20mh linn / Aonghas MacNeacail

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Aonghas MacNeacail, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacThòmais, R. (An t-Earrach 1984) Sireadh Bradain Sicir.

Gairm, 126, td. 191

Sireadh Bradain Sicir

"'S e leabhar annasach a tha seo. Duine sam bith a tha a' sireadh gliocas, feumaidh e bhith greis mhòr anns an tòir, is a' toirt leis bloighean an-dràsta 's a-rithist mar a thig iad na chòir. 'S cha dèan math dha bhith cinnteach gun do lorg e e.

Tha car dhen aon cheist air feur-leughaidh no fear-sgrùdaidh an leabhair seo. Tha 'n tòir ga thoirt fon an uisge, ann am muir, 's an abhainn, far a bheil iomadh rud annasach mar a chunnaic Mac Mhaighstir Alasdair na latha fhèin. Agus tro na coilltean. Agus cuideachd gu iomallan an t-saoghail – na h-Innsean an Ear agus na h-Innseanaich san Àird an Iar, dhan Ghrèig 's a dh'Èirinn. Chan e nach aithnich duine bradan, ach tha barrachd air an sin ri dhèanamh – an e bradan sicir a th' ann 's ciamar a ghabhas sicireachd aithneachadh.

Chan eil a' cheist cho sìmplidh 's a bha i do Fhionn, oir ged a loisgeadh tu do mheur 's a chuireadh tu nad bheul i, chan eil cinnt sam bith ann gu lean an gliocas rithe. Mar sin chan eil air ach a bhith a' lorg 's a' sireadh, a' coimhead 's a' leughadh, agus is dòcha gun turchair thu air...

Faodaidh tu feadhainn de na beathaichean a lorg anns an dealbh cuideachd, agus tha am bàrd 's an dealbhadair fo chomain dha chèile anns an t-sireadh."

Mac a' Ghobhainn, I. (An t-Earrach 1987) An Seachnadh agus dàin eile.

Gairm, 138, td. 188

An Seachnadh agus dàin eile

"Bu chaomh leam facal no dhà a ràdh an toiseach mu dheidhinn stoidhle na bàrdachd aige a tha air a stèidheachadh an dà chuid air nòs Gàidhlig agus nòs Ameireaganach. Air an adhbhar sin gheibh sinn air an dàrna taobh, dàn coltach ri "Caithris na h-Oidhche" a tha tradiseanta ga leòr ach air an taobh eile sreathan briste coltach ris an fheadhainn a leanas:

  • A' ghealach cho geal
  • Anns an dubhar...

'S e guth ùr a tha seo, eu-coltach ri guthan eile anns a' Ghàidhlig, agus tha mi smaoineachadh gur e MacNeacail a-nise bàrd a tha gabhail àite àrd anns a' ghinealach a tha tighinn às dèidh nan ceathrar mhòr air a bheil gach leughadair eòlach. Tha e toirt sùil gheur gu h-àraidh air a' ghaol agus air nàdar – agus 's iad-san prìomh chuspairean na Gàidhlig ann am bàrdachd.

Tha eadar-theangachaidhean de chuid mhòr den bhàrdachd anns an leabhar agus a bharrachd air an sin tha dàin eile air an eadar-theangachadh gu Gàidhlig bho ealain muinntir ruadh Ameireaga. Tha mi cinnteach gu bheil seo a' ciallachadh gu bheil MacNeacail a' coimhead samhlaidhean eadar an dà chultar agus cuideachd tha mi cinnteach eadar crannchar an dà shluaigh."

MacIlleDhuibh, R. (2 An t-Samhain 2007) Leabhraichean Ùra, laoidh an donais òig

The Scotsman

laoidh an donais òig

"Bha bàrdachd MhicNeacail riamh far a bheil Eliot (structar briste) a' coinneachadh ri Rousseau (air ais gu nàdar). Tha pailteas Rousseau san leabhar seo – 's e am bradan an samhla as fheàrr le MacNeacail – ach nas lugha de dh'Eliot. Chaill e ùidh ann an cluich le pàtrain sgàinte, agus (fo bhuaidh nan libretti a sgrìobh e?) thòisich e dol an rathad eile, gu comhardadh slàn, leithid san òran cèile brèagha a rinn e do Gherda a bhean. Tha an t-atharrachadh seo coltach ri diofar stoidhle dannsa – diosgo gu waltz? Gu dearbh tha MacNeacail dèidheil air dannsa na chuid bhàrdachd, leithid do Gherda "an t-aingeal tha buileach gun ghò / chan fhaigheadh bhuam annasachd / oir b' fheàrr leam do fhrionas, do dheò / do shunnd airson dannsa".

