Notaichean Tidseir

Notaichean Tidseir



Tha an làrach seo ag amas air clann òg a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha geammanan àireamh na làraich stèidhichte air trì geamannan rannsachaidh:

• cunnt air ais 's air adhart air an loidhne àireimh cuide ris a' Choineanach
• lìon soitheach-fànais leis an àireamh cheart de Smeabalan cuide ri Sionnach
• rèitich na sgogain le taic bho Eun gus an cuir tro na dorsan agus air adhart chun rùm stòrais.

Aon, Dhà, Trì

'S ann tro na geamannan seo a gheibh luchd-cleachdaidh an cothrom:

• sgilean fuasgladh-cheist a bhrosnachadh
• barrachd dànachd a thoirt don chloinn
• obair rannsachaidh a dhèanamh tro obair mhatamataig
• briathrachas matamataig a leasachadh ann an Gàidhlig
• an tuigse air obraichean àireimh a mheudachadh
• spòrs fhaighinn bho obair mhatamataig.

Ceanglaichean Curraicealaim

Tha clàr mu gach gnìomh air a dhealbh gus sealltainn mar a tha an goireas na thaic gus builean Curraicealam airson Sàr-mhathais a choileanadh. Dh'fhaodadh gum bi cothroman eile ann cuideachd a rèir mar a thathar airson an goireas a chleachdadh.

Na Geamannan

Geamannan an t-Sionnaich

Tha an neach-cleachdaidh a' taghadh iad seo: an coineanach, an t-eun no an sionnach. Tha dà thaghadh aca an uairsin:

• slighe a' chupain far a bheil 60 diofar gèam aig gach beathach, thairis air sia diofar ìrean de dhuilgheadas.
• slighe a' bhailiùn far a bheil 30 diofar gèam aig gach beathach.

Aig deireadh geama tha luchd-cleachdaidh a' faighinn bonn òir, airgid no umha. Faodaidh iad cuideachd 'ath-chluich' a thaghadh gus am faic iad na tha iad air dèanamh air a chluich a-rithist.

Bhidiothan

Tha bhidio aig deireadh gach geama anns a bheil òrain a' mìneachadh sgil fuasglaidh sònraichte leithid:

• a' planadh
• a' feuchainn is a' leasachadh
• a' smaoineachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte
• a' lorg phàtrain
• a' lorg dòigh-obrach a tha freagarrach
• a' cur duilgheadas ann an suidheachadh cumanta
• a' dèanamh dealbh dhen duilgheadas
• a' bruidhinn mu dhuilgheadasan
• a' faighneach 'dè ma?'
• a' briseadh dhuilgheadasan sìos
• a' lorg dol-às nuair nach eilear a' faighinn air adhart.


Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.