20mh linn / Anna Frater

Bàrdachd - Ar Cànan 's ar Clò

Dàn 2

Tha an dàn seo air a sgrìobhadh mar aon earrann fhada. Chan eil rannan traidiseanta no brisidhean eile ann. Tha cruth àraidh air a tha a' toirt buaidh air mar a leughas sinn e, 's e sin sreath de loidhnichean goirid le aon abairt anns gach loidhne.


Tha na loidhnichean goirid, coltach ri mar a tha daoine a' bruidhinn. Tha seo a' dol leis a' chànan shìmplidh, chòmhraiteach a tha air a chleachdadh. Tha na loidhnichean cuideachd a' cruthachadh ruitheam làidir a tha a' ruith tron dàn air fad. Tha seo a' toirt oirnn cumail ga leughadh agus a' ceangal an dàin ri chèile bho thoiseach gu deireadh.


Tha na loidhnichean goirid a' tarraing ar n-aire gu gach puing fa leth agus cuideachd a' cur barrachd cuideim orra. Uaireannan, ge-tà, bidh Anna Frater a' cleachdadh loidhne a tha nas fhaide nan àbhaist. Tha seo ri fhaicinn far a bheil rud a tha gu h-àraidh cudromach, mar 'aodach trom tiugh a chumadh blàth iad' agus 'dathan air an goid bhon bhogha-froise'.


Tha an dàn ag innse mu sheann duine a bha a' dèanamh aodach a bha làidir agus feumail ach nach robh uabhasach fasanta agus mu dhuine òg a thàinig dhan bhaile a dhèanamh aodach a bha tana 's nach cumadh am fuachd a-mach ach a bha tòrr na b' fhasanta, gu h-àraidh ann am beachd na h-òigridh. Chuir daoine an cùl ris an t-seann duine agus an t-seann aodach agus ghabh iad ri na rudan ùra.


Ged a a dh'fhaodadh an seat ìomhaighean seo a bhith na shamhla air iomadh seòrsa suidheachaidh san latha an-diugh, tha e soilleir o thiotal na bàrdachd, 'Ar Cànan 's ar Clò', gur ann mu shuidheachadh na Gàidhlig a tha Frater a' bruidhinn. ('S e suaicheantas a' Chomuinn Ghàidhealaich 'Ar Cànan 's ar Ceòl'.) Chuir daoine an cùl ris a' Ghàidhlig, a' smaoineachadh gun robh a' Bheurla tòrr na b' fheàrr agus mus do thuig iad am mearachd, bha iad ro fhadalach.


Ar Cànan 's ar Clò

  • Bha bodach na mo bhaile
  • aig an robh beairt,
  • agus leis a' bheairt
  • dhèanadh e clò,
  • agus chaidh aodach
  • a dhèanamh den chlò,
  • agus bhiodh na daoine
  • a' cur orra 'n aodaich –
  • aodach tiugh trom a chumadh blàth iad.
  • Ach thàinig fear eile,
  • fear na b' òige,
  • fear nach buineadhdon bhaile,
  • agus bha beairt ùr aige
  • agus snàth ùr –
  • dathan air an goid bhon bhogha-froise –
  • agus aodach tana, lom,
  • agus àlainn, ann am beachd nan daoine.
  • Chùm am bodach air
  • leis an t-seann bheairt
  • ach bha na daoine òga
  • a' fanaid air,
  • agus cheannaich iad uile
  • na beairtean ùra, agus thòisich iad a' dèanamh
  • nan clòitean ùra,
  • agus cha robh dragh aca
  • mu dheidhinn a' chlò
  • air beairt a' bhodaich.
  • Ach an dèidh ùine
  • thàinig an geamhradh
  • agus cha chumadh an t-aodach lom
  • le na snàithtean brèagha
  • agus na dathan soilleir
  • a-mach am fuachd,
  • agus cha robh feum
  • anns na beairtean ùra.
  • Lorg iad am bodach
  • agus chunnaic iad a' bheairt,
  • agus chunnaic iad an clò,
  • ach cha b' urrainn dhaibh
  • a' bheairt obrachadh,
  • oir bha i air fàs meirgeach
  • agus bha am bodach marbh.

Ar Cànan 's ar Clò

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' bhana-bhàrd ag aithris Ceist

A' bhana-bhàrd ag aithris Ceist

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Anna Frater

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.