20mh linn / Aonghas MacNeacail

Cuspairean

Tha grunn de na dàin aig Aonghas MacNeacail air cuspairean traidiseanta mar cànan, cultar agus dòigh-beatha na Gàidhealtachd, no mun ghaol. Ach bidh e cuideachd a' sgrìobhadh mu cheistean farsaing mar creideamh agus mu nàdar na bàrdachd agus a' mhac-meanmna.


Tha MacNeacail a' cur gu feum ìomhaighean air an tarraing à caochladh dhualchasan, sean agus ùr, na bhàrdachd. Tha e a' cleachdadh rannaigheachd, a-rithist le dreach an dà chuid ùr agus traidiseanta, anns a bheil fuaimneachas làidir agus ritheaman siùbhlach. Glè thric tha e a' cleachdadh nan rudan sin uile còmhla airson saoghal seunta, dìomhair a chruthachadh. Chan eil an còmhnaidh aon smuain shònraichte ag èirigh à dàn àraidh le MacNeacail. Tha e gar fàgail tric le faireachdainn no mothachadh a dh'fhaodas sinn a mhìneachadh ann an diofar dhòighean.


'S e saor-rannaigheachd as motha a bhios am bàrd a' cur gu feum agus tha e ga chleachdadh ann an dòigh ar leth sgileil. Bidh e a' cleachdadh ath-aithris mar seòrsa de shèist agus ruitheaman siùbhlach a tha a' cuimhneachadh dhuinn seann òrain Ghàidhlig leithid nan òran luaidh.


Bidh e cuideachd a' dèanamh feum de choltas an sgrìobhaidh air an duilleig. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a chleachdas e pungachadh mar litrichean mòra no puingean-stad, rud a tha toirt gluasad nas siùbhlaiche dhan bhàrdachd aige.


Teacsa

Mar a bhios Aonghas MacNeacail a' sgrìobhadh dàn

Gu math tric gheibh thu facal, no gheibh thu seantans no gheibh thu dealbh nad inntinn agus bidh mi ag ràdh anns a' Bheurla, 'I write to satisfy the itch at the back of my brain.' Bidh tachais cùl na h-inntinn a' dùsgadh smuain is tha thu an uair sin a' tòiseachadh a sgrìobhadh gus am faigh thu a-mach gu dè a tha agad ri ràdh.

Bidh mi ag ràdh nan trì ceumanan 's e: an tachais air cùl na h-inntinn, dè a tha mi a' feuchainn ri ràdh, agus an uair sin, nuair a tha thu a' tuigsinn, tha fios 'am càite bheil seo a' dol, tha thu a' sgrìobhadh ag amas air soilleireachd a ruighinn, gus am bi an dàn cho soilleir 's a ghabhas. Agus 's e an treas pàirt gu math tric am pàirt as fhaide. Sin far am bi thu ag ath-sgrìobhadh is ag ath-sgrìobhadh, is ag ath-sgrìobhadh gus an ruig thu àm far a bheil an rud a tha thu a' feuchainn ri ràdh cho soilleir 's a gheibh thu e a bhith.

Ann an dòigh sin is dòcha an-dòigh as cumanta, a' bhàrdachd a tha a' tighinn às an t-suidheachadh pearsanta. 'S dòcha gu bheil thu a' dràibheadh sìos an rathad anns a' chàr, is dòcha gu bheil thu ag amharc an tele, tha iomadh suidheachadh anns am faod sin tachairt.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.