Notaichean Tidseir - Geamannan an t-Sionnaich

Notaichean Tidseir - Geamannan an t-Sionnaich



Tha na gnìomhan seo a' sealltainn mar a thèid tuigse fhaighinn air àireamhan mar cuspairean cunntaidh a ghabhas an cur còmhla. Tha na creutairean rin canar Smeabalan co-ionann ri na cunntairean, grìogagan is blocaichean a bhios clann tric a' cleachdadh gus ionnsachadh mu cur ris, toirt air falbh, iomadachadh is roinneadh sa chlas. 'S e an amas Sionnach a chuideachadh a' lìonadh nan soithichean-fànais leis an àireamh cheart de Smeabalan le cho beag oidhirpean 's a ghabhas.

Geamannan an t-Sionnaich
Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Sionnach a' lìonadh nan soithichean-fànais leis an àireamh cheart de Smeabalan le na h-àireamhan as lugha de dh'oidhirpean. Tha an àireamh a tha riatanach air a taisbeanadh air na soithichean. Ann an cuid de gheamannan feumaidh tu an soitheach-fànais a lìonadh a rèir na riaghailt a th' air cliathaich na soithich, e.g. àireamhan cothromach a-mhàin no iomadan de 10 a-mhàin.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta is gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an 6 buidhnean de 10 geamannan den aon ìre duilgheadais:

• sgòth (1 gu 10)
• tràigh (11 gu 20)
• creagan (21 gu 30)
• caisteal (31 gu 40)
• pioramaid (41 gu 50)
• coille (51 gu 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam anns gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.

Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas a th' agad an soitheach-fànais a lìonadh le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a bhuileachadh aig crìoch gach geama a rèir na chaidh a dhèanamh de dh'oidhirpean. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart bidh an àireamh oidhirpean ga thaisbeanadh air oir dheis an sgriona aig a' mhullach. Tha oidhirp a' gabhail a-steach:

• a' cur Smeabalan ris an t-sloc
• a' toirt Smeabalan air falbh bhon t-sloc
• a' falmhachadh an t-sloc le putan glanaidh
• a' sgèith an t-soithich-fànais thairis air an t-sloc.

Stiùireadh a' Gheama

• Airson na Smeabalan a shuidheachadh anns an t-sloc, cliog air na botail ri oir an t-sloc. Bidh àireamh nam botal eadar-dhealaichte bho ghèam gu gèam.

• Cliog air a' phutan cuir ris airson toirt air na botail Smeabalan a chur ris an t-sloc.

• Cliog air a' phutan thoir air falbh airson toirt air na botail Smeabalan a thoirt air falbh bhon t-sloc.

• Nuair a bhios an àireamh cheart de Smeabalan sa bhotal, cliog air an t-soitheach-fànais airson toirt oirre sgèith os cionn an t-sloc agus Smeabalan a thoirt suas.

• Cliog air a' phutan glanaidh (ri taobh putanan cuir ris is thoir air falbh) airson na Smeabalan uile a thoirt às an t-sloc.

• Nuair a tha botal falamh aig taobh deis an t-sreatha, faodaidh tu taghadh an àireamh Smeabalan a chuireas am botal ris an t-sloc. Cliog air a' bhotal fhalamh gus toirt air na Smeabalan a chur dhan t-sloc is an stòradh ann. Cliog air a-rithist gus toirt air an t-sloc a lìonadh leis an àireamh Smeabalan a ghabh e a-steach. Cliog air a' phutan glanaidh ri thaobh airson na Smeabalan a thoirt às.

• Nuair a tha cuid de dh'uinneagan an t-soithich falamh, feumaidh tu sreath nan àireamhan sna h-uinneagan a chomharrachadh agus na h-uinneagan falamh a lìonadh le àireamhan a tha a' coileanadh an t-sreatha.

• Bidh botail bhoillsgeach a' dol à sealladh nuair a thèid an cleachdadh aon uair is mar sin nuair a chluicheas tu geamannan anns a bheil iad sin, feumaidh tu smaoineachadh eadhon nas faiceallaiche mu mar a tha thu dol a dhèanamh an-àirde na h-àireamhan a dh'fheumas tu.

• Cliog air an t-sloc gus taisbeanadh àireamh nan Smeabal sna botail agus san t-sloc.

• Cliog air a' phutan ath-thòiseachaidh san oir dheis aig a' mhullach airson an gèam a chluich a-rithist bhon toiseach.

• Innsidh Sionnach dhut dè an t-suim a rinn thu agus nochdaidh an t-suim aig oir chlì an sgriona aig a' bhonn.

• Chan fhaodar buinn sam bith a bhuainnichear is a chaidh a thaisbeanadh a chumail ach a-mhàin fhad 's a tha an seisean sònraichte sin a' dol air adhart.

• Cha ghabh broinn an t-sloc ach 100 Smeabalan.

• Cliog air Sionnach airson cuideachadh.

Geamannan Rannsachadh an t-Sionnaich
Cliog air comharra a' bhailiùin gus trì gnìomhan rannsachaidh neo-chuibhrichte a chluich. Tha soithichean is botail air an suidheachadh an toiseach gus brosnachadh a thoirt do rannsachadh air bun-bheachd shònraichte ach chan eil targaidean ro-shuidhichte sam bith ann. Tha iad air an dealbh airson gun cluich clann iad nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tidsear.

Tha trì gnìomhan rannsachaidh ann:

Rannsachadh 1 (Soitheach-fànais orains)
Lìon na tuill san t-soitheach leis an àireamh Smeabalan a tha a rèir an àireimh a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:

• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• dùblachadh.

Rannsachadh 2 (Soitheach-fànais uaine)
Lìon an t-soitheach-fànais fhalamh le na thogras tu de Smeabalan. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh. Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:

• cunntadh air adhart is air ais ann am buidhnean de 2, 5, 6, 7, 8, 9 agus 10.

Rannsachadh 3 (Soitheach-fànais dhearg)

Lìon an t-soitheach riaghailt leis an àireamh de Smeabalan a tha a' gabhail ris an riaghailt a tha sgrìobhte air a cliathaich. Aon uair 's gu bheil thu air an t-soitheach a lìonadh nochdaidh soitheach ùr fhalamh.

Tha an riaghailt a' gabhail a-steach:
• àireamhan corra
• àireamhan cothromach
• iomadan de 2
• iomadan de 5
• iomadan de 10
• àireamhan a' crìochnachadh le 0.

Tha a' ghnìomh seo a' toirt seachad fiosrachadh mu:
• iomadan de 2, 5 agus 10
• àireamhan corra is cothromach
• àireamhan a' crìochnachadh le 0.



Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.