20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

Na fir-deasachaidh (An t-Earrach 1956) Bàrdachd an là-an-diugh.

Gairm, 15, td. 250

"Is fhada bho bha sinne, ann an oifis Ghairm, a' lùigeachadh gun tigeadh, là de na làithean, tro bhealach-nan-litrichean anns an doras, eallach de bhàrdachd ùr a bheireadh gliong air an làr nuair a bhuaileadh e air. Thachair sin mu àm na bliadhna ùire, is tha a' chiad earrann den bhàrdachd seo againn ga cur an clò an seo. B' ann bho dhuine òg a thàinig i – Dòmhnall MacAmhlaigh à Beàrnaraigh Leòdhais, a choisinn urram an Oilthigh Obar Dheadhain o chionn dà bhliadhna, is a chuir ris an Oilthigh Chambridge an-uiridh. Tha e a nise ceangailte ris an nèibhi airson dà bhliadhna, agus bidh sùil againn ri tuilleadh a chluinntinn bhuaithe agus mu dheidhinn ann an ceann sreath.

Tha beachd againn gu bheil deasbad buailteach air èirigh mu bhàrdachd "ùr" ann an Gàidhlig, agus dh'fhaodadh gum bi fear an siud 's an seo a' gleusadh a phinn gu sgrìobhadh a dh'ionnsaigh pàipear Steòrnabhaigh no pàipear an Òbain, a ràdh gu feargach nach e bàrdachd a tha seo idir, ach rud a sgrìobhadh duine sam bith air leth-shùil is air leth-chluais, agus air nas lugha na sin de thuigse is de thonaisg. (Duine sam bith tha den bheachd sin, cuireadh e thugainn criomag de bhàrdachd den t-seòrsa seo, ma-tà, is feuchaidh sinn ri a cur an clò.) Bidh fear eile an siud 's an seo a theannas ri moladh a dhèanamh air a' chiad phìos de sheann bhàrdachd air an laigh a shùil, agus bidh sinn toilichte air rann molaidh mar seo fhaighinn cuideachd agus a chur an clò, ma bhios e reusanta. Agus a-rithist, bidh duine no dhà ann nach toir buatham às an taobh seo no an taobh ud eile, agus bu mhiann leinn a chluinntinn dè their e seo às a ghuth-shàimh.

Tha a' bhàrdachd seo aig Dòmhnall MacAmhlaigh fo chomain do dh'obair cuid de na bàird Shasannach a bha a' sgrìobhadh anns an dà fhichead bliadhna a chaidh seachad (abraibh Eliot is Ezra Pound) is tha cuid a dhaoine am beachd nach bu mhiste bàrdachd Ghàidhlig a bhith ann an co-chomann na bu dlùithe ri bàrdachd tha ga sgrìobhadh an cànanan eile san là-an-diugh."

Moireach, I. (An Samhradh 1968) Seòbhrach as a' Chlaich.

Gairm, 63, td. 277

Seòbhrach as a' Chlaich

"Tha bàrdachd mu ar cànan, ar bàrdachd, a bhàrdachd fhèin an seo, agus bàrdachd mun eilean, mu ghaol, is mu a dhualchas, is mòran eile. Agus tha i gu lèir ùr nòdha, oir chan eil am bàrd-sa coltach ri gin a bhàird eile anns a' Ghàidhlig.

Tha Dòmhnall MacAmhlaigh cruaidh air fhèin, a':

  • "...sìr fheannadh
  • sgrath air muin sgratha
  • den t-sult meallaidh a chuir mi orm
  • gus a' bheatha a dhèanamh miath."
  • Togail is Leagail

Tha an smachd-inntinn seo ri fhaicinn na bhàrdachd. Tha sinn uile ro-eòlach air cianalas; tha fhios gu bheil e mòran nas fhasa don eileanach sgrìobhadh mu fhàgail na mu thilleadh; ach cha leig am bàrd seo leis fhèin sgrìobhadh eadar liunn is iargain." Chòrd e rium dàin a leughadh a bha fìor mun cheangal a tha eadar Leòdhasach air fògaran is an eilean a dh'fhàg e.

