20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Cuspairean

'S ann mun ghaol, agus gu h-àraidh mu thrioblaidean gaoil, a bha tòrr den chiad bhàrdachd aig Catrìona NicGumaraid. Anns na dàin sin tha caoidh agus iargain air an cur an cèill tro rannaigheachd agus ìomhaighean traidiseanta - ach tha i a' cur a dreach fhèin air an traidisean.


Tha NicGumaraid on uair sin air a bhith a' dèiligeadh ri raon nas fharsainge de chuspairean. Tha i a' dèanamh seo ann an stoidhle a tha nas cruaidhe agus nas geòire. Tha seo a' gabhail a-steach:


* Aoirean - gu h-àraidh air daoine a thig a dh'fhuireach dhan Ghàidhealtachd ach a tha a' toirt leotha dòighean an t-saoghail a dh'fhàg iad, m.e. 'Aoir'


* Breithneachadh air dol-a-mach mhì-chiatach dhaoine, m.e. 'Obair Ghrèis'


* Co-fhaireachdainn ri cor dhaoine ann an tìrean eile, m.e. 'Ùrnaigh na Ban-Tigrich'


* Ceistean agus teagamhan a thaobh creideimh agus a leithid, m.e. 'Gun Stiùir'.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Mar a bhios a' bhana-bhàrd a' sgrìobhadh

Tha mi a' sgrìobhadh uabhasach luath. Tha mi dìreach a' tòiseachadh agus mura obraich e a-mach, mura bi an ruitheam ceart, tha mi dìreach ga sracadh agus sin agad e. Chan eil mi 's dòcha ag obair, is dòcha gu bheil mi car leisg ag innse na fìrinn.

Is toigh leam ruitheam aig deireadh agus is toigh leam rud ris an can iad internal rythme cuideachd, far a bheil rythme aig meadhan na loidhne a' dol còmhla ris an deireadh.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.