20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Bàrdachd - Soraidh

Dàn 4

Anns a' chiad rann, tha am bàrd a' cur a shuidheachadh an cèill ann an sgrìobhadh sìmplidh còmhraiteach. Tha e a' fàgail an eilein agus chan eil e an dùil tilleadh a-chaoidh tuilleadh a dh'fhuireach ann. Tha an dara rann a' toirt a' chuspair, mar a tha e an dùil gun atharraich a bheachdan nuair a dh'fhalbhas e, air adhart le dà ìomhaigh: falbhaidh e ann am breacan, an t-èideadh Gàidhealach, agus tillidh e ann an 'aodach coimheach'.


Anns a' chòrr den dàn, tha MacAmhlaigh a' mìneachadh an t-suidheachaidh ann am briathran dìreach seach tro ìomhaighean. Tha e ag ràdh gun atharraich an ceangal a tha eadar e agus an fheadhainn a tha aig an taigh ach cha tuirt sin nach bi e a cheart cho measail orra. Tha e ag aideachadh gum bi e doirbh 's dòcha toirt orra sin a thuigsinn.


Ged is e saor-rannaigheachd a tha seo, tha fuaimean agus ruithim air an deagh chleachdadh: mar eisimpleir, san rann a' tòiseachadh 'Oir 's doirbh cur an cèill', far a bheil 'chaoine', 'cumhainge', 'saoghal' agus 'tionntadh' a' co-chòrdadh ann am fuaim. Anns an rann mu dheireadh, tha 'mo bhàigh' air a chur a dh'aon gnothaich leis fhèin air an loidhne mu dheireadh. Tha seo a' dèanamh soilleir gu bheil e fhathast measail air an eilean agus na daoine a dh'aindeoin e a bhith a' gluasad air falbh bhuapa.


Soraidh

  • Uill, seo an latha bho dheireadh
  • cha till mi, neo 's iongantas,
  • gu cuaraidh no beart –
  • ged a bha mi suas riutha
  • math gu leòr
  • 's a chuireas mi cùl
  • riutha an dà bheachd.
  • A-màirach bidh falbh ann -
  • mo bhreacan à baile...
  • Is tillidh mi ann an trusgan
  • coimheach
  • 's tòisichidh an deasbad
  • 's an dearbhadh
  • a dh'fhàgas mi na mo thost.
  • Oir 's doirbh cur an cèill,
  • gun neo-chaoine,
  • g' eil am baile
  • ri sìr dhol an cumhainge
  • mar a leudaicheas saoghal
  • 's nach ann ormsa
  • a mhàin
  • thàinig tionndadh
  • 's gu h-àraid
  • is doirbh cur an còmhradh
  • ged tha 'n tionndadh do-chaisgte
  • nach lùghdaich an cor sin
  • mo bhàidh.

Soraidh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Soraidh

Dòmhnall MacAmhlaigh ag aithris an dàn, Soraidh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.