18mh linn / Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Bàrdachd - Cumha Coire a' Cheathaich

Dàn 2

Tha am bàrd an seo a' caoidh nan atharrachaidhean a thàinig air Coire Cheathaich, far an robh e fhèin na fhorsair aig aon àm, on a thàinig fear ùr, Alasdair MacEòghainn, dhan obair sin. Tha an duine seo air leigeil leis a' Choire a dhol a dhìth le cion cùraim, a rèir a' bhàird, agus air a fàgail gun fhèidh agus gun shealg.


Tha am bàrd a' dèanamh tàire air MacEòghainn agus air an obair a bha aige ron seo - bha cidsin an Taigh Mhòir an urra ris – is a' càineadh a dhol-a-mach phearsanta a tha air daoine a ghràineachadh. Tha e "mar chloich an ionad càbaig an àite na bh' ann".


Tha dealbhan den choire agus de na fèidh ann an 'Cumha Choire Cheathaich' ach 's e prìomh chuspair agus adhbhar an dàin gum bu chòir MacEòghainn a chur às a dhreuchd. Tha an dàn mar sin eadar-dhealaichte on mhòr-chuid den bhàrdachd nàdair aig Donnchadh Bàn oir chan àbhaist a bheachdan fhèin a bhith air an cur an cèill gu follaiseach annta. Tha e coltach ris a' bhàrdachd eile, ge-tà, anns an t-seagh gu bheil e a' sealltainn a' mheas mhòr a tha aige air àitichean mar Coire Cheathaich agus air an t-sealg agus an dòigh-beatha a tha a' dol leatha. Tha na rudan sin prìseil dha agus tha e na bhriseadh-cridhe dha gu bheil iad air an leigeil a dholaidh.


Cumha Coire a' Cheathaich

  • Is duilich leam an càradh
  • Th' air coire gorm an fhàsaich,
  • An robh mi greis am àrach
  • Sa Bhràighe seo thall;
  • 'S iomadh fear a bhàrr orm
  • A thaitneadh e ra nàdar,
  • Nam biodh e mar a bha e
  • Nuair dh'fhàg mi e nall;
  • Gunnaireachd is làmhach,
  • Spurt is adhbhar-ghàire
  • Chleachd bhith aig na h-àrmainn
  • A b' àbhaist bhith sa ghleann.
  • Rinn na fir ud fhàgail,
  • 'S Mac Eòghainn th' ann an-dràsta,
  • Mar chlach an ionad càbaig,
  • An àite na bh' ann.
  • Tha 'n coir' air dol am fàilinn,
  • Ged ithear thun a' bhlàir e,
  • Gun duin' aig a bheil càs deth
  • Mun àit' anns an àm;
  • Na fèidh a bh' ann air fhàgail –
  • Cha d' fhuirich gin air àrainn,
  • 'S chan eil an àite-tàmha
  • Mar bha e sa ghleann.
  • Tha 'm baran air a shàrach',
  • 'S dh'fhairtlich air an tàladh,
  • Gun sgil aig' air an nàdar
  • Ged thàinig e ann.
  • B' fheàrr dha bhith mar b' àbhaist,
  • Os cionn an t-soithich chàtha,
  • 'S a làmhan a bhith làn dith,
  • Ga fàsgadh gu teann.
  • 'S e mùthadh air an t-saoghal
  • An coire laghach gaolach
  • A dhol a-nis air faondradh
  • 'S am maor a theachd ann;
  • 'S gur h-e bu chleachdainn riamh dha
  • Bhith trusadh nan cearc biadhta –
  • Gur tric a rinn iad sianail
  • Le pianadh do làmh,
  • Is iad nam baidnibh riabhach
  • Mu t' amhaich 's ann ad sgiathan;
  • Bhiodh itealaich is sgiabail
  • Mu t' fhiaclan san am.
  • Bu ghiobach thu ri riaghailt
  • Mu chidsin taigh an Iarla,
  • Gar nach b' e do mhiann
  • Bhith cur bhian air an staing.
  • Ged tha thu nis sa Bhràighe,
  • Cha chompanach le càch thu,
  • 'S a h-uile duin' a' tàir ort
  • On thàinig thu ann.
  • Is èiginn duit am fàgail
  • Nas measa na mar thàinig;
  • Cha taitinn thu rin nàdar
  • Le cnàmhan 's le cainnt.
  • Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach,
  • Nuair rachadh tu mun cuairt daibh,
  • Cha dèan thu ach am fuadachadh
  • Suas feadh nam beann,
  • Leis a' ghunna nach robh buadhmhor,
  • 'S a' mheirg air a toll-cluaise-
  • Chan eirmis i na cruachan,
  • An cuaille dubh cam.
  • Tha choille bh' anns an fhrìth ud
  • Na cuislean fada dìreach
  • Air tuiteam is air crìonadh
  • Sìos às an rùsg;
  • Na prisean a bha brìoghmhor,
  • Na dosaibh tiugha lìonmhor,
  • Air seacadh mar gun spìont' iad
  • A-nìos às an ùir;
  • Na failleanan bu bhòidhche,
  • Na slatan is na h-ògain,
  • 'S an t-àit am biodh an smeòrach
  • Gu mòdhar a' seinn ciùil,
  • Tha iad uil' air caochladh,
  • Cha d' fhuirich fiodh no fraoch ann,
  • Tha 'm mullach bhàrr gach craoibhe,
  • 'S am maor ga thoirt diubh.
  • Ach mas duine de shliochd Phàraig
  • A thèid a nis don àite,
  • 'S gun cuir e às a làraich
  • An tàch'ran a th' ann,
  • Bidh 'n coire mar a bha e,
  • Bidh laoigh is aighean dàr' ann,
  • Bidh daimh a' dol san dàmhair
  • Air fàsach nam beann;
  • Bidh buic sna badan blàtha,
  • Na bric san abhainn làimh riu,
  • 'S na fèidh air Srath na Làirge
  • Ag àrach nam mang.
  • Thig gach uile nì ga àbhaist,
  • Le aighear is le àbhachd,
  • Nuair gheibh am baran bàirlinn
  • Siud fhàgail gun taing.

Cumha Coire a' Cheathaich

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

A' bruidhinn air atharrachadh ann am bàrdachd Dhonnchaidh

Tha mi smaoineachadh ann an Cead Deireannach nam Beann gu bheil atharrachadh mòr ann, seadh, ann an can Cumha Coire Cheathaich fhèin. Ann an Cumha Coire Cheathaich tha e a' cur coire ann an tomhas math air an d'fhear seo a thàinig, Mac Eoghainn tha mi smaoineachadh a bh' air, a thàinig na àite-san, no co-dhiù bha inbhe aige ged nach robh ann aig aon àm ach maor-sheacaid na Caimbeulaich ann an Caisteal a' Bhealaich. Ann an Cead Deireannach nam Beann 's e na h-aignean aige fhèin, am mulad a th' ann fhèin, ach an aois, an aois mhosach mar a theireadh daoine, 's e sin 's dòcha ann an tomhas mòr cuspair an òrain ach chan urrainn dha gun a bhith a' bruidhinn air agus a' cuir an cèill mar a bha Coire Cheathaich aig aon àm.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.