20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Bàrdachd - Urnaigh na Ban-Tigrich

Dàn 2

Ann an 1984 bha gort mhòr ann an Etiòpia. Chaidh deilbh telebhisein den t-suidheachadh doirbh a bha seo a shealltainn air feadh an t-saoghail, a' toirt sealladh do dhaoine air mar a bha na milleanan de dh'inbhich agus de chloinn a' fulang ri linn dìth bidhe. Bha a' chùis na bu mhiosa buileach ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Tigre, far an robh cogadh sìobhalta air leantainn còrr is 20 bliadhna. Chuir na deilbh a chunnacas uabhas air daoine agus ghluais iad mòran gus cuideachadh a thoirt seachad.


Is e dàn a tha seo ann an rannaigheachd thraidiseanta, ach às aonais ìomhaighean. Tha e ag innse ann an dòigh lom shìmplidh mu staid agus faireachdainn a' bhoireannaich bhochd seo agus na dh'fhuiling i ri linn na tha de chogadh agus de bhochdainn na dùthaich. Tha an dàn nas làidire, 's dòcha, air sgàth gu bheil e cho sìmplidh.


Urnaigh na Ban-Tigrich

  • Athair 's mo Dhia, dèan thus' ar dìon,
  • mi fhìn 's mo naoidhean beagan mhìos;
  • gur gann an t-uisg' 's gur gann an sìol
  • sinn acrach, creuchdach, brùite, piant'.
  • Adhlaicte an-diugh mo luaidh,
  • 's nach aithnich mise uaigh seach uaigh:
  • measg mhìltean 'n Tigre tha e na shuain
  • coimhead thusa, Thighearna, oirnn le truas.
  • An tig, a Thighearna, uisge trom
  • a bheir a-mach toradh bhon talamh lom?
  • Cùm rium mo chreideamh annad fhèin,
  • na canar: 'An do thrèig thu mi, mo Dhia?'
  • Cheus riaghaltas eile Crìosd air crann,
  • 's tha luchd-brèig gar biathadh 's sinn gu gann.
  • Dòirt nuas do mhathas caomh, a Dhè –
  • na leig le olc buannachadh gu lèir.

Urnaigh na Ban-Tigrich

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' bhana-bhàrd ag aithris Gun Stiùir

Catrìona NicGumaraid ag aithris an dàn, Gun Stiùir.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Catrìona NicGumaraid

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.