20mh linn / Aonghas MacNeacail

Am Bàrd

Aonghas MacNeacail

Cha do thòisich Aonghas Dubh, mar as fheàrr a dh'aithnichear e, a' sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig gus an robh e 25 ged a bha e air a bhith ag amas air bàrdachd sa Bheurla a sgrìobhadh grunn bhliadhnaichean ron sin.


Bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar sgrìobhadair eadar-nàiseanta ag aithris a chuid bhàrdachd ann an dùthchannan cho fad às ri Iapan, Ameireaga, Fionnlainn is Iosarail. Tha e cuideachd air tòrr obair a dhèanamh am measg inbhich agus sgoilearan gam brosnachadh gu bhith ri bàrdachd, gu h-àraidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh far an deach leabhar fhoillseachdh le cruinneachadh den obair a rinn e-fhèin 's na sgoilearan san sgìre.


Tha Aonghas a' dèanamh a bheòshlaint bho bhith a' sgrìobhadh ann an iomadh seagh: bàrdachd, òrain, scriobtaichean rèidio, telebhisean, taigh-cluiche, film agus fiù's opara. B' e aon de na sgrìobhadairean a bh' air am film cliùiteach Seachd a thàinig a-mach ann an 2007 agus tha e air dà libretto a sgrìobhadh, An Turas agus Sgathach. Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh leis an leabhar as ùire, laoidh an donais òig a' nochdadh ann an 2007.


Tha e air iomadh duais a chosnadh, nam measg Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Pheairt ann an 2004 agus Duais Stakis airson Sgrìobhadair na Bliadhna ann an 1997.


Tha e pòsta aig a' chleasaiche 's an sgrìobaiche ainmeil Gerda Stevenson. Tha dithis chloinne aca agus tha an dachaigh an-diugh ann an Siorrachd nam Puballan.


Latha-breith:

7 Ògmhios 1942

Àite:

Uig, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Bun-sgoil Uige

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Oilthigh Ghlaschu

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Mar a chur e eòlas air bàrdachd Gàidhlig

An aon leabhar a bh'againne as cuimhne leamsa, 's e Bàrdachd Ghàidhlig le MacBhatair. Agus cha robh càil na b'fhaisg oirnn na toiseach an naoidheamh linn deug. Cha robh Màiri Mhòr no Gobha na Hearadh no na daoine sin, no bàird an ficheadamh linn, cha robh iad air am faicinn math gu leòr. Agus ged a bha na fìor bhàird, Mac Mhaighstir Alasdair, Donnchadh Bàn, Uilleam Ross is daoine mar sin ann, bha iad car tomadach is trom do dhaoine òga anns an sgoil.

'S mar sin, nuair a thòisich mise a' sgrìobhadh, cha do smaoinich mi air sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig. B' ann caran mun aon àm 's a thòisich mi a' sgrìobhadh bàrdachd le comhairle Hobsbawm. Bha mi air a dhol dhan Cholaiste Ghàidhlig ann an Langside ann an Glaschu, far an do choinnich mi ri duine iomraiteach ann an sin, Ruairidh MacNèill a bha a' teagaisg Cruinn-eòlas anns a' cholaiste làn ùine ach air an oidhche bha e a' teagaisg Gàidhlig. B' e duine air leth a bh' ann, Barrach. B' e duine mìorbhaileach a bh' ann an Ruairidh. Chan eil e beò an-diugh gu mì-fhortanach. Ach b' e esan le Rhoneo is Xerox, fada mus robh photocopy no print-out no càil ann, bha na peantaichean a bha seo air an sgrìobhadh air an duilleig phinc no phurpaidh agus bha fàileadh làidir dheth. 'S e alcohol a tha mi a' smaoineachadh a bha anns a' mheasgachadh de stuth - chuireadh e an deoch ort ma bha an rùm ro theann leis an fhàileadh a bh' air.

Ach air na duilleagan a bha seo, bha a' bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, a' bhàrdachd aig Ruaraidh MacThòmais, aig Iain Mac A' Ghobhainn, aig Dòmhnall MacAmhlaigh. Chan eil cuimhne agam an robh Mac Iain Dheòrsa ann cuideachd, Deòrsa Caimbeul Hay, ach bha bàird beò anns an linn againn fhèin, a' sgrìobhadh agus bha sin na dhùsgadh eagalach dhòmhsa. Tha bàrdachd beò fhathast anns a' Ghàidhlig. 'S e Gàidheal a th' annamsa, tha mi a' feuchainn ri bàrdachd a sgrìobhadh. Tha seo a' toirt cead dhòmhsa a bhith a' sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig agus sin far an do thòisich mise. Bha mi mu chòig bliadhna fichead nuair a thòisich mi ri bàrdachd de sheòrsa sam bith a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig, ach bha mi fhathast a' faicinn na bàrdachd Bheurla mar gum biodh a' phrìomh shruth. Bha a' bhàrdachd Ghàidhlig fhathast na cleas caran prìobhaideach. B' e bàrdachd gaoil a bu mhotha a bha mi a' dèanamh aig an àm agus cha robh mi a' faicinn na Gàidhlig fhathast cho cudromach ris a' Bheurla.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.