20mh linn / Dòmhnall Ruadh Chorùna

Bàrdachd - An Eala Bhàn

Dàn 2

'S e òran gaoil a tha seo a sgrìobh Dòmhnall Ruadh is e air a leòn ann an trainnsichean a' Chiad Chogaidh.


Ged a tha iomradh tric san dàn, mar a bhiodh dùil, air bòidhchead agus nàdar a leannain, tha a' cheart uimhir anns an òran mun t-suidheachadh chunnartach anns a bheil am bàrd anns na trainnsichean aig an àm. Tha an dàn mar sin mu dhà chuspair, cogadh agus gaol.


Tha blàr gu bhith ann an ath latha 's chan eil cinnt aig Dòmhnall Ruadh an tig e troimhe beò. Tha e ag innse mun t-sealladh mun cuairt, mar a tha an talamh air a spreadhadh dhan adhar le na gunnachan mòra agus na fuaimean eagalach a tha na chluasan 's e na shìneadh leòinte san trainnse. Tha seo a' toirt air beachdachadh air cho mì-chinnteach is a tha beatha an duine. Tha na smuaintean dubhach seo, a chianalas airson Uibhist agus a ghaol air Magaidh, air an snìomh na chèile ann an dòigh sgileil agus drùidhteach.


Tha am bàrd a' cleachdadh ìomhaighean a tha cumanta anns a' bhàrdachd gaoil thraidiseanta. Tha a leannan mar 'canach geal na mòintich' agus mar 'eala bhàn', mar eisimpleir. Tha e air leth sgileil ann a bhith cruthachadh ceòl le ruitheaman agus fuaimean na bhàrdachd.


Ged a tha na sgilean bàrdachd thraidiseanta sin san òran, ge-tà, tha guth a' bhàird fhèin a' tighinn troimhe tric. Tha e mar gum biodh e dìreach a' còmhradh ri Magaidh, agus 's e seo tòrr de neart agus de thlachd na bàrdachd seo.


