20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Bàrdachd - Latha Fèille

Dàn 2

Sgrìobh MacAmhlaigh an dàn seo nuair a bha e greis a' fuireach san Tuirc. Tha e ag innse mu theaghlach a bhios a' tighinn a-nuas dhan bhaile às na beanntan gach seachdain a reic rudan. Bidh muinntir a' bhaile a' fanaid orra airson cho bochd agus seann-fhasanta is a tha iad. Ach air an làimh eile, bidh muinntir ceanna-bhaile na Tuirc, Ankara, a' fanaid air muinntir a' bhaile fhèin air an aon adhbhar. Agus tha e na chleachdadh aig daoine à Breatainn, leithid MhicAmhlaigh, a bhith a' coimhead sìos fiù 's air muinntir Ankara.


Tha MacAmhlaigh a' briseadh a' phàtrain sin on a tha taobh aigesan ri na daoine bochda às na beanntan, 's dòcha air sgàth 's gum buin esan e fhèin do dh'àite coltach ri seo, agus tha co-fhaireachadainn aige dhaibh. Tha e a' faicinn cho inntinneach agus tlachdmhor is a tha iad, a dh'aindeoin mar a bhios daoine gan càineadh. Tha seo air a shamhlachadh le na loidhnichean, 'deud aoil mu theanga/cheòlmhor, 's gruaidhean/mar phomagranat'.


Tha seo uile air a chur an cèill ann an dòigh sìmplidh agus ann an rannaigheachd shaor. Tha tòrr feum air a dhèanamh de ruitheam, de fhuaimean agus de chruth na bàrdachd air an duilleig agus ann an aithris.


Latha Fèille

  • Thig iad a-nuas às na cnuic
  • Dimàirt 's Dihaoine
  • tuathanach air asal
  • 's triùir nighean
  • crùibte
  • fo chliabh is iaismac.
  • Bidh luchd a' bhaile
  • ris an cùm iad connadh is measan
  • a' sìor-fhanaid air am fasan -
  • 's iad air an casan
  • rùisgte.
  • 'S thig feadhainn a-nuas à Ankara
  • a chaitheamh làithean saora
  • a chuireas air luchd a' bhaile
  • g' eil iad salach, sean-fhasanta,
  • slaodach.
  • Tha mis' ann
  • air m' àireamh am measg choigreach
  • a nì tàire
  • choitcheann
  • air sluagh na tìre...
  • agus ormsa cuideachd
  • bhon a chì mi
  • le mo shùilean coimheach
  • seanchas
  • a dh'iathas saoghal mo chompanach
  • a dh'fhilleas na rian
  • ban-rìgh Shasainn,
  • agus Ankara,
  • 's am baile, daighneach
  • a sheas cha mhòr cho fada ris na cnuic;
  • bhon a chì mi
  • air na sràidean an teas an latha
  • lorgan san duslaich;
  • danns' ceum-ghrinn
  • aig casan loma;
  • fo na flèidean dubha
  • 's gaoth eachdraidh gan gluasad
  • sùil bheò a' feitheamh
  • fo thàire 's eallach;
  • deud aoil mu theanga
  • cheòlmhor, is gruaidhean
  • mar phomagranat.

Latha Fèille

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Soraidh

Dòmhnall MacAmhlaigh ag aithris an dàn, Soraidh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.