An rud as motha tha ùr ge-tà 's e MacNeacail a' rannsachadh nan crìochan eadar bàrdachd agus rosg, mar a rinn Maoilios Caimbeul cho soirbheachail roimhe: 's e sin, aintighearnas shreathan a dhiùltadh (mar a chaidh aintighearnas rannan a dhiùltadh o chionn fhada) agus ruitheaman a lorg ann an dòighean eile...

Cha do shaoil mi gun robh dad ri ràdh tuilleadh mu phrìomh chuspair bàrdachd MhicThòmais, Mhic a' Ghobhainn 's MhicAmhlaigh, grèim na h-eagalias air inntinn a' Ghàidheil, ach sin dìreach na th' aig MacNeacail san treas dàn dhen t-seòrsa seo, an tionndadh eile, a tha a' tòiseachadh "nuair a dh'fhàg mi a' choinneamh ud" – coinneamh ùrnaigh. Tha e bruidhinn mu a sheann chàirdean sgoile tha nan "dannsairean ciontach sàmhach gun ghàire / nam bainnsean eadar Bìobaill is teagamh / eadar creideamh is dòchas, eadar cinnt / agus cinnt agus teicheadh, mar chaoraich / eadar faing agus sgian agus soisgeul, mar / òighean gliocais, an cìochan làn shearmoin". Leis na th' aige de dhoimhneachd, de chumhachd lirigidh 's de thuigse air càs mhic an duine, tha seo shuas an siud còmhla ri leithid Am Bodach-Ròcais aig MacThòmais agus Soisgeul 1955 aig MacAmhlaigh. Agus tha e a' sealltainn mar a tha bàrdachd MhicNeacail, a bha math cheana, a' sìor thighinn nas fheàrr."

Teacsa

Aonghas Pàdraig Caimbeul ag innse mar a tha sealladh eadar-nàiseanta aig obair Aonghais Dhuibh

B' e Aonghas Dubh mar gum biodh a' chiad duine a dh'fhosgail an doras airson a' ghinealaich ùr, le falt fada dubh, leis an fheusag, le sealladh nan sixties... Bha e eòlach air pop is bha e eòlach air Marilyn Monroe is bha e a' toirt a-steach ìomhaighean Hollywood. Bha e a' toirt a-steach an t-saoghail 's a' ceangal an t-saoghail mhòr ghleansach, telebhisean, fìlm an sin leis an t-seann nòs.

Dhòmhsa agus dha mo ghinealach, rinn e ceangal eadar-nàiseanta le na mion-chànanan eile agus le mion-chultaran eile. 'S tha pìosan bàrdachd aige ceangailt' is a thog e bho na h-Innseanaich Ruadh, mar eisimpleir, ann an Ameireaga a Tuath a bha uabhasach, uabhasach cudromach shaoil mise ann a bhith a' dèanamh ceangail dhòmhsa agus dha mo leithid, nach robh sinn ann an oisean beag leinn fhèin ach gum buineadh sinn gu h-eadar-nàiseanta.

Tha mi smaointinn an dàrna rud a rinn Aonghas, gun do rinn e an ceangal a bha sin, gu faodadh a' Gàidhlig mar chànan agus bàrdachd Gàidhlig dèiligeadh le Marilyn Monroe no le Manhattan no New York no cuspair sam bith gu h-eadar-nàiseanta. Ach air cùl sin tha ceist na Gàidhlig fhèin, am bi a' Gàidhlig beò is dè an neart a th' anns a' Ghàidhlig.

Air adhart gu

Ceanglaichean

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.