20mh linn / Aonghas MacNeacail

Bàrdachd - a nochd is tu bhuam

Tha trì 'cuspairean' no 'coimeasan' anns a' bhàrdachd gaoil seo. Aig an toiseach, tha astar eadar e agus a leannan ach tha ceangal eatarra a dh'aindeoin sin. San dara pàirt den dàn, tha dorchadas mun cuairt air, gu litireil agus mar ìomhaigh air rudan eile, ach tha soillse a' briseadh troimhe mu dheireadh. Agus tha cuideam ag èirigh dheth agus mireadh a' tighinn na àite. 'S e sin ri ràdh, tha bàrdachd a' tighinn thuige a-mach às an dorchadas.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


a nochd is tu bhuam

  • ged a bhiodh cuairt nan reul
  • eadar mi is tu
  • cha chrìon an snàth-sìoda
  • a chuibhrich thu rium
  • a cheangail mi riut,
  • agus a-nochd is tu bhuam
  • tha mi san dubhar
  • cur bhriathran thugad
  • luchd mo chridhe
  • faclan trom dorcha gun chruth,
  • foghair is connrag
  • a' sìolachadh gu ciall,
  • mar a tha duilleach nan craobh
  • a' cromadh nan geug,
  • anns an doilleir
  • san oiteag
  • a' mireadh an guirme
  • priobadh na camhanaich

a nochd is tu bhuam

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris còmhdhail

Aonghas MacNeacail ag aithris an dàn, còmhdhail.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Aonghas MacNeacail

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.