20mh linn / Catrìona NicGumaraid

Am Bàrd

Catrìona NicGumaraid

Chuir Catrìona greis seachad a' teagaisg Gàidhlig agus Modern Studies ann an Àrd-sgoil Phenilee an Glaschu an dèidh dhi ceumnachadh.


Ann an 1973 b' i a' chiad sgrìobhaiche a bh'aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.


Tha na dàin aice air nochdadh ann an grunn irisean, nam measg Gairm agus Lines Review. Chaidh A' Choille Chiar, leabhar den bhàrdachd aice fhèin 's aig a piuthar, Mòrag, fhoillseachadh ann an 1974 agus nochd Rè na h-Oidhche, leis a' bhàrdachd aice fhèin ann an 1994. Tha cruinneachadh de na dàin aig Catrìona cuideachd anns an leabhar An Aghaidh na Sìorraidheachd a chaidh a dheasachadh le Crìsdean Whyte ann an 1991.


Choisinn i Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd an Òbain ann an 2003.


A bharrachd air a bhith a' sgrìobhadh, tha Catrìona cuideachd aithnichte mar bhana-chleasaiche.


Tha i pòsta le dithis chloinne agus a' fuireach an Glaschu far a bheil i fhathast a' sgrìobhadh bàrdachd, sgeulachdan is rannan.


Latha-breith:

22 Màrt 1947

Àite:

Rodhag, Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Bun-sgoil Bhatain

Àrd-sgoil Phort Rìgh

Oilthigh Ghlaschu

Colaiste Cnoc Iordain, Glaschu

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Catrìona a' cuimhneachadh air Rodhag

Àite air leth toilichte, a bha làn de charactars agus a bhith anns an achadh bhuana còmhla ri m' athair agus an uncle aig Kenna, Murchadh Chalum Sheumais, cha robh ann ach fealla-dhà is spòrs. Àite uabhasach fhèin toilichte gus an tàinig an tbh. agus sguir an dibhearsain an uair sin oir bha a h-uile duine cho coltach ri daoine eile. Ach bha sinn anabarrach eadar-dhealaichte ann an Rodhag gus an uair sin.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.