Fiosrachadh mu Làrach nam Bàrd

Chaidh Làrach nam Bàrd a dheasachadh do sgoilearan, do dh’oileanaich agus do dh’inbhich aig a bheil ùidh ann am bàrdachd Ghàidhlig na 18mh, 19mh is 20mh linn.

Chaidh susbaint an 20mh linn a dheasachadh airson taic a thoirt do sgoilearan a tha ag ullachadh airson deuchainnean ann an Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhan agus àrd-ìre, ‘s a tha a’ dèanamh sgrùdadh litreachais air bàrdachd na 20mh linn.

Tha an làrach a-nise air a leudachadh le taghadh de bhàrdachd bhon ochdamh 's an naoidheamh linn deug.

‘S ann ann an Gàidhlig a-mhàin a tha am fiosrachadh a th’ air an làraich.

Tro chòmhraidhean le eòlaichean is luchd-teagaisg, chaidh taghadh de a h-aon dheug de bhàird Gàidhlig na 20mh linn, còignear de bhàird Gàidhlig na 19mh linn, agus seachdnar de bhàird Gàidhlig na 18mh linn a dhèanamh agus chaidh trì no ceithir dàin bho gach bàrd a shònrachadh. ‘S e taghadh doirbh a bha seo ach tha an luchd-deasachaidh riaraichte gu bheil an taghadh iomchaidh is freagarrach agus a rèir stiùireadh an SQA.

‘S iad na bàird air a bheil an làrach stèidhichte:

20mh linn

  • Anna Frater
  • Aonghas MacNeacail
  • Catriona NicGumaraid
  • Dòmhnall MacAmhlaigh
  • Dòmhnall Ruadh Chorùna
  • Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn
  • Meg Bateman
  • Maoilios Caimbeul
  • Murchadh MacPhàrlain
  • Ruaraidh MacThòmais
  • Somhairle MacGill-Eain

19mh linn

  • Iain Mac a’ Ghobhainn
  • Iain MacIlleathain
  • Màiri Nic a’ Phearsain
  • Niall Macleòid
  • Uilleam MacDhunlèibhe

18mh linn

  • Alasdair mac Mhaighstir Alasdair
  • Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
  • Dùghall Bochanan
  • Iain Ruadh Stiùbhart
  • Uilleam Ros
  • Rob Donn MacAoidh
  • Sìleas na Ceapaich

Tha an làrach air a roinn eadar iad sin le 6 earrannan de mhìneachadh is fiosrachadh mu choinneimh gach bàrd:

  • Am bàrd
  • Cuspairean agus dòighean-sgrìobhaidh
  • Bàrdachd
  • Beachdan
  • Ceanglaichean
  • Taing

Anns a’ chiad cheithir earrainnean tha measgachadh de theacsa, bhidio is fuaim a tha a’ cur ris a’ bhàrdachd agus a tha a’ toirt co-theacsa agus fiosrachadh co-cheangailte ri beatha agus sgrìobhadh gach bàird.

Chaidh a’ mhòr chuid den bhidio a chlàradh a dh’aon ghnothaich ach nuair nach gabhadh seo dèanamh, chaidh tasglann BBC Alba agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a chleachdadh. Thàinig mòran cuideachd à tasglann BBC Radio nan Gàidheal. Tha na tha anns na bhidiothan agus anns na piosan à prògraman rèidio cuideachd rim faighinn an riochd sgrìobhte.

Geàrr-chunntas air na h-earrainnean:

Am Bàrd

Gheàrr-chunntas sgrìobhte air beatha a’ bhàird, le bhidio agus earrannan à tasglann rèidio airson am fiosrachadh a chur ann an co-theacsa.

Cuspairean agus dòighean-sgrìobhaidh

Fiosrachadh mu na cuspairean agus na dòighean-sgrìobhaidh as trice a tha a’ nochdadh ann an obair a’ bhàird, le bhidio agus earrannan à tasglann rèidio airson am fiosrachadh a chur ann an co-theacsa.

Bàrdachd

Seo prìomh earrann gach bàird far an lorgar teacsa ceithir dàin agus an sgrùdadh litreachais. Ma choinneimh gach bàird, tha prìomh dhàn air a thaghadh airson sgrùdadh litreachais. Tha fiosrachadh mu 2/3 dàin eile ri fhaighinn agus mìneachadh air ciall cuid de na facail is abairtean a tha a’ nochdadh anns gach dàn. Tha bhidio agus earrannan à tasglann rèidio co-cheangailte ri gach dàn airson am fiosrachadh a chur ann an co-theacsa. Gheibhear cuideachd an cothrom, leis a’ mhòr-chuid de na dàin, èisteachd no coimhead ris a’ bhàrd fhèin ag aithris an dàin.

Beachdan

Earrannan goirid sgrìobhte à cuid de na lèirmheasan a chaidh a dhèanamh air leabhraichean is sgrìobhaidhean gach bàird. ‘S ann às an ràitheachean Gairm a thàinig a’ mhòr chuid dhiubh seo. Cuideachd an seo gheibhear taghadh de bhidiothan is earrannan à tasglann rèidio far a bheil oileanaich is eòlaichean a’ toirt am beachdan fhèin air bàrdachd.

Ceanglaichean

Fiosrachadh mu leabhraichean gach bàird, agus mu leabhraichean, irisean is làraich-lìn far an lorgar an tuilleadh fiosrachaidh mun deidhinn. Gheibhear taghadh den fhiosrachadh a tha air Làrach nam Bàrd an seo ann an riochd PDF (Am Bàrd, Cuspairean is dòighean-sgrìobhaidh agus Ceanglaichean) a ghabhas clò-bhualadh.

Taing

Tha an luchd-deasachaidh air an dìcheall a dhèanamh taing a thoirt dhan h-uile duine a thug cuideachadh le rannsachadh agus cruinneachadh na tha air Làrach nam Bàrd. Gheibhear am fiosrachadh sin san earrainn seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.