Mun làraich

'S e làrach Saidheans a th' ann an Axon a tha ag amas air sgoilearan ag obair a dh'ionnsaigh an 3mh agus 4mh Ìrean de Churraicealam airson Sàr-mhathais. Air a' làraich, tha na gnìomhan Saidheans a leanas agus dràma Gàidhlig ann an 6 pàirtean (90 mion gu lèir):

Misean 1: Trèanadh Misean 2: Corp boglaich Dràma
Stuadhan Mun bhoglaich 1. An Litir
Spreadhaidhean Mun chorp 2. Am Buncair
Casg an lobhaidh 3. Am Monrovia
Deuchainnean air Meatailtean 4. An Nàmhaid
Duilleagan agus Poilean 5. A' Helics
6. Am Buachaille

Tha an t-ionnsachadh a' tighinn tro sgeulachd a tha a' leudachadh a-mach air falbh bho àrainneachd sgoile.

Tha Axon nan lìonra air-loidhne de luchd-saidheans iomagaineach a tha ag obair airson ceartais. Thathas ag iarraidh air sgioba Axon, agus air an neach-cleachdaidh a tha ag obair do dh'Axon, mìneachadh saidheansail a dhèanamh air dà thachartas annasach:

Misean 1. Dè thachair don MV Monrovia a chaidh à dhìth air oidhche stoirmeil.

Misean 2. Tha a' Bh-ph Ceri Davies air corp a lorg ann am boglach sa Chuimrigh. An e dha-rìribh corp Naomh Seiriol, naomh Cuimreach a bhàsaich o chionn 1500 bliadhna, a th' ann?

Tha gach misean air fhoillseachadh le àidseantan Axon a' cur fiosrachadh, deuchainnean is pìosan-obrach chun an neach-ionnsachaidh. Tha iad seo a' tighinn, mean air mhean, tron Lìonadair, a th' air taobh chlì na sgàilean.

Tha an lìonadair a' leigeil leis an neach-ionnsachaidh rannsachadh a dhèanamh air rudan sa bheil ùidh aca fhèin agus aig ìre a tha a' freagairt orra. Tha na caractaran a th' ann an Axon a' stiùireadh agus a' treòrachadh luchd-ionnsachaidh tron mhisean air fad, agus tha iad mar phàirt den sgeulachd. Tron mhisean, tha Axon ag iarraidh fiosrachadh a chur air ais thuca agus cuiridh iad fhèin fiosrachadh agus stiùireadh air ais chun an neach-ionnsachaidh.

Chan eil slighe ceart no ceàrr tron stuth, agus chan eil na pìosan-obrach air an ceartachadh. An àite sin, 's urrainn do luchd-ionnsachaidh na toraidhean agus na lorgaidhean aca fhèin a mheas mar phàirt den sgeulachd air fad. Chaidh Aithisgean a' Mhisein an dealbh gu sònraichte gus seo a choileanadh. Tha caractaran Axon, mar as trice, am prìomh Neach-saidheans agus Sam, an Ceannard, a' cur fiosrachadh air ais tro na h-aithisgean.

Sàbhail adhartas
Sàbhail adhartas sa ghèam le bhith a' taghadh ainm-cleachdaidh. Cha tèid a shàbhaladh ach a-mhàin air a' choimpiutair air a bheil an neach-cleachdaidh ag obair aig an àm agus cha ghabh a luchdachadh ach a-mhàin air an inneal shònraichte sin an dèidh làimh.

Taic Fuaim is Teacsa
Cliog Roghainnean gus:


Chan fhaighear gu na roghainnean sin bhon earrainn Pàrantan & Tidsearan.

Gheibhear gun chuid as motha den t-susbaint le bhith a' cleachdadh a' mheur-chlàir.

Dràma Axon

Dràma Gàidhlig, ann an 6 earrannan (90 mion gu lèir). Tha an sgeulachd a' leantainn sgioba Axon, Sam Deane, nighean a tha ochd bliadhna deug, a caraid Mac, agus neach-saidheans air a bheil Owen Price, 's iad a' dèanamh rannsachadh mu bhàta a chaidh air chall, an MV Monrovia. Fhad 's a tha iad a' sgrùdadh, tha an t-ainm Sir Philip Carter a' nochdadh uair is uair; 's esan Cathraiche Corp International, companaidh saidheans anns an robh athair Sam an sàs mus deach esan a dhìth o chionn 17 bliadhna. Saoil an lorg Axon freagairtean nan ceistean?