An Eala Bhàn

  • Gur duilich leam mar tha mi,
  • 'S mo chridhe 'n sàs aig bròn
  • Bhon an uair a dh'fhàg mi
  • Beanntan àrd a'cheò,
  • Gleanntannan a'mhànrain,
  • Nan loch, nam bàgh 's nan sròm,
  • 'S an eala bhàn tha tàmh ann
  • Gach là air bheil mi 'n tòir.
  • A Mhagaidh, na bi tùrsach,
  • A rùin, ged gheibhinn bàs -
  • Cò am fear am measg an t-sluaigh
  • A mhaireas buan gu bràth?
  • Chan eil sinn uileadh ach air chuairt
  • Mar dhìthein buaile fàs,
  • Bheir siantannan na bliadhna sìos
  • 'S nach tog a' ghrian an àird.
  • Tha mise 'n seo 's mo shùil an iar
  • On chrom a' ghrian san t-sàl;
  • Mo dhùrachd leig mi às a dèidh
  • Ged thrèig i mi cho tràth,
  • Gun fhios am faic mi màireach i
  • Nuair dhìreas i gu h-àrd,
  • Is iomairt lann gu bhith ri chèil'
  • Nuair 's lèir dhuinn beul an là.
  • Tha 'n talamh lèir mun cuairt dhìom
  • Na mheallan suas 's na neòil
  • Aig na shells a' bualadh –
  • Cha lèir dhomh bhuam le ceò;
  • Gun chlaisneachd aig mo chluasan
  • Le fuaim a' ghunna mhòir;
  • Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm,
  • Tha mo smuaintean air NicLeòid.
  • Air m' uilinn anns na truinnsichean,
  • Tha m' inntinn ort, a ghràidh;
  • Nam chadal bidh mi bruadar ort,
  • Cha dualach dhomh bhith slàn;
  • Tha m' aigne air a lìonadh
  • Le cianalas cho làn,
  • 'S a' ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm
  • A-nis air thuar bhith bàn.
  • Tha mi 'n seo san fhàsach
  • Air sliabh a' bhlàir 's mi leònt':
  • 'S e 'n nàmhaid rinn mo shàradh
  • 'S a chuir saighead cràidh nam fheòil;
  • Ach an gaol thug mi dhan mhàldaig,
  • A' ghruagach àlainn òg,
  • A-nochd chan fhaod mi àicheadh
  • Nach e chuir ceàrr mo dhòigh.
  • Cha b' urrainn mise innse dhuibhse
  • Cliù na h-ìghneig òig;
  • Cha b' urrainn bàrd a sgrìobhadh
  • Ged a b' innleachdach a dhòigh;
  • Aon nì tha mi cinnteach às,
  • Mas e 's gun till mi beò:
  • 'S ann leamsa bhios an dìleab ud,
  • Ged dh'fheumainn strì nan dòrn.
  • Mar chanach geal na mòintich
  • Tha 'n òigh as àille snuadh;
  • Mar ròs a' fàs an gàrradh
  • A bilean blàth 's a gruaidh;
  • Tha cainnt a beòil cho càirdeil
  • 'S gun tàladh i gach sluagh,
  • 'S nuair bhios tu sgìth 's tu sàraichte,
  • Nì bàidh-se d' àrach suas.
  • Teanga ghlan na firinn
  • On chrìdh' tha dìreach rèidh,
  • Gun fhoill gun cheilg gun àrdan,
  • Gach nì as fheàrr na chèil';
  • Is ma tha buaidh measg chàich oirr',
  • Cha toir i tàir a thèil',
  • Mar dhuilleach craoibh a dh'fhàsas
  • Air àilleagan nan geug.
  • Am fear a gheibh air làimh thu,
  • Gur àghmhor e ri bheò;
  • 'S e nach fhaod a ràidhtinn
  • Gun deach e ceàrr na dhòigh;
  • 'S ann leis-san bhios am bàrr
  • Dhen a' bhainne bhlàth ri òl,
  • 'S gur glan a' chuisl' on tàinig e,
  • A ùth na bà sa chrò.
  • Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh
  • On bhlàr gun till mi beò
  • Is gu faic mi 'n t-àite
  • San deachaidh m' àrach òg,
  • Bidh sinne 's crathadh làmh againn
  • Is bilean blàth toirt phòg,
  • 'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
  • Le fàinne chur mud mheòir.
  • Ach ma thig an t-àm
  • Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs,
  • 'S san uaigh gun tèid mo shìneadh
  • Far eil na mìltean chàch,
  • Mo bheannachd leis a' ghruagaich,
  • A' chaileag uasal bhàn –
  • Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi,
  • Gun nàire gruaidh na dhàil.
  • Oidhche mhath leat fhèin, a rùin,
  • Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
  • Cadal sàmhach air a' chùl
  • 'S do dhùsgadh sunndach slàn.
  • Tha mise 'n seo san truinnsidh fhuair
  • 'S nam chluasan fuaim a' bhàis,
  • Gun dùil ri faighinn às le buaidh –
  • 'S tha 'n cuan cho buan ri shnàmh.

An Eala Bhàn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Bha gaol aig Dòmhnall Ruadh air sealg

Tha mi smaoineachadh gur e an rud a b' fheàrr leis a bhith a' dèanamh na bheatha, gur e a bhith a' sealg. Bhiodh e fhathast a' dol a-mach leis a' ghunna 's gun am fradharc aige uabhasach math agus bhiodh Anna, a bhean, bhiodh caran de dh' eagal oirre gum biodh e a' dol a-mach leis a' ghunna. 'S ged a bha a fhradharc air falbh, bheireadh e a-nuas lach fhathast.

Bha e cho mothachail air a h-uile h-àite a bha timcheall, 's bhiodh e a' smaoineachadh na sheann aois air na h-àiteachan sin gum biodh e a' dol nuair a bhiodh e a' sealg agus nuair a bhiodh e a' coiseachd timcheall.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall Ruadh Chorùna

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.