20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Am Bàrd

Dòmhnall MacAmhlaigh

Ann an 1955 rinn Dòmhnall MacAmhlaigh a sheirbheis nàiseanta anns A' Chabhlach Rìoghail. Dh'ionnsaich e Ruisis agus chuir e seachad 5 mìosan san Tuirc.


Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha.


Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dàin aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhàrdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr.


Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhàrdachd Ghàidhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gàidhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bàird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gàidhlig, e fhèin nam measg.


Bidh e fhathast a' sgrìobhadh agus tha e a' cur seachad ùine a' siubhal eadar Dùn Èideann agus a dhachaigh an Eilean Bheàrnaraigh. Tha e pòsta le dithis chloinne agus còignear oghaichean.


Latha-breith:

21 Cèitean 1930

Àite:

Beàrnaraigh Leòdhais

Foghlam:

Bun-sgoil Bheàrnaraigh, Leòdhas

Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Oilthigh Obar Dheathain

Colaiste Emmanual, Cambridge

Teacsa

Dè tha am facal Beàrnaraigh a' ciallachadh?

Uill, 's e ainm Lochlannach a th' ann. Tha fuaimneachadh anns a' chànan Lochlannach dìreach mar a tha e anns a' Ghàidhlig. Beàrnaraigh agus tha e a' ciallachadh, Beàrn. Tha sin a' ciallachadh mathan ach bhiodh e na ainm air daoine cuideachd no na fhar-ainm no na ainm air daoine agus an 'aigh' a th'aig an deireadh, sin 'aigh' no 'idh' anns a' chànan Lochlannach - eilean a' bheirn no eilean a' mhathain. Bha Gàidheil ann nuair a bha na Lochlanaich ann agus thug na Gàidheil as dèidh àm nan Lochlannach no ann an àm nan Lochlannach, thug iad facal iasaid dhan a' chànan Ghàidhlig. Tha iad a' toirt dòigh dhan an duine a th' anns an àite a bhith a' comharrachadh an àite, a' toirt map dha air an àite mar gun chanadh tu.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.