20mh linn / Aonghas MacNeacail

Am Bàrd

Aonghas MacNeacail

Cha do thòisich Aonghas Dubh, mar as fheàrr a dh'aithnichear e, a' sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig gus an robh e 25 ged a bha e air a bhith ag amas air bàrdachd sa Bheurla a sgrìobhadh grunn bhliadhnaichean ron sin.


Bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar sgrìobhadair eadar-nàiseanta ag aithris a chuid bhàrdachd ann an dùthchannan cho fad às ri Iapan, Ameireaga, Fionnlainn is Iosarail. Tha e cuideachd air tòrr obair a dhèanamh am measg inbhich agus sgoilearan gam brosnachadh gu bhith ri bàrdachd, gu h-àraidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh far an deach leabhar fhoillseachdh le cruinneachadh den obair a rinn e-fhèin 's na sgoilearan san sgìre.


Tha Aonghas a' dèanamh a bheòshlaint bho bhith a' sgrìobhadh ann an iomadh seagh: bàrdachd, òrain, scriobtaichean rèidio, telebhisean, taigh-cluiche, film agus fiù's opara. B' e aon de na sgrìobhadairean a bh' air am film cliùiteach Seachd a thàinig a-mach ann an 2007 agus tha e air dà libretto a sgrìobhadh, An Turas agus Sgathach. Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh leis an leabhar as ùire, laoidh an donais òig a' nochdadh ann an 2007.


Tha e air iomadh duais a chosnadh, nam measg Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Pheairt ann an 2004 agus Duais Stakis airson Sgrìobhadair na Bliadhna ann an 1997.


Tha e pòsta aig a' chleasaiche 's an sgrìobaiche ainmeil Gerda Stevenson. Tha dithis chloinne aca agus tha an dachaigh an-diugh ann an Siorrachd nam Puballan.


Latha-breith:

7 Ògmhios 1942

Àite:

Uig, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Bun-sgoil Uige

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Oilthigh Ghlaschu

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Mar a thug an togail a fhuair e buaidh air a sgrìobhadh

Mar a tha thu ag èirigh suas tha thu a' smaoineachadh, dè th' annam-sa ach mac croiteir. Dè th' ann an croitearachd ach dòigh beatha gu math cumanta. Chan eil càil àraid mu dheidhinn leithid de dhòigh beatha. Uill, bha m' athair aig muir 's chaochail e nuair a bha mise gu math òg, ach a bheil fios agad, maraireachd is croiteareachd, cha robh mi a' faicinn càil neo-àbhaisteach mun dheidhinn. Ach thòisich mi an uair sin a' smaointinn mu na daoine is rud eile air an robh mi mothachail, bha an dòigh beatha a' dol à bith. Bha mi a' faicinn gu robh an cànan a' sìor chrìonadh, bha na daoine a' sìor fàs seann, bha na daoine òga mar mi fhèin is a h-uile duine eile a' togail orra air falbh.

Tha cuimhne agam criomag bheag de bhàrdachd a rinn mi nach deach a-riamh dhan leabhar ach bha na faclan, 'Born with the shell of exile on their backs'. Bhon àm a rugadh tu, tha thu gu bhith deasachadh airson falbh co-dhiù dhan oilthigh, nursaigeadh, dha na poileis, saorsanachd. Bha a' mhòr-chuid de na daoine às na h-eileanan, bha iad a' togail orra a dh'àitichean eile agus thug sin mar gum biodh cuspairean dhomh. Agus thòisich mi a' sgrìobhadh mu na daoine a b' aithne dhomh, na daoine air an robh cuimhne agam, cuid de na dàin mu dheidhinn daoine a b' aithne dhomh ged a dh'atharraich mi an ainm no dh'atharraich mi an cruth, is cuid eile mu dheidhinn daoine a dh'fhaodadh a bhith coltach ris an fheadhainn a b'aithne dhomh. Mar a tha duine a' sgrìobhadh nobhail, tha thu gu math tric a' dol an sàs ann an rudan air a bheil thu eòlach ach gu bheil thu a' cur cruth eile oirre.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.