Notaichean Tidseir

Notaichean Tidseir



'S e sgilean Gàidhlig a leasachadh amas na làraich seo. Tha i gu sònraichte ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, ag obair a dh' ionnsaigh an dàrna is an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Dh'fhaodadh cuid de na gnìomhan cuideachd a bhith iomchaidh do luchd-ionnsachaidh aig diofar ìrean. A rèir comas na cloinne ann an Gàidhlig, dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na làraich a cheangal ri cuspairean eile sa churraicealam. Tha iomairt air a dhèanamh cuid dhiubh sin a dhealbh agus a-rithist, a rèir dè an cànan a thathar a' cleachdadh, dh' fhaodar a bhith ag obair thar diofar ìrean.

Dealas

Is ann tro chuspair Ionad nan Cur-seachadan a tha fiosrachadh na làraich stèidhichte agus tro na prìomh charactaran: Finn, Eilidh agus Ceit.

Dh'fhaodar tadhal air diofar àitichean aig an Ionad:

  • • Am Bothan
  • • Taigh Spòrs
  • • Ionad Teasairginn

'S ann tro bhidiothan agus dràmathan ghoirid a gheibhear an cothrom:

  • - Leudachadh air briathrachas na Gàidhlig
  • - Barrachd eòlas a chur air structair is gnàthasan-cainnt na Gàidhlig
  • - Gàidhlig ionnsachadh tro chuspairean a tha iomchaidh dhaibh aig an aois
  • - Èisteachd ri Gàidhlig tro thachartasan coimhearsneachd
  • - A bhith nas mothachail mu chothroman spòrs is cur-seachadan an Alba
  • - Sgilean a leasachadh a dh'fhaodadh a bhith feumail nam beatha
  • - Beachdachadh air dualchas agus àrainneachd na h-Alba
  • - Fiosrachadh ionnsachadh mu eachdraidh spòrs ann an Alba
  • - Ionnsachadh mu shàbhailteachd ann an diofar spòrs
  • - Daoine a choinneachadh a tha a' cleachdadh Gàidhlig nan obair laitheil
  • - Ionnsachadh mu àitichean is cànanan eile san Roinn Eòrpa

Tha fiosrachadh agus clàr mu gach gnìomh air a dhealbh gus tar-shealladh a thoirt air a' ghoireas. Cuideachd tha builean air an dealbh, a' sealltainn cuid a dhòighean obrachadh a dh'ionnsaigh builean a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Chan eil annta ach tòiseach-tòiseachaidh. Tha e a rèir mar a chleachdar an goireas faicinn dè an fheadhainn as iomchaidh agus cuideachd dh'fhaodar gum bi feum air obair leudachaidh airson an coileanadh.





Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.