'S ann às an eilean a tha e a' tarraing mòran de a shamhlaichean is a dhealbhan: o bhreabadaireachd, on fhearann, on aimsir, o na ràithean agus gu h-àraidh on chuan. Tha e a' sìor rannsachadh a shean choimhearsnachd airson dealbhan, agus tha an dìcheall seo, 's a smachd-inntinn, a' cur far comhair dealbhan is rainn is earrainnean a tha cho glan 's cho fìor ri seanfhacal...

Tha a bhàrdachd doirbh, dha dheòin, ach chan eil i "dorch," taing dhan t-sealbh. Ghlac am facal "rèite" m'fhaire. Is e mo bheachd gu bheil Dòmhnall MacAmhlaigh, mar bhàrd, na èiginn a' feuchainn car a thoirt às an t-seana mhaide: a' feuchainn rèiteachadh a dhèanamh eadar e fhèin is a dhualchas, eadar an t-seann chànan is an saoghal ùr, eadar doirbhead is bòidhchead, fuamhairean is calmain, caoimhneas is cruas, seòbhrach is clach. Agus tha mi den bheachd, a rèir an leabhair seo – a chiad leabhar – nach eil e:

  • "...do-dhèanta –
  • fo bhreacadh grian fàis
  • gun tig blàth às na clachan."
  • Mar Chuimhneachan air mo Sheanair."

Mac a' Ghobhainn, I. (An Geamhradh 1983-84) An Dotair Leòinte: bàrdachd Dhòmhnaill MhicAmhlaigh.

Gairm, 125, td. 68

"(Tha) ..mi a' faicinn MacAmhlaigh mar dhotair a tha a' feuchainn doimhnead lota, le ionnsramaidean a tha iad fhèin coirbte, a' cur an inneil-èisteachd ris an sgamhan feuch a bheil deò beatha ann. 'S e seo as coireach gu bheil a' bhàrdachd aige duilich oir 's e nithean duilich a th' air aire mar a their e fhèin nuair a thaghas e, mar thiotal airson aon dàn anns an leabhar seo (Seòbhrach as a' Chlaich), na facail sin a thuirt Yeats:

  • "Ioma-tharraing an Nì a tha doirbh".

Oir chan eil dràma Yates na bhàrdachd idir (agus faodaidh sinn uaireannan a ràdh mu dheidhinn Yates gu robh a bhàrdachd bòstail mar gum b'ann ann an taigh-cluich a chaidh a breith). Chan e sin do bhàrdachd MhicAmhlaigh, chan eil e ag ràdh ach nas urrainn dha a ràdh, chan eil e dol seachad air crìochan a tha e faicinn iomchaidh, oir tha eanchainn gheur làidir aige, eanchainn cuideachd a tha stuama, màlda, nach bi a' dèanamh dannsan gun fheum (ged a tha ìomhaigh an danns glè thric na bhàrdachd)...

Tha pian cràiteach ann am bàrdachd MhicAmhlaigh agus an àite a bhith ga fosgladh don t-saoghal mar shiùrsach, tha e dùnadh a bhilean cho teann 's gu bheil a bhàrdachd mar gum b'ann air èiginn a' tighinn gu buil. Chan eil facal anns a' bhàrdachd nach deach a thaghadh, chan eil facail innte gun chùram, chaidh gach facal a chothromachadh gu faiceallach anns an eanchainn seo.

Chan eil nì nach eil e sgrùdadh gu mionaideach, is le còir, oir tha e eòlach air cealgaireachd na h-inntinn, a' chealgaireachd a tha annainn fhìn, 's math dh'fhaodhte gun fhios dhuinn, mar a tha e sealltainn dhuinn anns an dàn Eadar An Caol is Inbhir Nis agus ann an iomadh rann eile anns an leabhar seo...

Chan eil an seòrsa bàird seo cumanta ann an litreachas sam bith, bàrd cho foighidneach ri seo, cho faiceallach, cho tuigseach mu dheidhinn cunnartan chànain, cho tròcaireach ri laigsidhean dhaoin eile, seach gu bheil e gan coimhead ann fhèin. 'S e guth ìosal stuama a tha seo, guth dotair a tha foghlamaichte ann an iomadh galar 's nach eil idir a' leum a-steach a thaighean an luchd-euslain le lachan gàire is sgeulachdan èibhinn. 'S e rud as doirbhe don bhàrd tomhas a chur air a mhac- meanmna, - a bhith 'g ràdh nas còir dha a ràdh. Ann an dòigh 's e beus Greugach a tha seo agus 's ann le sùil Ghreugach a tha MacAmhlaigh a' coimhead an t-saoghail.

