20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Bàrdachd - Ceumannan

Tha an dàn seo ag innse mar a thachair am bàrd ri boireannach ris an robh ceangal aige uaireigin. Tha iad a' coiseachd seachad air a chèile air an t-sràid, a rèir choltais gun bhruidhinn ri chèile, agus às dèidh làimhe tha e a' beachdachadh air seo. Tha a' bhàrdachd a' cleachdadh ìomhaighean ach uaireannan tha smuaintean a' bhàird a' tighinn an uachdar lom dìreach. Tha cànan agus rannaigheachd cuideachd air an cleachdadh ann an dòigh a tha sgileil.


Ach dè na ceumannan air a bheil am bàrd a' bruidhinn: ceumannan a' bhoireannaich is i a' coiseachd seachad air? Ceumannan anns an dàimh a bha eatarra?


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Ceumannan

  • Is chaidh an tràth seachad.
  • Thachair thu an dè rium
  • air sràid
  • lasair shùilean is clò gorm
  • 's ruith mi air mo theanga a' lorg
  • facail a chanainn –
  • ach bha iad gu lèir air chall;
  • 's troimh eighealaich bhalbh
  • mo thosd
  • dh'èist mi air an t-sràid
  • brag ceum an dèidh ceum do chois
  • a' seòladh gorm-bhlath -
  • dhall
  • leat seachad; is air falbh.
  • Bha an latha geal ann
  • an diugh
  • mus do chaidil mi;
  • chaith mi an oidhche gu h-anshocair
  • a' sgrùdadh reultan is ghealaichean –
  • (is bheachdaich mi air faire nam bàrd!)
  • O! nam b' urrainn dhomh a ràdha
  • gur tusa chùm na mo chaithris mi
  • – air dòigh dhe na dhà...

Ceumannan

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Soraidh

Dòmhnall MacAmhlaigh ag aithris an dàn, Soraidh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.