Faodar an dràma a chleachdadh leis fhèin a bharrachd air na dhòigh air a' sgeulachd a th' air cùlaibh Axon a mhìneachadh.

Cànan: Gàidhlig. Faodar fo-thiotalan Ghàidhlig a chur an sàs le bhith a' bruthadh air a' phutan 'ABC' air a' chluicheadair.

Na Prògraman
Cliog na ceanglaichean gu h-ìosal airson an dràma a choimhead:

1. An Litir

Sam, Mac, Sir Phillip Carter agus Rutherford

2. Am Buncair

Sam, Mac agus Owen anns a' Bhuncair

3. Am Monrovia

Sir Phillip Carter agus Rutherford ann an oifisean Corp International

4. An Nàmhaid

Sam agus Owen

5. A' Helics

A' Helics

6. Am Buachaille

Sir Phillip Carter agus Sam

An Lìonadair

Tha an Lìonadair air taobh chlì na sgàilean. Bheir e seachad fiosrachadh bho sgioba Axon air a bheil feum airson crìoch a chuir air misean.

Na Brathan
Tha putan an Lìonadair a' lasadh nuair a tha fios ùr a' feitheamh. Tha an àireamh de phìosan-fiosrachaidh ri fhaicinn an dèidh gach fear. Airson coimhead ri pìos fiosrachaidh, cliog air earrann agus an uair sin tagh tiotal an fhiosrachaidh sa chlàr-iùil.

Brìgh an fhiosrachaidh
Faodaidh e a bhith gur e bhidiothan, puist-dealan, deuchainnean no aithisgean a bhios anns an fhiosrachadh. Tha an ìomhaigh air an làimh dheis ag innse dhut dè a th' ann.

Bidh am fiosrachadh as ùire aig a' mhullach. Faodar na pìosan fiosrachaidh a leughadh uair is uair a-rithist.

Taic
Tagh ìomhaigh a' chomharra-ceist aig bonn an lìonadair airson cuideachadh fhaighinn.

Mu Mhisean 1: Trèanadh

Ag obair tro Misean 1: Trèanadh, bidh cothrom air dà ghnìomh Saidheans mu Stuadhan agus Spreadhaidhean air bòrd bàta. Ma thèid na dùbhlain a' choileanadh bidh an neach-cleachdaidh clàraichte nan àidseant aig Axon. Geibhear cuideachd barrachd a-mach mu sgeulachd Axon.

Spreadhaidhean

Tha Spreadhaidhean a' coimhead ri tachartasan ceimigeach, atharrachaidhean ann an staid stuthan agus atharrachaidhean lùtha, agus ri tachartasan shearbhagan. Tha an neach-ionnsachaidh a' coimhead dealbhachd a sheallas mar a dh'fhaodadh tachartasan spreadhach a bhith air gabhail àite air bòrd an MV Monrovia. Feumaidh iad an uair sin smaoineachadh mu na chunnaic iad, agus an inntinn a dhèanamh an-airde am b' e spreadhadh air bòrd a chur fodha i. Tha an saidheans air a shnìomh tro sgeulachd anns a bheil an luchd-ionnsachaidh a' gabhail pàirt, agus far a bheil iad a' fuasgladh cheistean.

Stuadhan

Tha an obair seo a' toirt air an neach-ionnsachaidh rannsachadh a dhèanamh air lùth gluasad na mara, agus air an atharrachadh lùth a tha a' tachairt nuair a bhuaileas e bàta. Tha seo a' toirt cothrom coimhead air a bhith ag atharrachadh agus a' stòradh lùth ann an suidheachaidhean eile, gu h-àraid ann an cumhachd nan stuadhan mar stòras lùth a tha maireannach.

Tha tanca nan stuadhan a' toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh a thighinn gu co-dhùnadh air am biodh lùth gu leòr ann an stuadh airson am Monrovia a chur fodha.

Mu Mhisean 2: Corp boglaich

Ag obair tro Misean 2: Corp boglaich, bidh cothrom air còig gnìomhan Saidheans stèidhichte air corp a tha dha lorg glèidhte ann am boglach. Geibhear cuideachd barrachd a-mach mu sgeulachd Axon.

