18mh linn / Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Am Bàrd

Rugadh Alasdair eadar 1690 is 1700 ann an Dail Eildhe, Mùideart, far an robh athair na mhinistear do dh'Eaglais na h-Alba aig an àm. Bha a theaghlach càirdeach ri ceann-cinnidh Chlann Raghnaill agus Dòmhnallaich nan Eilean, is e na cho-ogha ri Flòraidh NicDhòmhnaill a thug cuideachadh don Phrionnsa Teàrlach.


Cha d' fhuair Alasdair cothrom foghlam-sgoile fhaighinn is chaidh a theagaisg le athair. Chaidh e do dh'Oilthigh Ghlaschu far an robh tòrr deasbaid a' dol às dèidh aonachd nam pàrlamaid ann an 1707. Thuit e ann an gaol le Sìne Dhòmhnallach agus phòs iad, agus chuir seo stad air oideachadh Alasdair.


Timcheall air 1729, chaidh fhastadh mar thidsear ann an Àird nam Murchan don 'Chomann airson Adhartachadh Eòlas Crìosdail ann an Alba' (an S.S.P.C.K.). Dheasaich e faclair dhaibh ann an 1741, a' chiad leabhar Gàidhlig ùr a chaidh fhoillseachadh a-riamh.


'S coltach gun do ghabh e pàirt anns an ar-a-mach ann an 1715, 's bha e gu mòr an sàs anns an ar-a-mach ann an 1745. Anns a' bhliadhna seo, rinn e air Gleann Fhionghuin gus Teàrlach Òg Stiùbhart fhaicinn a' cur a bhratach ri crann. Chaidh fhastadh mar neach-oide 'Cainnt nan Gàidheal' don Phrionnsa Teàrlach fhad 's a bha an ar-a-mach a' dol is chaidh am bàrd còmhla ris a' Phrionnsa air feadh na dùthcha gu deireadh na strì. Às dèidh seo, bha e fhèin agus a bhean nam fògarraich air feadh nam beann gus an tàinig faochadh air a' chùis.


Chanadh mòran gum b' e am bàrd Gàidhlig a b' fheàrr anns an 18mh linn. Chanadh cuid eile gum b' e am bàrd Gàidhlig a b' fheàrr riamh leis cho adhartach 's a bha e na dhòighean, m.e. 's e Alasdair a sgrìobh a' chiad dàn mòr – no 'epic' - sa Ghàidhlig. B' e sàr-eòlaiche air bàrdachd nan Gàidheal a bh' ann, ach thug litreachas clasaigeach agus bàrdachd às a' Ghalltachd is à Sasainn buaidh air obair cuideachd. Cha robh e idir air a chuingealachadh leis an aon stoidhle, cuspair no cruth agus 's e sin a tha ga chomharrachadh mar shàr-bhàrd.


Thug iomadh cuspair misneachd dha is dh'fhàs a chliù leis cho beothail, farsaing is cumhachdach 's a bha a bhàrdachd. B' e Seumasach làidir a bh' ann agus sgrìobh e tric mu dheidhinn strì is ar-a-mach nan Seumasach san 18mh linn. Sgrìobh e gus brosnachadh a thoirt do na Seumasaich is do Theàrlach, a bha na fhògarrach san Fhraing.


Thathar a' creidsinn gun deach a' mhòr-chuid den obair aige air chall, ach mhair mòran de na dàin phoilitigeach aige, gu h-àraidh eadar 1744 is 1748.


Bhàsaich am bàrd timcheall air 1770 ann an Àrasaig.


Latha-breith:

Eadar 1690 is 1700

Àite:

Dail Eildhe ann am Mùideart

Foghlam:

Cha d'fhuair e foghlam-sgoile, ach chaidh a theagaisg le athair

Oilthigh Ghlaschu

Teacsa

Ag innse mu beatha a' bhàird

Bha saoghal Mhic Mhaighstir Alasdair gu math sònraichte, gu math inntinneach, tha mise smaoineachadh. Ma smaoinicheas tu air an àm a rugadh e, rugadh e nuair a bha còmhstri a' dol a thaobh creideamh aig deireadh an 17mh linn, fìor dheireadh an 17mh linn. Agus bha athair an teis meadhan na còmhstri sin, mar mhinistear Easbaigeach nach robh deònach gabhail ri dòighean ùr na h-Eaglais Pròstanaich.

Bha e na bhalach òg nuair a chaidh an dà Phàrlamaid aontachadh eadar Alba agus Sasainn. Bha e an uair sin anns an oilthigh aig àm nuair a bha tòrr deasbad a' dol mu dheidhinn gnothaichean mar sin. Bha litreachas ann an Alba a' soirbheachadh, bàird mar a bha Allan Ramsay, uabhasach.. bha daoine uabhasach measail air an sin, agus a leithid. 'S dòcha nuair a bha e greiseag ann an Dùn Èideann gu robh e eòlach air Raibeart Fearghastan, ma dh'fhaoidte, bhiodh e neònach mur a biodh, saoilidh mi.

An uair sin bha na h-aimhreitean air a' Ghaidhealtachd fhèin, na Seumasaich, agus e-fhèin gu mòr an sàs an sin. 'S dòcha gu robh e an sàs, chan ann a-mhàin ann am Bliadhna Theàrlaich, gu robh e an sàs aig Sliabh an t-Siorram, chan eil sinn cinnteach as an sin, ach dh'fhaodadh e bhith gu robh. Agus bha e-fhèin gu math cudromach ann an oidhirp a' Phrionnsa, gu math faisg air a' Phrionnsa, 's e còmhla ris an airm fad na slighe sìos gu Derby agus air ais, agus e cumail cunntas air an sin.

Cuideachd bha e ag obair aig an S.S.P.C.K., a' bruidhinn ri sgaoileadh comas leughaidh ann an Gàidhlig 's a' brosnachadh sin, a' sgrìobhadh leabhraichean. Tha iomadh, iomadh rud a thachair na bheatha a bha gu math sònraichte, amannan gu math buaireanta, ach amannan uabhasach inntinneach, agus 's iomadh rud a chunnaic e mas do chaochail e na bhodach air taobh siar na Gaidhealtachd, timcheall air 1770, timcheall air an uair sin, agus nuair a chaidh a thìodhlacadh ann an cladh Àrasaig.

'S e saoghal gu math farsaing a chunnaic e, bha e fuireach ann an Glaschu, bha e fuireach ann an Dùn Èideann, bha e fuireach ann an Lunnainn, agus dè na h-annasan a chunnaic e an sin, dè na h-ealain air an do chuir e eòlas? Agus, a' rud as motha tha bualadh ormsa mu bheatha, air cho poilitigeach 's a tha e, air a' chliù a th' air son òrain, mar a chanas cuid, drabasta, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil am facal sin ro iomchaidh ged-tà. A dh'aindeoin sin, tha mise a' coimhead air mar neach-ealain aig an robh ùidh air leth ann an ealain air an son fhèin.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.