20mh linn / Aonghas MacNeacail

Bàrdachd - breisleach

Dàn 2

Tha dreach seann òrain air an dàn seo. Tha seo ri fhaicinn ann an rannaigheachd, ìomhaighean agus cànan, ged a tha am bàrd a' cur a dhreach fhèin, dreach an latha an-diugh, air cuideachd, a' cruthachadh seòrsa ùr de òran-mòr Gàidhlig.


Anns a' chiad dà rann tha MacNeacail ag innse mar a tha coltas a' bhoireannaich ga leantainn, mar mhanadh, anns gach àite. Tha e a' faicinn a h-aodainn anns na craobhan agus am measg nan sligean air an tràigh. Cha chuir deoch-làidir no cadal às a chuimhne i.


Nan tigeadh iad còmhla agus gum biodh iad rèidh, sguireadh a' bhreisleach seo, tha e ag ràdh anns an treas rann.


Anns an rann mu dheireadh, tha e a' cleachdadh mar ìomhaighean rudàn nach eil anns a' chumantas a' dol le chèile: creag agus abhainn, famh agus iolaire, feamainn agus subh-làir. A bheil e a' ciallachadh gu bheil iadsan mar sin, cho fada sin o chèile? Ach a dh'aindeoin sin gur dòcha gun tig iad ri chèile agus gun tig a' bhreisleach gu ceann?


breisleach

  • chaidh mi 'n-dè dhan choille challtainn
  • shireadh chnòthan airson biadh
  • ach 's e bh' air a h-uile geug ach
  • d' aodann-sa gam thriall.
  • chaidh mi 'n-dè gu tràigh a' mhaoraich
  • lòn de choilleagan a bhuain
  • nochd a h-uile slige neamhaid
  • d'àilleachd-sa a luaidh
  • chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsta
  • son do sgiùrsadh as mo cheann
  • h-uile glainne thog mi thaom do
  • mhaiseachd aist' na deann.
  • chlaon mi tràth a raoir dhan leabaidh
  • thusa ruagadh às le suain
  • ach cha tug thu cead dhomh cadal
  • gus an dèanainn duan
  • dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
  • ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
  • do chumadh bhith an àit' do shamhla
  • agam bhios an fhèill.
  • dh'fhàg thu mi nam bhaothair gòrach
  • bòdhradh chàirdean le do chliù
  • nuair a thig thu chì iad nach eil
  • mearachd ann am fhiù
  • chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth
  • famh is iolair' anns an ruidhl'
  • stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
  • mireadh mu an sùil.
  • chì iad mis' is thusa sùgradh
  • bil ri bil ar n-anail aoint'
  • cniadachadh mar seo gu sìor le
  • chèile b' e ar maoin

breisleach

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris còmhdhail

Aonghas MacNeacail ag aithris an dàn, còmhdhail.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Aonghas MacNeacail

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.