20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Am Bàrd

Catrìona NicGumaraid

Chuir Catrìona greis seachad a' teagaisg Gàidhlig agus Modern Studies ann an Àrd-sgoil Phenilee an Glaschu an dèidh dhi ceumnachadh.


Ann an 1973 b' i a' chiad sgrìobhaiche a bh'aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.


Tha na dàin aice air nochdadh ann an grunn irisean, nam measg Gairm agus Lines Review. Chaidh A' Choille Chiar, leabhar den bhàrdachd aice fhèin 's aig a piuthar, Mòrag, fhoillseachadh ann an 1974 agus nochd Rè na h-Oidhche, leis a' bhàrdachd aice fhèin ann an 1994. Tha cruinneachadh de na dàin aig Catrìona cuideachd anns an leabhar An Aghaidh na Sìorraidheachd a chaidh a dheasachadh le Crìsdean Whyte ann an 1991.


Choisinn i Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd an Òbain ann an 2003.


A bharrachd air a bhith a' sgrìobhadh, tha Catrìona cuideachd aithnichte mar bhana-chleasaiche.


Tha i pòsta le dithis chloinne agus a' fuireach an Glaschu far a bheil i fhathast a' sgrìobhadh bàrdachd, sgeulachdan is rannan.


Latha-breith:

22 Màrt 1947

Àite:

Rodhag, Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Bun-sgoil Bhatain

Àrd-sgoil Phort Rìgh

Oilthigh Ghlaschu

Colaiste Cnoc Iordain, Glaschu

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Dè mhisnich i gus tòiseachadh a' sgrìobhadh?

Nuair a thòisich mise ri bàrdachd, chan e bàrdachd mar sin a bh' ann. B' e òrain a bha mi a' sgrìobhadh. Agus b' e a thug orm tòiseachadh air Gàidhlig anns an nòs ùir, b' ann nuair a chuala mi a' bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain. Agus bha buaidh shònraichte aice air mo bhàrdachd. Tha mi a' smaointinn gun do dh'fhosgail e iuchair mo chiùil. Agus a bharrachd air an sin, bha e fhèin cho uabhasach laghach.

Bha mi gu math eòlach air agus bha e a' smaoineachadh gu robh mi uabhasach eccentric – enough said! Ach duine air leth laghach. Bha mi eòlach air agus bha e ga mo bhrosnachadh. Bha e a' brosnachadh mo bhàrdachd agus thuirt e, Cearcall mun Ghealaich, thug e moladh air a' bhàrdachd a bha sin. Thuirt e gu robh e, mas urrainn dhomh seo a chantail, thuirt e gu robh e sònraichte math agus cha dhìochuimnich mi gu bràth e.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.