20mh linn / Anna Frater

Cuspairean

Na bàrdachd, tha Anna Frater tric a' meòmhrachadh air Leòdhas, an t-eilean dham buin i agus air earrannan sònraichte de dhualchas an eilein agus de dhòigh-beatha làitheil nan daoine. Tha i cuideachd tric a' dèiligeadh na bàrdachd ri cor na Gàidhlig agus nàiseantachd ach tha i uaireannan eile a' leudachadh a seallaidh gu rudan a tha a' tachairt ann am pàirtean eile den t-saoghal.


Bidh Frater cuideachd a' dèiligeadh ri cuid de na ceistean farsaing, moralta a tha fa chomhair dhaoine san latha an-diugh agus ri Cuspairean pearsanta, mar a nàdar fhèin agus gaol.


Tha Anna Frater mar as trice a' cur a smuaintean an cèill tro bhith a' snìomh ìomhaighean ri chèile gu sgileil, uaireannan ga fhàgail aig an leughadair am mìneachadh. Mar as trice tha i a' cleachdadh saor-rannaigheachd.


Teacsa

Mar a tha a stoidhle sgrìobhaidh air atharrachadh

Nuair a thòisich mi bha meas mòr agam air bàrdachd Ruaraidh MhicThòmais agus gu ìre mhòr, feumaidh mi aideachadh, bha mi a' leantainn na stoidhle sgrìobhaidh aigesan. A' toiseachadh le ìomhaigh 's an uair sin mìneachadh a' tighinn as a dhèidh. A-nis, chan eil mi a' dèanamh uimhir a mhìneachadh. Tha mi a' fàgail barrachd an urra ris an leughadair.

Uaireannan, tha sin a' fàgail nach eil daoine buileach a' tuigsinn na bàrdachd. Chan eil e cho furasta, mar aon dhàn Domestic 9/4/92. Agus chan eil daoine a' tuiginn gu bheil an ceann latha cudromach oir chan e dàn mu dheidhinn boireannach a th' air a pronnadh leis an duine 's a' tilleadh air ais thuige aig deireadh an latha a th' ann. 'S e dàn poilitigeach a th' ann. B' e sin latha an taghaidh a chuir na Tòraidhean air ais a-steach nuair a bha sinne a' smaoineachadh gu robh sinn a' dol a dh'fhaighinn atharrachadh. Cha do chuir mi càil dhan dàn a bha a' mìneachadh sin ach anns an tiotal fhèin.

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi a' dèanamh barrachd dhen sin a-nise agus cuideachd dàin mu dheidhinn tachartasan sònraichte no daoine sònraichte. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mo ghuth fhìn a' tighinn troimhe nas làidire na bha e anns na dàin a bu tràithe.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.