20mh linn / Aonghas MacNeacail

Bàrdachd - còmhdhail

Dàn 4

Tha MacNeacail an seo a' bruidhinn air sùil a' bhoireannaich mar chuan air a bheil bàtaichean a' tighinn thuige le carago de sheudan luachmhor. Is e na seudan miannan agus dùrachdan agus smuaintean nach urrainn dhi a chur ann am briathran dha ach a leughas esan leis a' phrosbaig aige (le sùil gheur bàird?).


San earrainn mu dheireadh, tha sùil a' bhoireannaich air a coltachadh ris an adhar ghorm. Tha i mar sgàthan a dh'innseas sgeul no a nì dealbh a dh'fheumas esan a mhìneachadh agus ciall a dhèanamh dheth - 's e sin, leis am feum e bàrdachd a dhèanamh.


Tha mu dheireadh rocaid a' tighinn a-mach às an adhar ghorm sin. Dè tha sin a' ciallachadh? Aimhreit a-mach à cuan / adhar a tha gorm agus ciùin, sealladh obann air brìgh nam faclan agus nam faireachdainnean a tha am boireannach a' riochdachadh. An e bàrdachd no tuigse a tha a' tighinn am follais? Tha MacNeacail ga fhàgail againn fhèin an ìomhaigh a mhìneachadh.


còmhdhail

  • do shùil ghorm mar chuan
  • na saoghal ciùin
  • sprèidh luingeis
  • a' tighinn thar fhàirean
  • giùlain an luchd
  • de bhriathran dìomhair
  • nach aithris do bhilean
  • do shùil gorm mar speur
  • sàmhach, sorcha
  • sgàthan domhain dhan sgeul
  • a dh'innseas do chòmhlan dhi
  • gam fhàgail a' fuasgladh na deilbh
  • agus rocaid a' leum a mach às a' ghuirme
  • crathadh nam braon dhith

còmhdhail

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris còmhdhail

Aonghas MacNeacail ag aithris an dàn, còmhdhail.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Aonghas MacNeacail

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.