Na Gnìomhan

Na Gnìomhan



Tha an clàr gu h-ìosal a' mìneachadh nan gnìomhan a tha air an làraich: bhidiothan; dràmathan agus geamannan agus gheibhear beagan fiosrachaidh air mar a tha an làrach ag obair.

Tha na goireasan taic a leanas air an làraich cuideachd: faclair anns gach raon; fo-thiotalan; taic claistinn; ìomhaigh an suidse a' leigeil leis an neach-ionnsachaidh gluasad eadar Gàidhlig agus Beurla.

Bothan Dealais

Earrann/Duine Gnìomhan Amasan Ionnsachaidh
Finn/Eilidh (Cothrom am fiosrachadh pearsanta a chlò-bhualadh agus/no a shàbhaladh)
  • Bhidiothan tòiseachaidh Finn/Eilidh
  • Cairtean Aithneachaidh Finn/Eilidh ri lìonadh
  • Cairt Aithneachaidh an neach-cleachdaidh fhèin a lìonadh.
  • Nuair a tha na cairtean deiseil, tha cothrom aig an neach-cleachdaidh dealbh-èibhinn dhiubh fhèin a chruthachadh ann am Mise
  • Tagh Neach-teagaisg airson cairt fhosgladh.
Fiosrachadh pearsanta:
  • • Ainm
  • • Aois
  • • Cò as a tha iad
  • • Cur-seachadan
Ionad Teasairginn

Trì raointean far am faodar cliogadh is rannsachadh:

• Bhidio tòiseachaidh Cèit

• An Rèidio Èiginn

• Map eadar-ghnìomhail le fiosrachadh mun sgìre timcheall Ionad nan Cur-seachadan

Fuaimean na Gàidhlig a chur fa chomhair luchd-ionnsachaidh

Am brosnachadh gu bhith a' bruidhinn na Gàidhlig

Ionad Teasairginn: Neach-teagaisg - Ceit
  • (Cothrom cànan, fiosrachadh pearsanta a chlò-bhualadh agus/no a shàbhaladh)

• Bhidio tòiseachaidh Ceit

• Cairt Aithneachaidh Ceit ri lìonadh

• Cairt Aithneachaidh a lìonadh dhaibh fhèin

Cliog air ìomhaigh Ceit san Ionad Teasairginn gus a' cairt ID fhosgladh.

  • • Ainm
  • • Aois
  • • Co às a tha iad
  • • Cur-seachadan

Cothrom cànan a chleachdadh airson adhbharan conaltraidh

Ionad Teasairginn: Rèidio Èiginn Sia buidhnean le àireamhan orra agus sia fuaimean anns gach tè. Rach chun Rèidio Èiginn tro ìomhaigh an rèidio air a' bhòrd san Ionad Teasairginn.

Cothrom a bhith a' feuchainn ri Gàidhlig a bhruidhinn

36 fuaimean Gàidhlig

Cothrom èisteachd ri facail is seantansan sa bheil na prìomh fhuaimean sin

Ionad Teasairginn: Am map A' sealltainn an sgìre mu chuairt Ionad nan Cur-seachadan

A' rannsachadh agus a' faighinn a-mach ainm gach àite

A' gluasad thairis air a' mhapa, nochdaidh ainmean àiteachan sgrìobhte agus le fuaim

Cliog air a' mhap air balla an Ionaid Teasairginn airson fhosgladh. Tarraing an oir dearg, gluais air feadh a' mhap agus leugh is cluinn dè tha faisg air an ionad.

Taigh Spòrs: Gèam Mise

Gèam Mise - a' cleachdadh briathrachas co-cheangailte ri coltas gus dealbh-cartùn a chruthachadh. Cliog air an Tbh anns an Taigh Spòrs airson a' ghèam a thòiseachadh.

Cànan:
  • Aghaidh: craiceann, sùilean, speuclairean, cluasan, beul, falt
  • Aodach: casan, bodhaig, còtaichean, brògan, ceann
  • Cur-seachadan: spòrs sgìoba, spòrs eile, ceòl, cur-seachadan eile
  • Aig an taigh: mo theaghlach, mo dhachaigh

Taigh Spòrs: Dràmathan

Còig bhidiothan dràma stèidhte air beatha an triùir luchd-teagaisg

Còig ìrean sa ghèam, aon ìre airson gach cuspair:

  • teaghlach
  • biadh - (biadh fallain agus a' deasachadh airson rèis)
  • àireamhan agus airgead - (a' ceannach curach ùr, a; rèiseadh)
  • an uair - (rèis baidhsagalan)
  • faireachdainnean - (neach-coiseachd leòinte)

Cliog tiotal air a' bhòrd fiosrachaidh san Taigh Spòrs airson bhidio a choimhead.

