20mh linn / Anna Frater

Am Bàrd

Anna Frater

Thogadh Anna Frater ann am Pabail Uarach ann an sgìre an Rubha, Eilean Leòdhais, an aon sgìre dom buin Ruaraidh MacThòmais agus Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.


Choisinn i PhD bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1995, bho stiùir an Ollaimh Dòmhnall MacAmhlaigh, le tràchdas air Scottish Gaelic Women's Poetry up to 1750.


Thòisich Anna a' sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig nuair a bha i air a' bhliadhna mu dheireadh san àrd-sgoil. Tha na dàin aice air nochdadh ann an irisean leithid Gairm agus Chapman agus chaidh Fon t-Slige, cruinneachadh den sgrìobhadh aice, fhoillseachadh ann an 1995.


Chaidh Duais a' Mhòid a thoirt dhith ann an 1996 aig Mòd Blàr Ghobharaidh airson an leabhar ùr inbheach a b'fheàrr ann an 1995.


Chuir i grunnan bhliadhnaichean seachad ag obair ann an craobh-sgaoileadh mus do thill i air ais a Leòdhas ann an 1999 far a bheil i a' teagaisg chùrsaichean Gàidhlig ann an Colaiste a' Chaisteil, meur de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.


Tha i an-diugh a' fuireach ann am Pabail Uarach far a bheil i pòsta le aon leanabh.


Latha-breith:

5 Iuchar 1967

Àite:

Steòrnabhagh

Foghlam:

Sgoil Phabail, Leòdhas

Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Oilthigh Ghlaschu

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Mar a thug sgrìobhadh Ruaraidh MhicThòmais buaidh oirre

Chòrd stoidhle sgrìobhaidh MhicThòmais rium gu mòr. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' bhàrdachd aige furasta a tuigsinn, dhòmhsa co-dhiù. An seòrsa ìomhaigheachd a tha e a' cleachdadh, mar a tha e a' toirt seachad dealbh air aon rud 's an uair sin ga chleachdadh mar mheatafor airson rudeigin eile. Chan e an rud air a bheil e a' tòiseachadh a' bruidhinn, chan e sin brìgh na bàrdachd. Agus tha an seòrsa cànain a tha e a' cleachdadh cuideachd furasta.

Chan eil mi ag ràdha gu bheil e sìmplidh, ach chan eil agad ri bhith a' rùrach no a' sporghail ann an Dwelly airson faighinn a-mach dè tha am facal seo a' ciallachadh. Agus 's mathaid cuideachd gu robh taobh agam ris seach gur ann às an aon bhaile rium fhìn a tha e. Tha mi a' smaoineachadh gu robh sin a' cur ris an ùidh a bh'agam anns a' bhàrdachd aige nuair a bha mi na b' òige, gur e seo bàrd às a' bhaile agam fhìn a bha ainmeil. Ach an rud as motha, 's e gun chòrd a' bhàrdachd rium.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.