Advertisement

20mh linn / Aonghas MacNeacail

Am Bàrd

Aonghas MacNeacail

Cha do thòisich Aonghas Dubh, mar as fheàrr a dh'aithnichear e, a' sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig gus an robh e 25 ged a bha e air a bhith ag amas air bàrdachd sa Bheurla a sgrìobhadh grunn bhliadhnaichean ron sin.


Bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar sgrìobhadair eadar-nàiseanta ag aithris a chuid bhàrdachd ann an dùthchannan cho fad às ri Iapan, Ameireaga, Fionnlainn is Iosarail. Tha e cuideachd air tòrr obair a dhèanamh am measg inbhich agus sgoilearan gam brosnachadh gu bhith ri bàrdachd, gu h-àraidh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh far an deach leabhar fhoillseachdh le cruinneachadh den obair a rinn e-fhèin 's na sgoilearan san sgìre.


Tha Aonghas a' dèanamh a bheòshlaint bho bhith a' sgrìobhadh ann an iomadh seagh: bàrdachd, òrain, scriobtaichean rèidio, telebhisean, taigh-cluiche, film agus fiù's opara. B' e aon de na sgrìobhadairean a bh' air am film cliùiteach Seachd a thàinig a-mach ann an 2007 agus tha e air dà libretto a sgrìobhadh, An Turas agus Sgathach. Tha e air grunn leabhraichean fhoillseachadh leis an leabhar as ùire, laoidh an donais òig a' nochdadh ann an 2007.


Tha e air iomadh duais a chosnadh, nam measg Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Pheairt ann an 2004 agus Duais Stakis airson Sgrìobhadair na Bliadhna ann an 1997.


Tha e pòsta aig a' chleasaiche 's an sgrìobaiche ainmeil Gerda Stevenson. Tha dithis chloinne aca agus tha an dachaigh an-diugh ann an Siorrachd nam Puballan.


Latha-breith:

7 Ògmhios 1942

Àite:

Uig, An t-Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Bun-sgoil Uige

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Oilthigh Ghlaschu

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Carson as e Aonghas Dubh a th' aig daoine air a' bhàrd?

Nach eil e follaiseach!

Bha mi dubh aon uair, gu math dubh tha mi cinnteach. Agus 's ann dìreach às dath an fhuilt ach bidh mi a' smaoineachadh uaireannan gum biodh e math nam b' urrainn dhomh a ràdh gu robh beagan dhen nàdar agam dubh cuideachd ach chan eil fhios 'am... tha mi ro mheasail air a bhith a' dèanamh gàire airson sin.

Air adhart gu

Cuspairean

Rannsaich am BBC

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.