20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Catrìona NicGumaraid, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

Na fir-deasachaidh (An t-Earrach 1970) Sgrìobhaichean ùra.

Gairm, 70, td. 167

"Tha sinn a' tarraing misneachd mhòr o na th' air tighinn am follais o chionn greise de sgrìobhaichean math òg... Cho fad is aithne dhuinn, seo a' chiad chuid de sgrìobhaidhean Catrìona, piuthar Mòraig, a th' air a bhith an clò. Tha daoine eòlach gu leòr oirre mar bhan-actar glè èibhinn. Tha ise nis air an treas bliadhna an Oilthigh Ghlaschu, an dèidh a bhith greis an ceann a cosnaidh. 'S ann do Ròag a bhuineas an dithis acasan. Tha sinn an dòchas gun tig an tuilleadh piseach air aon obair, 's gun toir seo brosnachadh do chàch."

NicLeòid, C. (Am Foghar 1975) A' Choille Chiar.

Gairm, 92, td. 380

A' Choille Chiar

"Glè thric tha e follaiseach gur e gaol is cuspair do chuid de na dàin seo – cuspair a tha cumanta gu leòr ann am bàrdachd Ghàidhlig tro na linntean. Tha na h-òrain gaoil a th'againn anns "A' Choille Chiar" ag èirigh à fèin-fhiosrachadh nam bana-bhàrd. Chan e idir smuaintean no faireachdainnean fìor phearsanta, agus anns an t-seagh seo buinidh a' bhàrdachd gaoil don là-n-diugh. Ach chan eil na peathraichean air an cùl a thionndadh gu tur ris an dualchas. Tha seo follaiseach a thaobh cuid de na h-ìomhaighean a tha iad a' cleachdadh – ìomhaighean air an tarraing o nàdar, agus a tha ro chumanta ann am bàrdachd Gàidhlig air fad.

Chan e gaol a-mhàin a th'aig a' bhàrdachd seo mar chuspair. Coltach ri iomadh bàrd Gàidhlig romhpa – agus fada nan dèidh 's iongantach – tha iad a' gabhail mar chuspairean gaol-dachaigh, cianalas, ionndrainn òige agus ionndrainn dachaigh. Tha e a' toirt togail agus misneachd dhuinn faicinn gur e an cianalas agus an ionndrainn a tha ann an seo cianalas agus ionndrainn phearsanta a dh'èirich à tachartasan agus suidheachaidhean beatha nam bana-bhàrd fhèin – cianalas is ionndrainn a dh'fhairich is a dh'fhiosraich iad fhèin.

Tha mi smaoineachadh gu bheil aon chuspair sònraichte mar gum biodh a' ruith tron bhàrdachd air fad. 'S e 'n cuspair sin strì no "sireadh". Agus gu dè thatar a' sireadh? Chan e sin ceist tha uile gu lèir soirbh fhuasgladh. Ma bheir sinn sùil tron bhàrdachd gu lèir tha e follaiseach gu bheil a' cheist iomadh-fillte. Gun teagamh tha iad ri sireadh sonas agus sòlas ach tha barrachd air sonas air cùl an t-siridh. Tha iad mar gum biodh a' strì airson nithean nas doimhne agus nas diamhaire – mar bhith-bhuantachd. A bharrachd air an seo saoilidh mi gum biodh e cothromach gu leòr an t-sireadh a tha seo a cho-chur ris a' bhàrdachd aca fhèin. Samhail iomadh bàrd eile tha iad a' strì ri dòigh no meadhan fhaotainn air na tha iad airson a ràdh a chur an cèill anns a' bhàrdachd. Tha an sireadh seo daonnan far comhair mar anns na sreathan a leanas aig Catrìona:

  • "Choisich mi mach
  • air cladaichean ciar mo bheatha
  • 's dh' amhairc mi air creagan mo shòlais..."

Rè na h-Oidhche (Am Foghar 1994) ann an Naidheachd Leabhraichean.

Gairm, 168, td. 383

Rè na h-Oidhche

"Tha am measgachadh ann ris am biodh dùil againn: dàin gaoil is trèigsinn, cuimhneachain air an Eilean Sgitheanach, seòrsa de aoir air ceann-cinnidh nan Dòmhnallach agus fear eile air òstair coimheach a thàinig dhan Eilean Sgitheanach ("Chì mi thu a' cuartachadh nam bòrd"), agus dàin mun teaghlach aice agus feadhainn eile a tha a' nochdadh a' chreideimh a th' aice. Tha a' bhàrdachd aice a' toirt sithidhean a-null 's a-nall eadar an seann nòs agus an nòs ùr, agus tha measgachadh math aice de chianalas, de dh' fhearg 's de fhealla-dhà."

Meek, D. E. (2002) An Adhaigh na Sìorraidheachd?

Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis

"(Tha cuid a bhàird) ..mothachail air uallach anaceartais shòisealta a tha a' suathadh anns a' chreideamh, tha iad a' faicinn cho nimheil 's cho nàimhdeil 's a tha cuid a tha a' cleachdadh riaghailtean a' Bhìobaill, agus, os cionn gach nì, tha iad a' sìreadh sàsachadh spioradail dhaibh fhèin. Tha an sealladh teagmhach seo, agus an rannsachadh spioradail a tha na chois, anabarrach follaiseach anns na dàin fhosgarra aig Catrìona NicGumaraid; cha mhòr nach toir i oirnn dol a chaoineadh leis cho onarach agus cho falamh 's a tha a cuid siridh, gu h-àraidh anns an dàn, "Gun Stiùir".

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Catrìona Chaimbeul a' dèanamh coimeas eadar a' bhana-bhàrd is Somhairle MacGill-Eain

Tha mi dèidheil air a' phìos Ban-Ghàidheal oir tha dealbh uabhasach math air eachdraidh nan Gàidheal ri fhaighinn innte. Tha cruaidh chàs nan daoine fhathast na chuspair chudromach aig na bàird. San àm anns a bheil sinn beò, agus dealbhan 'o gach ceàrn dhen t-saoghail air an sealltainn air a' bhogsa, tha barrachd fiosrachaidh na chunnaic 's na chuala sinn riamh againn. Cò 's urrainn na dealbhan sgriosail dhen ghoirt an Ethiopia, am murt 's am marbhadh ann an Tiananmen Square, agus suidheachdadh nan Kurds a dhìochuimhneachadh. Nach iomadh coimeas a dh'fhaodar a dhèanamh eadar Ban-Ghàidheal Shomhairle MhicGhill-Eain agus Ban-Thigreach Catrìona NicGumaraid.

Air adhart gu

Ceanglaichean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.