20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Cuspairean

'S ann mun ghaol, agus gu h-àraidh mu thrioblaidean gaoil, a bha tòrr den chiad bhàrdachd aig Catrìona NicGumaraid. Anns na dàin sin tha caoidh agus iargain air an cur an cèill tro rannaigheachd agus ìomhaighean traidiseanta - ach tha i a' cur a dreach fhèin air an traidisean.


Tha NicGumaraid on uair sin air a bhith a' dèiligeadh ri raon nas fharsainge de chuspairean. Tha i a' dèanamh seo ann an stoidhle a tha nas cruaidhe agus nas geòire. Tha seo a' gabhail a-steach:


* Aoirean - gu h-àraidh air daoine a thig a dh'fhuireach dhan Ghàidhealtachd ach a tha a' toirt leotha dòighean an t-saoghail a dh'fhàg iad, m.e. 'Aoir'


* Breithneachadh air dol-a-mach mhì-chiatach dhaoine, m.e. 'Obair Ghrèis'


* Co-fhaireachdainn ri cor dhaoine ann an tìrean eile, m.e. 'Ùrnaigh na Ban-Tigrich'


* Ceistean agus teagamhan a thaobh creideimh agus a leithid, m.e. 'Gun Stiùir'.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Mar a fhuair i taic bho bhuidheann sgrìobhadairean

Bha fear Philip Hobsbawm, agus bha e a' teagaisg ann an Roinn na Beurla anns an oilthigh agus bhiodh sinn a' cruinneachadh anns an taigh aige, mi-fhèin is Aonghas Dubh, Tom Leonard, Alasdair Gray, Jim Kelman agus cuideachd eile mar sin. Bhiodh sinn a' faighinn beagan stiùiridh agus a' leughadh ar bàrdachd ri chèile agus bha sin cuideachail. Ach bha mise cus an lùib na Gàidhlig airson gum b'urrainn dhomh sìon a dhèanamh. Ach bha buaidh aige air mo sgrìobhadh cuideachd.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.