Notaichean Tidseir - Geamannan an Eòin

Notaichean Tidseir - Geamannan an Eòin



Tha na geamannan seo coltach ri obair clasa far am bi a' chlann a' rèiteachadh chiùban co-naisgte ann an diofar àireamh shreathan is chuilbh. 'S e Sgogain a chanar ri na samhlaidhean coimpiutair de na ciùban sin. Feumar an stiùireadh tro sreath thòimhseachain airson an rùm stòrais a ruighinn. Feumar na Sgogain a chur ann an òrdugh gus am bi na buidhnean a tha iad a' cruthachadh den mheudachd is den chumadh cheart airson a dhol air adhart gun ath phàirt den obair.

Geamannan an Eòin
Cliog air comharra a' chupa airson na geamannan a chluich. Cuidich Eun le bhith a' gluasad na Sgogain gun ionmhas leis an àireamh oidhirpean as lugha. Dèan ceart-cheàrnach no ceàrnag Sgogain den mheudachd cheart gus am faigh e air gluasad bho aon rùm gun ath fhear. Cleachd na cuspairean a th' anns an rùm gus do chuideachadh.

Tha 60 gèam ann. 'S e gèam 1 as fhurasta agus gèam 60 as doirbhe. Tha na geamannan air an rèiteachadh ann an sia buidhnean de dheich gheamannan de dhuilgheadas co-ionann:

• Làbha (1 to 10)
• Criostal (11 to 20)
• Fàsach (21 to 30)
• Dlùth-choille (31 to 40)
• Snàigear (41 to 50)
• Fiacail (51 to 60).

Faodar geamannan a chluich ann an òrdugh sam bith. Tha an deicheamh gèam aig gach ìre glaiste agus feumaidh tu cupa òir a bhuannachadh sna naoi geamannan eile airson fhosgladh.

Amasan nan Geamannan
'S e an t-amas agad an Sgogan a stiùireadh chun rùm stòrais le cho beag oidhirpean 's a ghabhas. Thèid duais òir, airgid no umha a thoirt seachad aig crìoch gach geama a rèir an àireamh oidhirpean a bh' ann. Fhad 's a tha an gèam a' dol air adhart tha an àireamh oidhirpean gan taisbeanadh aig oir chlì an sgriona aig a' mhullach. Tha oidhirp air a chunntais le bhith a' dèanamh na leanas:

• a' cur car den Sgogan
• ag ath-shuidheachadh an Sgogain
• a' cleachdadh nan innealan cur ris, toirt air falbh, iomadachaidh, roinnidh, dùblachaidh no letheachaidh
• a' gluasad bho aon rùm gu fear eile.

Stiùireadh nan Geamannan
• Cliog air an Eun airson cuideachadh claistinneach.
• Cliog air ceart-cheàrnach Sgogain airson an àireamh a tha na bhroinn a thaisbeanadh.
• Cleachd na putanan air a' chlàr clì airson ceart-cheàrnach Sgogain a ghluasad, a chur mu chuairt is ath-rèiteachadh. Tha map an tòimhseachain a' nochdadh air an làimh dheis.

Am Putan Cuairteachaidh
Am Putan Cuairteachaidh Cliog air an seo (no brùth air a' bhar-bheàrn air a' mheur-chlàr) airson car cairtealach a chur dhan Sgogain.

Am Putan Ath-rèiteachaidh
Am Putan Ath-rèiteachaidh Cliog air an seo gus an Sgogan ath-rèiteachadh gu ceart-cheàrnach de dhiofar fhaid is leòid.

Putan Ath-thòiseachaidh an Rùim
Putan Ath-thòiseachaidh an Rùim Tha seo a' toirt cothrom an gèam a thòiseachadh a-rithist.

Putanan Gluasaid
Putanan Gluasaid Cliog air na putanan gluasaid (no cleachd na h-iuchraichean saigheid air a' mheur-chlàr) airson an Sgogan a ghluasad a dh'ionnsaigh cuspairean san rùm agus gu rumannan eile.

Map
Tha am map sa chlàr dheis a' sealltainn nan rumannan sa ghèam ghnàthaichte. Cliog air rùm airson faicinn a-steach ann.

Cuspairean a' Gheama
Tha na cuspairean a leanas sna geamannan:

Doras
Putan an Doras Tha dorsan a' toirt cothrom dha Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Chan urrainn dha ceart-cheàrnach an Sgogain a dhol tro dhoras mur eil e an aon leud ris an doras sin m.e. le doras a tha ceithir blocaichean a leud 's e a-mhàin ceart-cheàrnach Sgogain de cheithir bhlocaichean a leud a gheibh troimhe.

