18mh linn / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Bàrdachd - Allt an t-Siùcair

'S e seo aon de na h-eisimpleirean as tràithe de sheòrsa bàrdachd a thàinig gu bhith na rud cumanta sa Ghàidhlig às dèidh seo, is e sin dealbhan mionaideach de sheallaidhean nàdair. Tha an dàn molaidh seo air sgìre Choire a' Mhuilinn ann an Àird nam Murchan - is an abhainn a tha a' ruith troimhpe - làn mac-meanmna agus ealain aig ìre àrd. A bharrachd air a' bhuaidh a bha aige air bàrdachd Ghàidhlig eile, 's e Allt-an-t-Siùcair fhathast aon de na dàin Ghàidhlig as fheàrr air a' chuspair seo.


Tha Mac Mhaighstir Alasdair a' cleachdadh Fuaimean, Ìomhaighean agus Dealbhan gu sgileil gus dealbh a chruthachadh den allt agus den dùthaich mun cuairt.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Allt an t-Siùcair

  • A' dol thar Allt an t-Siùcair
  • Am madainn chùbhraidh Chèit,
  • Is paidirean geal dlùth-chneap
  • Den driùchd ghorm air an fheur,
  • Bha Richard 's Robin brù-dhearg
  • Ri seinn, 's fear dhiubh na bheus,
  • 'S goic moit air cuthaig chùl-ghuirm,
  • 'S gug-gùg aic' air a' ghèig.
  • Bha smeòrach cur na smùid dhith
  • Air bacan cùil leath' fèin;
  • An dreathann-donn gu sùrdail,
  • 'S a rìfeid-chiuil na bheul;
  • Am breacan-beithe 's lùb air,
  • 'S e gleusadh lùth a theud;
  • An coileach-dubh ri dùrdan,
  • 'S a' chearc ri tùchan rèidh.
  • Na bric a' gearradh shùrdag,
  • Ri plubraich dhlùth le chèil',
  • Taobh leumraich mear le lùth-chleas
  • À bùrn le mùirn ri grèin;
  • Ri ceapadh chuileag siùbhlach
  • Lem briseadh lùthmhor fèin:
  • Druim lann-ghorm 's ball-bhreac giùran,
  • 'S an lainnir-chuil mar lèig.
  • Mil-dheocla sheillean srianach,
  • Le crònan 's fiata srann,
  • Nan dithibh baglach, riabhach
  • Mud bhlàthaibh grianach chrann;
  • Sraibh-dhriùchdain dhonna, thiachdaidh
  • Fo shinean cìochan t' fheòir,
  • Gun theachd-an-tìr no bhiadh ac'
  • Ach fàileadh ciatach ròs.
  • Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan,
  • Meall-chùirneanach 's binn fuaim
  • Bras-shruthain Allt an t Siùcair,
  • Ri torman siùbhlach luath;
  • Gach biolair 's luibh len ùr-ròs
  • A' cinntinn dlùth mu bhruaich,
  • 'S e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor,
  • Gan sùgh bheathachadh mun cuairt.
  • Bùrn tana, glan, gun ruadhan,
  • Gun deathach, ruaim no ceò,
  • Bheir anam fàis is gluasaid
  • Da chluaineagan mu bhòrd;
  • Gaoir bheachan buidhe 's ruadha
  • Ri diogladh chluaran òir,
  • 'S cìr mheala da cur suas leo
  • An cèir-chuachagan nan stòr.
  • Bidh lòchrain mheal' a' lùbadh
  • Nan sràbh, 's brù air gach gèig
  • De mheasan milis cùbhraidh
  • Nan ùbhlan is nam peur;
  • Na duilleagan a' liùgadh,
  • Is fallas cùil diubh fèin;
  • 'S clann bheag a' gabhail tùchaidh
  • Dan imlich dlùth lem beul.
  • Do bhrat làn shradag daoimein,
  • Do bhraon nì soills' air làr;
  • An carpad 's gasta foineal,
  • Gun a cho-foidhn am Whitehall;
  • Mud bhearradh gorm-bhreac coillteach
  • An cinn an loinn le h-àl
  • Na seòbhraichean mar choillnean
  • Nan coillearaibh nad sgàth.
  • O, 's grinn an obair ghràbhail
  • Rinn Nàdar air do bhruaich,
  • Led lurachain chreamhach, fhàsmhor,
  • 'S am buicean bàn orr' shuas;
  • Gach saimir, neòinean 's màsag
  • Mìn-bhreac air làr do chluain,
  • Mar reultan reòtht' an deàrrsadh,
  • Nan spangan àlainn nuadh.
  • O, lilidh, rìgh nan flùran,
  • Thug bàrr mais' air ùr-ròs gheug!
  • Na bhabagan cruinn, plùr mhin,
  • 'S a chrùn geal, ùr mar ghrèin;
  • Don uisg' ud, Allt an t Siùcair,
  • 'S e cùbhraidh da o bheud,
  • Na rionnagan mu lùbaibh,
  • Mar reultan-iùil nan speur.
  • Do shealbhag ghlan 's do luachair
  • A' bòrcadh suas mud chòir;
  • Do dhìthein lurach, luaineach,
  • Mar thuairneagan den òr;
  • Do phris làn neada cuachach,
  • Cruinn, cuairteagach aig t' eòin;
  • Bàrr braonain 's an t-sàil-chuachaig
  • Nan dos an uachdar t' fheòir.
  • An coire lachach, dràcach
  • 'M bi guilbnich 's cràdh-gheòidh òg';
  • An coire coileachach, làn-damhach
  • As moch 's as anmoch spòrs;
  • 'S tìm dhomh sgur dan àireamh,
  • An coire 's fàsmhor pòr,
  • Gu h-innseach, doireach, blàrach,
  • As ìmeach, càiseach bò!