Faclan is abairtean co-cheangailte ri gach cuspair

Cànan ann an suidheachadh làitheil

A' daingneachadh a' chànain a nochd anns gach dealbh-chluich agus cothrom Gàidhlig ùr ionnsachadh

Aig deireadh gach seallaidh, tha ceist ri fhreagairt a' buntainn ris an dràma

Taigh Spòrs: Gèam Heileacoptair

Coimhead bhidio dràma agus freagair a' cheist a tha ga leantainn airson cothrom Gèam Heileacoptair a chluich. 'S e an neach-ionnsachaidh am paidhleat

  • Ìre 1: Gèam Teaghlaich - far am feumar teaghlach a cuideachadh
  • Ìre 2: Gèam Bidhe - far am feumar diofar sheòrsaichean bidhe a lorg
  • Ìre 3: Gèam Àireamhan agus Airgead - far am feumar daoine a shàbhaladh à bàtaichean
  • Ìre 4: An uair - far am feumar uairean aithneachadh
  • Ìre 5: Faireachdainnean - far a bheilear a' sàbhaladh daoine leòinte

Ag ionnsachadh gu bhith ag èisteachd ri Gàidhlig agus a' toirt freagradh do stiùireadh agus fiosrachadh air diofar ìrean

Am Bothan: Inneal GPS A' leantainn latha ann am beatha chuideigin le Gàidhlig ann an dreuchd inntinneach agus a' sealltainn mar a tha Gàidhlig air a cleachdadh ann an conaltradh dha-rìribh. Còig bhidiothan:

Dòmhnall MacLeòid, Sgiobair Bàta Teasairginn

Iain Mac A' Ghobhainn, Stiùiriche Telebhisein

Aonghas MacNèill, Ball Pàrlamaid

Gillebrìde MacIlleMhaoil, Tidsear a' fuireach sa Spàinn

Seonag NicDhonnchaidh, Oifigear Foghlam Ealain

Cliog air an inneal GPS a th' air leabaidh A' Bhothain gus earrann nam filmichean fosgladh. Cleachd na saighdean airson film a lorg.

A' cur na Gàidhlig ann an co-theacsa ùr-nodha mar chànan a tha iomadh duine a' cleachdadh bho latha gu latha.
Am Bothan: Bhidiothan Spòrs Naoi bhidiothan spòrs:
  • curachadh
  • baidhsagalan beinne
  • iomain
  • ball-coise
  • marcachd thonn
  • bòrdadh-sneachda
  • rugbaidh
  • abseileadh
  • surfadh

Air gach bhidio, tha clàr-crìche eadar-ghnìomhail a tha a' leigeil leis an neach-ionnsachaidh ainmearan spòrs co-cheangailte ris an ìomhaigh dheireannaich sa bhidio a rannsachadh is a lorg.

Airson bhidio a choimhead, tagh am Bòrd Fiosrachaidh anns a' Bhothan.

Cothrom dhan neach-ionnsachaidh air naoi phrìomh ghnìomhairean anns an tràth chaithte, làthaireach agus theachdail, ann an cruth claistinn, lèirsinn agus sgrìobhte

Gnìomhairean:

Bhuail; a' bualadh; buailidh

Ghluais; a' gluasad; gluaisidh

Dh'èigh; ag èigheachd; èighidh

Chuir; a' cur; cuiridh

Dh'fhalbh; a' falbh; falbhaidh

Dh'iarr; ag iarraidh; iarraidh

Dh' fheuch; a' feuchainn; feuchaidh

Dh' ionnsaich; ag ionnsachadh; ionnsachaidh

Dh'fhàs; a' fàs; fàsaidh

Am Bothan: Beachdan luchd-tadhail

Cothrom beachdan a dh'fhàg luchd-tadhail Ionad Dealais a leughadh.

Tha bhidio an cois gach beachd le fiosrachadh farsaing mun bhaile sa bheil an neach-tadhail a' fuireach:

Tagh an coimputair anns a' Bhothan airson na trì bhidiothan a choimhead.

  • • Francesca às an Ròimh san Eadailt
  • • Costas à Baile na h-Àithne sa Ghrèig
  • • Chantal à Paris san Fhraing

Cothrom beachd a sgrìobhadh agus a shàbhaladh.

Faireachdainnean agus beachdan pearsanta

Brosnachadh gus pìos a sgrìobhadh, coltach ris an fheadhainn a sgrìobh an luchd-tadhail roimhe

Eachdraidh an àite: àitichean inntinneach

Tar-shealladh air an àite agus prìomh thogalach a' bhaile. Beagan eachdraidh mu na h-oilimpigs

Seallaidhean Paris is fiosrachadh air sluagh na dùthcha is na tha ri fhaicinn

Am Bothan: An telebhisean Trì bhidiothan anns a bheil ro-ràdh goirid agus beagan fiosrachaidh mu chànan, eachdraidh agus ceòl na Gàidhlig. Cliog air an telebhisean airson earrann nam filmichean fhosgladh. Tagh bhidio a' cleachdadh na trì putain dathte. Thar-shealladh air suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba.
Am Bothan: An rèidio Cothrom ceangal a dhèanamh ri cluicheadair rèidio BBC Radio nan Gaidheal aig bbc.co.uk/alba.

Raon farsaing de phrògraman ciùil, aithriseach agus còmhraidh bho BBC Radio nan Gàidheal rin cluinntinn beò no tro ghoireas Èist a-rithist.

Cothrom Gàidhlig a chluinntinn mar chànan beò air a bruidhinn gu nàdarra ann an iomadh blas is dualchainnt.

Air ais | 




Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.