20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Bàrdachd - Cearcall mun Ghealaich

Chithear uaireannan cearcaill mun ghealaich agus mun ghrèin. 'S e criostalan deighe san àile a tha gan adhbhrachadh le bhith ag ath-raonachadh agus ag ath-thilgeil solas. Tha 'd a' toirt sealladh air leth brèagha agus aig an aon àm, a' toirt fiosrachadh dhuinn mu na criostalan a th' anns na neòil.


Anns an dàn seo tha seat de dh'ìomhaighean seasmhach – rudan math, suidhichte, nàdarrach, a tha toirt taic agus blàths, mar eòrna abaich no teaghlach – agus seat de dh'ìomhaighean neo-sheasmhach – rudan dona, briste, stoirmean, agus gu h-àraidh rudan nach mair ach a tha falbh leis an t-sruth. Agus anns a' mheadhan, eadar na dhà, tha 'cearcall na gealaich', rabhadh aig àm a tha rudan a' dol gu math gum faod sin atharrachadh gu luath, gum faod na rudan 'seasmhach' fàs 'neo-sheasmhach'. Tha ìomhaigh cearcall na gealaich a' toirt na bàrdachd air adhart ceum air cheum agus a' ceangal nan roinnean ri chèile.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

Cearcall mun Ghealaich

Cearcall mun Ghealaich

  • Bliadhna mhòr na stoirme
  • chunnaic mi cearcall mun ghealaich
  • 's dh'fhalbh na h-adagan eòrna
  • nan sruth sìos chun a' chladaich,
  • is sheas sinn nar triùir ann
  • (mi fhèin, mo phiuthar is m' athair)
  • a' faicinn obair ar làimhe
  • na deann-ruith à sealladh.
  • Is chunnaic mi uair eile
  • cearcall mun ghealaich –
  • aig deireadh samhraidh sgiamhach
  • chaidh gaol às mo shealladh.
  • Bu riaslach an tìm ud
  • gu 'n tàinig leigheas an earraich,
  • ach thàinig le tìde
  • àm grianach gum aire.
  • Ach a-nis, aig deireadh samhraidh,
  • chì mi cearcall mun ghealaich
  • is tusa a' falbh bhuam
  • gu baile an Sasainn,
  • 's mo chridhe cho sgaoilte
  • na raon mòr fada farsaing
  • gun adagan ar gaoil ann
  • fon d' fhuair mi fasgadh bha abaich
  • – 's ma dh'fhalbhas tu
  • cha till grian bhrèagha an earraich.

Cearcall mun Ghealaich

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' bhana-bhàrd ag aithris Gun Stiùir

Catrìona NicGumaraid ag aithris an dàn, Gun Stiùir.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Catrìona NicGumaraid

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.