18mh linn / Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Cuspairean

'S e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, ann am beachd mòran, sàr-bhàrd Gàidhlig na h-18mh linn agus fear de na bàird Ghàidhlig a b' fheàrr a bha ann riamh.


Tha foghlam farsaing aig Mac Mhaighstir Alasdair agus eanchainn gheur. Tha sgil sònraichte aige le cànan agus rannaigheachd agus mac-meanmna ar leth cruthachail. Thug e a-steach grunn chuspairean agus stoidhlichean ùr dhan Ghàidhlig agus tha buaidh mhòr air a bhith aige air na bàird Ghàidhlig a thàinig às a dhèidh.


Tha faisg air an dara cuid den bhàrdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair mu ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745/6, iomairt ris an do chuir e a thaic mar shaighdear agus mar bhàrd, ach rinn e dàin is òrain cuideachd air raon farsaing de chuspairean eile, nam measg: nàdar (b' e fear den chiad bhàird Ghàidhlig a rinn seo), Clann Ràghnaill, gaol agus boireannaich, cuspairean èibhinn (nam measg drabastachd agus aoirean) agus cuspairean farsaing leithid nàdar na bàrdachd agus na Gàidhlig.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Bha farsaingeachd de chuspairean na bhàrdachd

'S iomadh cuspair a th' aig Mac Mhaighstir Alasdair. Mar a tha, mar a tha bàird ùr-fhasanta sam bith an-diugh, tha iad beò ann an saoghal gu math farsaing, saoghal iomadh-dhathte, 's tha sin ann.

Dh'fhaodadh tu roinnean a dhèanamh, roinnean de chuspairean ann am bàrdachd Mhaighstir Alasdair. Gun teagamh sam bith tha bàrdachd a tha poilitigeach, car coltach ri can as an 20mh linn, protest song, agitprop drama, sin a' bhàrdachd a bha a' moladh adhbhar nan Seumasach. Tha sin ann, agus bha e gu math cruthachail le feadhainn dhe na rudan a rinn e an sin, mar eisimpleir, a' cuir tionndadh ann an gnè bàrdachd a bhuineadh do bhoireannaich, òran luaidh, agus e cleachdadh sin airson adhbhar a' Phrionnsa a chuir air n-adhart. So, tha an taobh poilitigeach ann dhe, na Seumasaich.

Tha bàrdachd nach do chord ris an t-seòrsa duine a bha gleidheadh 's a' sgrìobhadh sìos bàrdachd, ministearan as a' chuid as motha, 's e sin an taobh drabasta mar a chanas cuid, ach chan eil mi smaoineachadh gu bheil am facal sin uabhasach iomchaidh. 'S e bàrdachd a bha gu math fosgarra agus saor a thaobh cuspair, agus bha gun teagamh sam bith a' chainnt a chleachd e gu math mì-chàilear agus neo-thlachdmhor, aig amannan bhiodh e a' dì-moladh dhaoine, agus sin taobh eile, na h-aoirean a rinn e, aoirean gu math sgaiteach agus a chuireadh eagal air daoine tha mi cinnteach.

Tha an uair sin bàrdachd air a bheil coltas gu math coileanta, clasaigeach, a' dèanamh dealbh air nàdar, mar a tha Òran an t-Samhraidh, Òran a' Gheamhraidh, Allt an t-Siùcair, agus iomadh rud eile dhen t-seòrsa sin.

Rinn e bàrdachd a bha mu dheidhinn dhaoine às an sgìre aige fhèin, mar eisimpleir, a-rithist òran gu math sgaiteach mu dheidhinn bodaich ann an Àird na Murchan a bha ri strìopachas nan seann aois. Agus cuideachd òran mu dheidhinn mèinneadairean ann an Àird nam Murchan agus a' sgìre agus, agus galair-feise air bristeadh a-mach mun cuairt air a' ghnìomhachas.

Ach chan e bard ionadail a bh' ann air dhòigh sam bith.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.