Ioma-shruth
Putan Ioma-shruth Bheir ioma-shruthan cothrom dha àireamh shònraichte de Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh an dearbh àireamh a th' air a thaisbeanadh air an ioma-shruth a bhith air ceart-cheàrnach Sgogain mus fhaigh e troimhe m.e. cha cheadaich ioma-shruth le àireamh dhà-dheug ach ceart-cheàrnach le dhà-dheug Sgogan a dhol troimhe.

Tunail
Putan an Tunail Tha tunailean a' toirt cothrom dha Sgogain a dhol troimhe gun ath rùm. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon mheud is chumadh ris an tunail mus fhaigh e air a dhol troimhe.

Inneal Cuir Ris
Putan an t-Inneal Cuir-ris Tha seo a' cur tuilleadh Sgogain ris. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' cur dà Sgogan ris ach a-mhàin le ceart-cheàrnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.

Inneal Toirt air Falbh
Putan an t-Inneal Toirt air falbh Tha seo a' toirt air falbh Sgogain. Feumaidh ceart-cheàrnach Sgogain a bhith den aon leud ris an inneal mus obraich e, m.e. chan obraich an t-inneal a bhios a' toirt dà Sgogain air falbh ach a-mhàin le ceart-cheàrnach Sgogain a tha de leud dà bhloca.

Inneal Letheachaidh
Putan an t-Inneal Letheachaidh Tha seo a' dèanamh leth air àireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheàrnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.

Inneal Dùblachaidh
Putan an t-Inneal Dùblachaidh Tha seo a' dùblachadh àireamh nan Sgogan. Faodaidh a' cheart-cheàrnach a bhith de chumadh is mheud sam bith.

Inneal Iomadachaidh
Putan an t-Inneal Iomadachaidh Tha seo ag iomadachadh àireamh nan Sgogan a rèir àireamh nan ceàrnag na leud, m.e. nì inneal iomadachaidh a tha dà bhloca de leud iomadachadh air àireamh nan Sgogan le dhà. Chan obraich an t-inneal seo ach a-mhàin ma tha ceart-cheàrnach Sgogain an aon leud ri gàirdeanan an inneil.

Inneal Roinnidh
Putan an t-Inneal Roinnidh Tha seo a' dèanamh roinneadh air àireamh nan Sgogan a rèir àireamh nan ceàrnag a tha na leud, m.e. roinnidh inneal roinneachaidh a tha de leud dà bhloca àireamh nan Sgogan le dhà. Chan obraich an t-inneal ach a-mhàin ma bhios ceart-cheàrnach Sgogain an aon leud ri gàirdeanan an inneil.

Geamannan Rannsachaidh an Eòin
Cliog air comharra a' Bhailiùin air ceum an Eòin airson na gnìomhan rannsachaidh a thaghadh. 'S e geamannan neo-chuibhrichte a th' annta far nach eil targaidean sam bith suidhichte agus thathas a' brosnachadh na cloinne gu bhith a' rannsachadh nan dòigh fhèin. Tha iad air an dealbh gus an cluich clann leotha nan aonar, le pàiste eile no le pàrant no tidsear.

Ann an Rannsachadh 1 (am bailiùn air an làimh chlì) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 2, 3, 4, 5 agus 10
• obair mhùiteach shìmplidh.

Ann an Rannsachadh 2 (am bailiùn air an làmh dheis) tha fiosrachadh mu:
• cunntadh air adhart ann am buidhnean de 6, 7, 8 agus 9
• iomadan de 2, 5 agus 10
• obair mhùiteach.

Stiùireadh Rannsachaidh
• Faodar na tòimhseachain atharrachadh le bhith ag atharrachadh feartan nan cuspairean a th' anns na rumannan. Ma tha thu airson cuspair atharrachadh cliog air agus an uairsin cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh a nochdas gus a dhèanamh nas motha no nas lugha.

• Faodar cuideachd cuspairean ùra a thoirt a-steach. Tha ìomhaighean ann airson dorsan, innealan cur ris is toirt air falbh air clàr dheis an sgriona. Airson aon de na cuspairean sin a shuidheachadh ann an rùm, cliog air ìomhaigh agus slaod dhan rùm e. Cleachd na putanan cur ris is thoir air falbh airson an cuspair a dhèanamh freagarrach. Thoir cuspairean air falbh bho rumannan le bhith a' cliogadh orra agus gan slaodadh a-mach. Faodaidh tu rùm ùr a chruthachadh le bhith a' cur doras air balla agus a' gluasad an Sgogan troimhe.

• Nuair a nochdas bailiùn dearg, gluais na Sgogain thuige agus tòisich obair rannsachaidh ùr.



Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.