Allt an t-Siùcair

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Ag innse mun bhàrdachd

'S cinnteach gun do rinn Mac Mhaighstir Alasdair Allt an t-Siùcar nuair a bha e fuireach ann an Àird na Murchain. Tha Allt an t-Siùcar ann an Àird na Murchain agus 's dòcha gu bheil an t-àite coimhead gu math nas loma an-diugh na bha e na là fhèin. Tha àiteachas air atharrachadh, tha sluagh air a dhol sìos gu mòr, ach tha e dèanamh dealbh a tha fìor, fìor mhionaideach.

Tha cuid ag ràdh gun do stèidhich Donnchadh Bàn Coire Cheathaich air na h-ìomhaighean a tha e dèanamh dhen a' choire, às a bheil Allt an t-Siùcar a' tighinn, ann an Àird na Murchain.

Tha rud eile bualadh orm-sa mun a' chùis. Nuair a tha e bruidhinn air na h-eòin, an iomadach seòrsa eun a th' ann, a bharrachd air "Richard 's Robin, brù-dhearg", tha chuthag ann, 's goic mhoit aic' air a' gheug. Tha e dèanamh iomradh air grunn diofar seòrsaichean, dhe na h-eòin, air sprèidh, air na flùraichean, na lusan tha fàs, na fèidh, dealbh gu math mionaideach, ach, 's e tha bualadh orm, mar a tha e dèanamh iomradh air na h-òrain 's na fuaimean a nì na h-eòin 's na seilleanan, agus tha e dèanamh dealbh dhomhsa a tha rudeigin coltach ri, 's dòcha nach e dìreach 'chorus', ach 'orchestra'. An cual' e 'orchestra' nuair a chaidh e a Lunnainn no a Dhùn Èideann? Dè bhuaidh a dh'fhàgadh sin air Gàidheal às a' Ghàidhealtachd as an ochdamh linn deug a' chiad turas a chluinneadh e a' leithid de cheòl?

'S e dà shaoghal buileach eadar-dhealaichte a bh' as a' bhaile mhòr agus an dùthaich, an tuath, aig an àm sin. Tha mise smaoineachadh gu bheil dealbh air 'orchestra' a' tighinn troimhe a' sin, agus a' sealltainn a-rithist mar a tha e cho mothachail air gnèithean de na h-ealain, gnèithean nach robh dualchasach dhan a' Ghàidhlig, ach tha a cheart cho math 's cho luachmhor 's a tha rud sam bith a th' ann an dualchas na Gàidhlig. 'S tha e beò as an t-saoghal sin. 'S e duine a bha beò as a h-uile gnè dhe bheatha a bh' ann am Mac Mhaighstir Alasdair, agus a ghabh tlachd as an t-saoghal a bh' ann, air cho eadar-dhealaichte 's a bha gach rud a dh'fhiosraicheadh e, agus tha mi smaointinn gu bheil sin a' tighinn troimhe.

Tha Allt an t-Siùcar cuideachd a' moladh sgìre, a' moladh àite, mar a bhiodh bàird roimhe a' moladh ceannard, a' moladh duin' uasal. Ach ga dhèanamh an dòigh a tha fìor, fìor mhionaideach. Tha dealbh gu math, math coileanta againn, ceum air cheum, tha sinn dol tron an òrain agus a' cluinntinn mu diofar thaobhannan dhen an àite seo - na beathaichean, na lusan, coltas an àite, na fuaimean a chluinneas tu, na dathan a chì thu, agus 's e 'tour de force' a th' ann an Allt an t-Siùcar. Agus gheibh thu sin ma leughas tu e. Ma 's e chuimhn' a th' agad air Allt an t-Siùcar cailleach aig Mòd ann an sgiorta tartan a bhith ga sheinn, chan fhaigh thu mòran às.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.