18mh linn / Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Am Bàrd

Rugadh Alasdair eadar 1690 is 1700 ann an Dail Eildhe, Mùideart, far an robh athair na mhinistear do dh'Eaglais na h-Alba aig an àm. Bha a theaghlach càirdeach ri ceann-cinnidh Chlann Raghnaill agus Dòmhnallaich nan Eilean, is e na cho-ogha ri Flòraidh NicDhòmhnaill a thug cuideachadh don Phrionnsa Teàrlach.


Cha d' fhuair Alasdair cothrom foghlam-sgoile fhaighinn is chaidh a theagaisg le athair. Chaidh e do dh'Oilthigh Ghlaschu far an robh tòrr deasbaid a' dol às dèidh aonachd nam pàrlamaid ann an 1707. Thuit e ann an gaol le Sìne Dhòmhnallach agus phòs iad, agus chuir seo stad air oideachadh Alasdair.


Timcheall air 1729, chaidh fhastadh mar thidsear ann an Àird nam Murchan don 'Chomann airson Adhartachadh Eòlas Crìosdail ann an Alba' (an S.S.P.C.K.). Dheasaich e faclair dhaibh ann an 1741, a' chiad leabhar Gàidhlig ùr a chaidh fhoillseachadh a-riamh.


'S coltach gun do ghabh e pàirt anns an ar-a-mach ann an 1715, 's bha e gu mòr an sàs anns an ar-a-mach ann an 1745. Anns a' bhliadhna seo, rinn e air Gleann Fhionghuin gus Teàrlach Òg Stiùbhart fhaicinn a' cur a bhratach ri crann. Chaidh fhastadh mar neach-oide 'Cainnt nan Gàidheal' don Phrionnsa Teàrlach fhad 's a bha an ar-a-mach a' dol is chaidh am bàrd còmhla ris a' Phrionnsa air feadh na dùthcha gu deireadh na strì. Às dèidh seo, bha e fhèin agus a bhean nam fògarraich air feadh nam beann gus an tàinig faochadh air a' chùis.


Chanadh mòran gum b' e am bàrd Gàidhlig a b' fheàrr anns an 18mh linn. Chanadh cuid eile gum b' e am bàrd Gàidhlig a b' fheàrr riamh leis cho adhartach 's a bha e na dhòighean, m.e. 's e Alasdair a sgrìobh a' chiad dàn mòr – no 'epic' - sa Ghàidhlig. B' e sàr-eòlaiche air bàrdachd nan Gàidheal a bh' ann, ach thug litreachas clasaigeach agus bàrdachd às a' Ghalltachd is à Sasainn buaidh air obair cuideachd. Cha robh e idir air a chuingealachadh leis an aon stoidhle, cuspair no cruth agus 's e sin a tha ga chomharrachadh mar shàr-bhàrd.


Thug iomadh cuspair misneachd dha is dh'fhàs a chliù leis cho beothail, farsaing is cumhachdach 's a bha a bhàrdachd. B' e Seumasach làidir a bh' ann agus sgrìobh e tric mu dheidhinn strì is ar-a-mach nan Seumasach san 18mh linn. Sgrìobh e gus brosnachadh a thoirt do na Seumasaich is do Theàrlach, a bha na fhògarrach san Fhraing.


Thathar a' creidsinn gun deach a' mhòr-chuid den obair aige air chall, ach mhair mòran de na dàin phoilitigeach aige, gu h-àraidh eadar 1744 is 1748.


Bhàsaich am bàrd timcheall air 1770 ann an Àrasaig.


Latha-breith:

Eadar 1690 is 1700

Àite:

Dail Eildhe ann am Mùideart

Foghlam:

Cha d'fhuair e foghlam-sgoile, ach chaidh a theagaisg le athair

Oilthigh Ghlaschu

Teacsa

Bha e air a bhogadh ann an dualchas nan Gàidheal

A thaobh tòiseachadh air bàrdachd, thogadh e ann an taigh as an robh, tha mi cinnteach, leabharlann agus ùidh ann an foghlam. Agus, gun teagamh sam bith, chuir e eòlas air litreachas bho thaobh a-muigh saoghal na Gàidhlig, 's dòcha aig an taigh mus do dh'fhalbh e a Ghlaschu, ach cuideachd as an oilthigh ann an Glaschu, 's nuair a bha e ann an Dùn Èideann cuideachd ag ionnsachadh a bhith na fhear-lagha.

Ach, tha Mac Mhaighstir Alasdair ann an dòigh, saoilidh mi, coltach ri Somhairle MacGill-Eain anns an fhicheadamh linn. Bha e mion, mion-eòlach air na bha dualchasach ann an litreachas na Gàidhlig - na h-òrain a bha air bilean dhaoine, ach cuideachd litreachas sgrìobhte. Agus, bha e rannsachadh stuthan sgrìobhte ann an Gàidhlig, tha fianais againn air an sin, agus tha sin ri fhaicinn ann an cuid dhe na sgrìobh e-fhèin. Agus, bha an dà thaobh sin ann.

Bha e air a bhogadh ann an dualchas nan Gaidheal. Aig a' cheart àm bha ùidh sònraichte, ùidh air leth aige, ann an litreachas a bha dol aig an àm as an 18mh linn, agus e a' leughadh Allan Ramsay, James Thompson, daoine a bha mòr na latha, a bharrachd air litreachas ann an Greugais agus ann an Laideann, mar a.. bhiodh e ag ionnsachadh mu dheidhinn sin as an oilthigh.

Agus thàinig an dà rud còmhla agus thug e cruth atharrachadh air bàrdachd Ghàidhlig. Stèidhich e fasain ùra, nòsan agus riaghailtean ùra a lean bàird Ghàidhlig eile às a dhèidh.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.