20mh linn / Anna Frater

Bàrdachd - Màiri Iain Mhurch' Chaluim

An Iolaire


Bha an Iolaire a' seòladh às A' Chaol gu ruige Steòrnabhagh an Eilean Leòdhais oidhche na Bliadhn' Ùir, 1919, le mòran de dh'fhir an eilein a bha a' tilleadh dhachaigh an dèidh a bhith a' sabaid sa Chogadh Mhòr. Chaidh an Iolaire fodha air Biastan Thuilm agus solais Steòrnabhaigh rim faicinn air fàire. Chaidh co-dhiù 205 duine a-mach às an 280 air bòrd a bhàthadh an oidhche sin (ged nach eilear cinnteach dìreach co-mheud duine a bh' air bòrd) agus bha athair seanmhair Anna Frater air fear dhiubh sin. Chun an latha an-diugh, chan eil duine cinnteach dè dh'adhbhraich an tubaist. Cha robh teaghlach ann an Eilean Leòdhais agus Na Hearadh air nach tug call na h-Iolaire buaidh. Tha carragh-chuimhne do na seòid a chaochail ri fhaicinn air na creagan ann an Tolm, os cionn na mara far an deach am bàta fodha.


Nuair a chaidh an Iolaire air na creagan, shnàmh aon duine gu tìr le ròpa agus cheangail e an ròpa ri creag. Fhuair mòran air tìr air an ròpa ach mu dheireadh bhris e agus chaidh na bha air aig an àm a bhàthadh, athair Màiri, seanmhair Anna, nam measg. Tha muir, ròpa agus creag air an cleachdadh mar ìomhaighean tron bhàrdachd. Tha cruth agus cànan na bàrdachd gu math sgileil.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

An Iolaire

DEALBH

Crann na h-Iolaire

DEALBH

Màiri Iain Mhurch' Chaluim

Màiri Iain Mhurch' Chaluim

  • Mo sheanmhair, a chaill a h athair air an Iolaire, oidhche na Bliadhn' Ùir, 1919
  • Tha mi nam shuidhe ag èisteachd ribh
  • agus tha mo chridh' a' tuigsinn
  • barrachd na mo chlaisneachd;
  • 's mo shùilean a' toirt a-steach
  • barrachd na mo chluasan.
  • Ur guth sèimh, ur cainnt
  • ag èirigh 's a' tuiteam mar thonn
  • air aghaidh fhuar a' chuain
  • 's an dràst' 's a-rithist a' briseadh
  • air creag bhiorach cuimhne;
  • 's an sàl a' tighinn gu bàrr
  • ann an glas-chuan ur sùilean.
  • "Bha e air an ròp
  • an uair a bhrìs e..."
  • Agus bhris ur cridhe cuideachd
  • le call an ròpa chalma
  • air an robh grèim gràidheil agaibh
  • fhad 's a bha sibh a' sreap suas
  • nur leanabh.
  • Agus, aig aois deich bliadhna,
  • cha robh agaibh ach cuimhne air a' chreig
  • a bhiodh gur cumail còmhnard;
  • 's gach dòchas a bha nur sùilean
  • air a bhàthadh tron oidhch' ud,
  • 's tro gach bliadhn' ùr a lean.
  • Chàirich iad a' chreag
  • agus dh'fhàg sin toll.
  • Chruadhaich an sàl ur beatha
  • agus chùm e am pian ùr;
  • agus dh'fhuirich e nur sùilean
  • cho goirt 's a bha e riamh;
  • agus tha pian na caillich
  • cho geur ri pian na nighinn,
  • agus tha ur cridhe
  • a' briseadh às ùr
  • a' cuimhneachadh ur h-athar.
  • "... oir bha athair agam ..."

Màiri Iain Mhurch' Chaluim

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

A' bhana-bhàrd ag aithris Ceist

A' bhana-bhàrd ag aithris Ceist

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Anna Frater

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.