Advertisement

20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

Am Bàrd

Dòmhnall MacAmhlaigh

Ann an 1955 rinn Dòmhnall MacAmhlaigh a sheirbheis nàiseanta anns A' Chabhlach Rìoghail. Dh'ionnsaich e Ruisis agus chuir e seachad 5 mìosan san Tuirc.


Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha.


Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dàin aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhàrdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr.


Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhàrdachd Ghàidhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gàidhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bàird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gàidhlig, e fhèin nam measg.


Bidh e fhathast a' sgrìobhadh agus tha e a' cur seachad ùine a' siubhal eadar Dùn Èideann agus a dhachaigh an Eilean Bheàrnaraigh. Tha e pòsta le dithis chloinne agus còignear oghaichean.


Latha-breith:

21 Cèitean 1930

Àite:

Beàrnaraigh Leòdhais

Foghlam:

Bun-sgoil Bheàrnaraigh, Leòdhas

Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Oilthigh Obar Dheathain

Colaiste Emmanual, Cambridge

Teacsa

A' cuimhneachdh air Beàrnaraigh na òige

'S e a chuimhne a th' agamsa air gu robh e làn dhaoine, daoine a bha an còmhnaidh an sàs ann an obair is rudan dhen t-seòrsa sin, 's gum bhiodh daoine a-mach 's a-steach à eathraichean fad na tìde - tòrr còmhraidh is dibhearsain 's tòrr còmhraidh den a h-uile seòrsa rud.

Bha na daoine a' toirt am bith-beò às an talamh is às a' mhuir agus b' e dìreach croitearachd a bha a' cumail dhaoine beò. Bha iad a' dèanamh teachd-an-tìr às an sin agus am beagan airgid a bhiodh iad a' cosnadh, dh'fheumadh iad a dhol a dh'obair a dh' àite eile glè thrice air a shon no bhiodh iad ag iasgach uaireannan is bhiodh sin a' toirt a-steach beagan. Ach an còrr, bha e a' tighinn às an talamh, beathaichean is arbhar is tòrr dhen leithid sin.

Bha an ceann-baile far an do thogadh mise, bha daoine eagalach rèidh, agus bha e fosgailte. Bha mise cho tric ann an taighean nan nàbaidhean 's a bha mi anns an taigh againn fhèin, sin an seòrsa coimhearsneachd a bh' ann. Air an làimh eile, ged a bha e sònraichte san dòigh sin, 's e seòrsa de mhicrocosm den t-saoghal a bh' ann. Bha a h-uile càil a bha a' dol air adhart san t-saoghal, a thachair riumsa as dèidh sin cha mhòr, a' dol air adhart gu ìre no ann an dòigh air choreigin anns a' choimhearsneachd sin. Agus tha mi cinnteach, a h-uile càil a bha tachairt rium, gu robh mi a' toirt meas air ann an sealladh an fhiosrachaidh a bh'agam air an àite sin. 'S bha sin a' toirt buaidh air an sgrìobhadh is air a' bhàrdachd gu sònraichte.

Air adhart gu

Cuspairean

Rannsaich am BBC

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.