Mun chorp
Chaidh corp a lorg ann am boglach mònach. Cuir crìoch air na trì pìosan obrach seo agus feuch ri nas urrainn dhut fhaighinn a-mach mun deidhinn. Dèan sgrùdadh air na dealbhan den chorp gus fiosrachadh fhaighinn mu bheatha agus mu bhàs an neach. Coimhead air na fiaclan gus an aois a bha e nuair a bhàsaich e a dhearbhadh, agus tomhais na cnàimhean gus àirde a' chuirp a lorg.

Mun bhoglaich
San obair seo, tha an luchd-ionnsachaidh a' faighinn fiosrachadh mu chruinn-eòlas, clach-eòlas, ceimigeachd agus bith-eòlas boglaich shearbhagaich. Fhad 's a tha iad a' lorg fiosrachadh, tha iad a' smaoineachadh air dè a tha feumail ann a bhith a' gleidheadh stuthan a bha beò. Tha cothroman ann thar chuspairean, oir chan ann a-mhàin ag ionnsachadh mu eag-shiostam na mòintich a thathar, ach cuideachd air a' bhuaidh a th' air a bhith aig mac an duine air àrainneachdan agus air eachdraidh chun an latha an-diugh. Tha an obair misneachail, agus tha seo a' cumail an aire air a' chuspair fhèin.

Tha cothroman ann a tha a' freagairt air diofar roinnean den churraicealam, a' coimhead air fiosrachadh mun chaitheamh-beatha a bh' aig an neach, mu bhith-eòlas, agus a' feuchainn ris an fhiosrachadh seo a chur ri àm shònraichte ann an eachdraidh.

Casg an lobhaidh
Tha an obair seo a' rannsachadh mar a bheir diofar shuidheachaidhean buaidh air lobhadh. Feumaidh an neach-ionnsachaidh rannsachadh a dhèanamh air a' bhuaidh a th' aig diofar ìrean de dh'uisge, ocsaidean, pH no teothachd air lobhadh a' chuirp. 'S e amas na h-obrach suidheachadh a lorg far an tèid corp a ghleidheadh, 's mar sin, gheibh an neach-ionnsachaidh air co-dhùnaidhean a ruighinn mun ùine a dh'fhaodadh an corp boglach a bhith air a bhith ann.

Deuchainnean air meatailtean
Chaidh nithean meatailt a lorg còmhla ris a' chorp ann am boglach Cors Las. Tro bhith a' faighinn a-mach cuin a chaidh an dèanamh, dh'fhaodadh seo aois a' chuirp innse. Chaidh nithean meatailt à Linn an Iarainn a lorg o chionn bliadhna no dhà ann am boglach eile, faisg air far an deach an corp a lorg. Dèan deuchainnean air na nithean meatailt a thàinig às an dà àite ann an eadar-sgaoilidhean searbhagach. Innsidh seo dhut dè th' annta, agus faodaidh tu coimeas a dhèanamh eatorra.

Tha an obair seo a' toirt chothroman thar a' churraicealam, a' coimhead air eachdraidh às-tharraing mheatailtean, agus mar a dh'fhaodas na meatailtean a th' anns gach stuth fiosrachadh cudromach a thoirt do arc-eòlaichean.

Duilleagan agus poilean
Tha Duilleagan agus Poilean air a chleachdadh gus lusan aithneachadh agus an seòrsachadh. Le bhith a' cleachdadh dà inneal shìmplidh, gheibhear a-mach dè na lusan a chaidh a lorg sa bhoglaich.

Tha an obair a' toirt chothrom a' mhòinteach a thoirt fa chomhair luchd-ionnsachaidh mar àite feumail ann an eachdraidh. Tha stuth glèidhte ann am mòine a' toirt dhut fiosrachadh mun aimsir, air lusan, 's air iomadach rud eile, thar ùine.

Tha an obair cuideachd a' toirt chothroman thar a' churraicealam airson coimhead ri ciamar a thathar air a bith a' cleachdadh lusan tro eachdraidh. Ann an seo, tha seòrsa an lusa a' toirt fiosrachadh dhuinn a bheir freagairtean a thaobh cò às a thàinig an corp a chaidh a lorg sa bhoglaich.