20mh linn / Anna Frater

Am Bàrd

Anna Frater

Thogadh Anna Frater ann am Pabail Uarach ann an sgìre an Rubha, Eilean Leòdhais, an aon sgìre dom buin Ruaraidh MacThòmais agus Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.


Choisinn i PhD bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1995, bho stiùir an Ollaimh Dòmhnall MacAmhlaigh, le tràchdas air Scottish Gaelic Women's Poetry up to 1750.


Thòisich Anna a' sgrìobhadh bàrdachd ann an Gàidhlig nuair a bha i air a' bhliadhna mu dheireadh san àrd-sgoil. Tha na dàin aice air nochdadh ann an irisean leithid Gairm agus Chapman agus chaidh Fon t-Slige, cruinneachadh den sgrìobhadh aice, fhoillseachadh ann an 1995.


Chaidh Duais a' Mhòid a thoirt dhith ann an 1996 aig Mòd Blàr Ghobharaidh airson an leabhar ùr inbheach a b'fheàrr ann an 1995.


Chuir i grunnan bhliadhnaichean seachad ag obair ann an craobh-sgaoileadh mus do thill i air ais a Leòdhas ann an 1999 far a bheil i a' teagaisg chùrsaichean Gàidhlig ann an Colaiste a' Chaisteil, meur de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.


Tha i an-diugh a' fuireach ann am Pabail Uarach far a bheil i pòsta le aon leanabh.


Latha-breith:

5 Iuchar 1967

Àite:

Steòrnabhagh

Foghlam:

Sgoil Phabail, Leòdhas

Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Oilthigh Ghlaschu

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Anna Frater ag innse ciamar a thòisich i a' sgrìobhadh

Bha mi air pìos no dhà a sgrìobhadh ann am Beurla nuair a bha mi sa bhun-sgoil 's anns an àrd-sgoil ach nuair a bha mi san t-siathamh bliadhna dhen àrd-sgoil, thàinig fios gu na clasaichean Gàidhlig bhon Lanntair, gu robh iad airson oidhche de bhàrdachd a chur air chois, bàrdachd le òigridh ann an Gàidhlig 's ann am Beurla, 's nam biodh duine deònach sin a dhèanamh, gu robh iad airson fios fhaighinn bhuainn. 'S bha mi fhìn is aon tè eile a thuirt gu feuchadh sinn air an sin. Agus rinn mi gu dìcheallach na b' urrainn dhomh agus sgrìobh mi dhà no trì dhàin ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Agus air an oidhche thionndaidh sinn an-àirde 's cha robh anns an èisteachd ach mo mhàthair 's leis an sin, chaidh an oidhche chur dheth.

Nuair a chaidh mi sìos a Ghlaschu an uair sin bha na dàin sa Ghàidhig a bha seo agam sgrìobhte, 's bha mi uabhasach fortanach gur e am proifeasair a bh' agam ann an Oilthigh Ghlaschu, Ruaraidh MacThòmais. Chaidh mi a bhruidhinn ris agus a dh'iarraidh air coimhead ris a' bhàrdachd agam agus a bheachd a thoirt seachad. Thug e dhomh beachd a bha gu math soilleir: feadhainn aca, bha 'd rudeigin faoin ach gu robh fear no dhà a bha e airson a chur dhan ath iris de Ghairm.

Air adhart gu

Cuspairean

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.