Agus tha cruth na bàrdachd aige stuama, amharasach. Chan eil ceòl àrd-ghuthach innte, chan eil a siùil a' bòcadh le gaoth rolaisteach, ach gu faiceallach tha i lorg nan sgeirean a th' anns a' bhàgh mus toir i cuan mòr oirre (agus feumar faighinn a-mach a bheil cuan mòr ann, feumar dèanamh cinnteach a bheil sinn airidh air a' cheòl a tha sinn a' cleachdadh)."

Meek, D. E. (2002) An Aghaidh na Sìorraidheachd?

Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis.

"..nuair a tha MacAmhlaigh a-mach air cuspairean creideimh, saoilidh mi gu bheil sinn a' faighinn diofar dhealbhan, mar gum biodh, air muin a chèile, agus diofar fhaireachdainnean an lùib sin. Tha cuid de an dealbhan, 's cuid de na faireachdainnean a' dol an aghaidh a chèile, oir am beachd a' bhàird, 's e rud gu math toinnte a th' anns a' chreideamh, rud iomadh-fhillte, a tha ga bhualadh ann an diofar dhòighean aig an aon àm.

Do MhacAmhlaigh, 's e a' phrìomh cheist a' bhuaidh a tha aig a' chreideamh air daoine fa leth, agus gu h-àraidh an seòrsa smachd a tha aig a' chreideamh Chrìosdail air neach sam bith. Nuair a tha MacAmhlaigh aig a' choinneimh, tha e na shuidhe ann an "geimhil chumhang air an staidhre". Tha an creideamh a' cur ìmpidh – pressure – air daoine gu bhith ag aideachadh, gu bhith a' gluasad thuige fhèin, gu bhith a' dol ann an "geimhil chumhang", agus tha MacAmhlaigh a' strì an aghaidh sin. Tha an creideamh ag adhbhrachadh ais-fhreagradh no reaction. Tha sòlas is saorsa ann an inntinn MhicAmhlaigh aig diofar amannan anns an dàn seo – is e na gnothaichean cultarach a tha a' toirt nam faireachdainnean taitneach sin dha – ach tha cadal-deilgeanach a' tighinn na chasan nuair a tha an searmon a' tòiseachadh. 'S e rud coimheach a tha anns an t-seòrsa searmonachaidh seo – tha e "anns an fhasan". Tha an cadal-deilgeanach a' glacadh aire a' bhàird, agus chan eil inntinn air an t-searmon no air "teintean ifrinn". Fòghnaidh na cnàmhan beaga a tha na chois mar dhòigh air piantan ifrinn a chasg."

Teacsa

Iain MacAonghais ag innse mu inbhe sgoilearachd Dhòmhnall MacAmhlaigh

Tha sgoilearachd aig Dòmhnall MacAmhlaigh a' toirt inbhe dha a bhiodh aige ged nach biodh e air aona dàn a sgrìobhadh a-riamh. Agus tha an sgoilearachd aige anabarrach luachmhor. Chan e a-mhàin gu bheil e geur-chuiseach ann fhèin, ach tha a' Ghàidhlig aige, a'chiad chainnt a bh'aige. Tha foghlam aige anns an rud ris an cainnte bho chionn leth cheud bliadhna, Modern Linguistics. 'S e dìreach Linguistics a th' ann an diugh, a chionn bha e na fhasan ùr tha mi a' creidsinn nuair a thug esan a-mach dioploma anns a' ghnothach. Agus chan eil duine eile ann, ann an Alba, is tha mi'n dòchas nach eil mi a' dèanamh dìmeas air duine sam bith, ach cha smaoinich mi air duine eile dhen an inbhe aige co-dhiù, ach cha chrèid mi gu bheil duine idir ann aig a bheil an dà rud sin ann an co-bhuinn.

Air adhart gu

Ceanglaichean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.