhon sin a-mach b' e foghlam foirmeil prìomh bhuaidh a bheatha.


Thug e greis ag ionnsachadh saorsainneachd ann an Kippen 's an Dùn Bhreatann, ach cha do mhair sin. 'S e àm na bheatha anns an robh e anabarrach gòrach a bha seo, suas gu 1744 nuair a chaidh iompachadh.


Fhuair e beagan foghlaim san sgìre na òige, ann an tè de sgoiltean a' 'Chomann airson Adhartachadh Eòlas Crìosdail ann an Alba' (an S.S.P.C.K.). An uair sin bha e greis ann an Sruighlea 's an Dùn Èideann, agus leis an sin bha e dà-chànanach ann am Beurla agus ann an Gàidhlig.


Chùm Bochanan cunntas air làithean òige ann an leabhraichean-latha; cluinnear annta mar a bhiodh e a' briseadh na Sàbaid, a' bruadar mu dheidhinn breitheanas, agus beò ann an seòrsa de eu-dhòchas.


Ann an 1749, phòs e Mairead Brisbane, nighean maor Iarla Lughdan, agus rinn iad an dachaigh ann an Àrdoch. An sin, fhuair e dreuchd bhon S.S.P.C.K. mar mhaighstir-sgoile agus ceistear.


'S ann air cuspairean spioradail a tha na tha againn dhen bhàrdachd aige - chan eil ach ochd pìosan rin lorg an-diugh. A dh' aindeoin seo, tha na Laoidhean Spioradail aige air a bhith gu math soirbheachail, agus chaidh an ath-fhoillseachadh iomadh turas.


Nochd a' chiad fhoillseachadh ann an 1767, a' bhliadhna anns an do nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba. Bha ceangal teann eadar Bochanan agus an Tiomnadh Nuadh, oir bha e fhèin ann an Dùn Èideann a' bhliadhna sin agus b' e a stiùir an Tiomnadh Nuadh tron chlò.


An ath bhliadhna bha aige ri dhol dhachaigh a choimhead às dèidh an dithis bhalach aige, 's iad tinn le fiabhras. Ghlac e fhèin an tinneas, agus bhàsaich e goirid an dèidh sin aig 52 bliadhna a dh' aois. Chaidh a thiodhlacadh còmhla ri shinnsirean ann am Both Chuidir.


Dh'fhàg e dìleab mhaireannach againn anns na laoidhean Gàidhlig aige, agus tha an Tiomnadh Nuadh a chuir e tron chlò ann an 1767 fhathast ga cleachdadh.


Latha-breith:

1716

Àite:

Àrdach ann an Siorrachd Pheairt

Foghlam:

Tè de sgoiltean an S.S.P.C.K. ann an Siorrachd Pheairt

Fhuair e tuilleadh foghlaim ann an Sruighlea 's an Dùn Èideann

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' bruidhinn mi òige Dhùghaill

Rugadh e ann an 1716 nuair a bha a' chiad ar-a-mach aig na Seumasaich ann agus bha na càirdean aige fhèin, bha iad nan Seumasaich, tha mi creids gu robh buaidh aig a' sin air. Nuair nach robh e ach 6 bliadhna a dh'aois chaochail a mhàthair agus bhiodh buaidh aig a' sin air.

An seòrsa duine a bh' ann, bha mac-meanmna aige a bha glè bheò, bhiodh e faicinn bhruadairean nuair a bha e òg. Agus thogadh e ann an dachaigh far an robh daoine aig an robh creideamh mòr agus creideamh làidir, agus bhiodh buaidh aig a' sin air a' bhalach na òige cuideachd.

Agus fhuair e cead a bhith 'g èisteachd ri searmonaichean ainmeil, gu ruigeas Seòras Whitfield, soisgeulaiche Sasannach, chuala e esan a' bruidhinn agus bha buaidh aig a' sin air inntinn cuideachd. Agus rud a bha gu math iongantach, rud nach eil againn a thaobh na bàird eile, bhiodh e a' sgrìobhadh – canaidh iad gur e leabhar-latha a bh' ann, ach chan e buileach leathar-latha - bhiodh e cur sìos na smuaintean a bha a' tighinn thuige agus uaireannan chì sinn as na smuaintean a bha sin rudan a bha tachairt mun cuairt air.

Ach, mar a tha fìor mun a h-uile duine eile, mu h-uile bàird eile, 's dòcha, bha buaidh aig na rudan a thachair na òige air. Agus, cha robh e ach glè òg nuair a bha Bliadhna Theàrlaich ann agus feadhainn dhe na càirdean aige fhèin, bha 'd nan Seumasaich, ged nach robh mòran aig Dùghall mu na Seumasaich. Bha e gu math tàmailteach 's gu math feargach gun deach feadhainn dhe na càirdean aige fhèin a chuir dhan phrìosan 's a chuir gu bàs o chionn gu robh iad a' taobhadh ris a' Phrionnsa Teàrlach.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.