20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Am Bàrd

Dòmhnall MacAmhlaigh

Ann an 1955 rinn Dòmhnall MacAmhlaigh a sheirbheis nàiseanta anns A' Chabhlach Rìoghail. Dh'ionnsaich e Ruisis agus chuir e seachad 5 mìosan san Tuirc.


Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha.


Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dàin aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhàrdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr.


Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhàrdachd Ghàidhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gàidhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bàird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gàidhlig, e fhèin nam measg.


Bidh e fhathast a' sgrìobhadh agus tha e a' cur seachad ùine a' siubhal eadar Dùn Èideann agus a dhachaigh an Eilean Bheàrnaraigh. Tha e pòsta le dithis chloinne agus còignear oghaichean.


Latha-breith:

21 Cèitean 1930

Àite:

Beàrnaraigh Leòdhais

Foghlam:

Bun-sgoil Bheàrnaraigh, Leòdhas

Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Oilthigh Obar Dheathain

Colaiste Emmanual, Cambridge

Teacsa

Cuairt timcheall air a dhachaigh ann am Beàrnaraigh

Dòmhnall MacAmhlaigh: Bha thu a' faighneachd mu dheidhinn dorchadas, sin rud air nach eil cuimhne aig daoine an-diugh, cho dubh dorcha 's a bha e nuair a bhithinnt' a' falbh ann an seo le mo chiad chuimhne. Tha cuimhne agam air duine a bhith a' falbh le fàd teine airson solas a dhèanamh mus tàinig na biùgain, na toirdseachan.

Aonghas Pàdraig Caimbeul: Am biodh iad a' cur an seo, coirce is eòrna? Càite an robh sin?

DM: 'S ann shìos an seo a bha na daoine ri fuireach ach bha na lotaichean, mar a bha mòran aca, bha iad caol, fada 's bha iad air an gearradh an-àirde bhon a' mhuir. Bha cladach aig a h-uile lota. Ma choimheadas tu a-muigh faisg air ceann an loch ann an sin, chì thu làrach fheannagan is tha cuimhn' agamsa air feadhainn aca, dhà aca a bhith gan àiteach. Bhiodh iad a' toirt feumainn bho bhonn an lota sìos a-mach ann an sin, chun an lagain a tha muigh an sin.

APC: 'S a bheil obair aig bàrdachd ri dhèanamh an sin, a' cur an t-sluaigh air ais?

DM: A' cur a-mach na feamad?

APC: Uill, a' cur a-mach na feamad no sluagh ann an cuimhne air ais?

DM: 'S dòcha gu bheil ach chan urrainn duine a bhith a' dèanamh cus riaghlaidh air an sin. Feumaidh a' bhàrdachd an rud a tha i a' dèanamh a dhèanamh.

APC: Mar an fheamain?

DM: Mar an fheamain. Mathachadh, mathachadh, 's e sin a dh'fheumas i a dhèanamh - mathachadh inntinn agus faireachdainnean dhaoine.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.