20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Bàrdachd - A' Chraobh

Dàn 3

Is e òran gaoil a tha seo, ann an rannaigheachd seann òrain. Tha am bàrd a' cleachdadh ìomhaighean traidiseanta, craobh agus na ràithean, airson sealltainn mar a thachair rithe. Bha i sona an toiseach ann am blàths an t-samhraidh agus bha a' chraobh làn ùbhlan agus dhìthein. An uair sin thàinig teagamhan leis an fhoghar agus rabhaidhean nach robh rudan a' dol a dh'fhuireach mar a bha iad. Agus mu dheireadh, tha fuachd a' gheamhraidh a' toirt nan duilleagan agus nam measan on chraoibh, a' samhlachadh deireadh gaoil agus bristeadh cridhe.


A' Chraobh

  • Coimhead air a' chraobh as t-earrach:
  • cuimhnich air a' ghaol a mheall mi,
  • briseadh duilleach na mo shealladh,
  • gealladh gaol bhiodh mòr air m' aire.
  • 'S t-samhradh bha mo ghaol cho flùrach,
  • làn de dhuilleach is de dh'ùbhlan;
  • bha mi sona, cridheil, sunndach,
  • 's thuirt mi – cha dèan thu mo mhealladh.
  • An toiseach bha am foghar grianach
  • gus 'n do thòisich e air crìonadh
  • 's duilleagan a' tuiteam dhìomsa
  • 's rabhadh na do shùilean meallach.
  • Ach sa gheamhradh tha mi tùrsach,
  • a' chraobh o bun gu bàrr air rùsgadh;
  • dh'fhalbh an gaol, am blàth 's na flùran,
  • 's, O, 's fhada bhuam an t-earrach.

A' Chraobh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' bhana-bhàrd ag aithris Gun Stiùir

Catrìona NicGumaraid ag aithris an dàn, Gun Stiùir.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Catrìona NicGumaraid

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.