Pàrantan & Tidsearan

Mun làraich



'S e làrach Saidheans a th' ann an Axon a tha ag amas air sgoilearan ag obair a dh'ionnsaigh an 3mh agus 4mh Ìrean de Churraicealam airson Sàr-mhathais. Air a' làraich, tha na gnìomhan Saidheans a leanas agus dràma Gàidhlig ann an 6 pàirtean (90 mion gu lèir):

Misean 1: Trèanadh Misean 2: Corp boglaich Dràma
Stuadhan Mun bhoglaich 1. An Litir
Spreadhaidhean Mun chorp 2. Am Buncair
Casg an lobhaidh 3. Am Monrovia
Deuchainnean air Meatailtean 4. An Nàmhaid
Duilleagan agus Poilean 5. A' Helics
6. Am Buachaille

Tha an t-ionnsachadh a' tighinn tro sgeulachd a tha a' leudachadh a-mach air falbh bho àrainneachd sgoile.

Tha Axon nan lìonra air-loidhne de luchd-saidheans iomagaineach a tha ag obair airson ceartais. Thathas ag iarraidh air sgioba Axon, agus air an neach-cleachdaidh a tha ag obair do dh'Axon, mìneachadh saidheansail a dhèanamh air dà thachartas annasach:

Misean 1. Dè thachair don MV Monrovia a chaidh à dhìth air oidhche stoirmeil.

Misean 2. Tha a' Bh-ph Ceri Davies air corp a lorg ann am boglach sa Chuimrigh. An e dha-rìribh corp Naomh Seiriol, naomh Cuimreach a bhàsaich o chionn 1500 bliadhna, a th' ann?

Tha gach misean air fhoillseachadh le àidseantan Axon a' cur fiosrachadh, deuchainnean is pìosan-obrach chun an neach-ionnsachaidh. Tha iad seo a' tighinn, mean air mhean, tron Lìonadair, a th' air taobh chlì na sgàilean.

Tha an lìonadair a' leigeil leis an neach-ionnsachaidh rannsachadh a dhèanamh air rudan sa bheil ùidh aca fhèin agus aig ìre a tha a' freagairt orra. Tha na caractaran a th' ann an Axon a' stiùireadh agus a' treòrachadh luchd-ionnsachaidh tron mhisean air fad, agus tha iad mar phàirt den sgeulachd. Tron mhisean, tha Axon ag iarraidh fiosrachadh a chur air ais thuca agus cuiridh iad fhèin fiosrachadh agus stiùireadh air ais chun an neach-ionnsachaidh.

Chan eil slighe ceart no ceàrr tron stuth, agus chan eil na pìosan-obrach air an ceartachadh. An àite sin, 's urrainn do luchd-ionnsachaidh na toraidhean agus na lorgaidhean aca fhèin a mheas mar phàirt den sgeulachd air fad. Chaidh Aithisgean a' Mhisein an dealbh gu sònraichte gus seo a choileanadh. Tha caractaran Axon, mar as trice, am prìomh Neach-saidheans agus Sam, an Ceannard, a' cur fiosrachadh air ais tro na h-aithisgean.

Sàbhail adhartas
Sàbhail adhartas sa ghèam le bhith a' taghadh ainm-cleachdaidh. Cha tèid a shàbhaladh ach a-mhàin air a' choimpiutair air a bheil an neach-cleachdaidh ag obair aig an àm agus cha ghabh a luchdachadh ach a-mhàin air an inneal shònraichte sin an dèidh làimh.

Taic Fuaim is Teacsa
Cliog Roghainnean gus:

  • cùl-dhath agus dath an teacsa atharrachadh
  • teacsa na sgriona a chluinntinn ga leughadh
  • fo-thiotalan a chur ri susbaint na bhidio agus ris an obair chlaistinnich.

Chan fhaighear gu na roghainnean sin bhon earrainn Pàrantan & Tidsearan.

Gheibhear gun chuid as motha den t-susbaint le bhith a' cleachdadh a' mheur-chlàir.



Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.